Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite 2018

03/2018

Thèid an ceathramh farpais bàrdachd Gàidhlig airson Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite a chumail am-bliadhna.  Chaidh an fharpais a chur air chois leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill mar chuimhneachan air a nighinn, Deborah, a dh’ eug aig aois glè òg.   Bidh an fharpais air a ruith a-rithist le Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, anns an Eilean Sgitheanach.

‘S e bàrdachd air cuspair co-cheangailte ri craobhan a thathar a’ sireadh agus thathar a’ toirt fiathachadh do neach sam bith a bhios ri bàrdachd no aig am biodh ùidh na leithid dàn a sgrìobhadh mu dheidhinn Freumhan/Freumhaichean. Thèid na dàin am meas le pannal de luchd-litreachais agus bidh duais de £500 air a thoirt seachad airson an dàin a thèid a thaghadh leis a’ phannal.  Feumaidh dàin a bhith air an cur gu Cairistìona NicCoinnich, Rùnaire a’ Phrionnsapail, aig an t-seòladh post-d a leanas ro 4mh an t-Ògmhìos:  runaire@smo.uhi.ac.uk  Cuimhnichibh nach urrainn do neach a bha soirbheachail roimhe cur a-steach air a shon a-rithist.

Thuirt an Ridire Iain MacDhòmhnaill ‘Tha an fharpais seo na dhòigh iomchaidh air na ceanglaichean teaghlaich leis a’ chànan is a’ chultar a thogail agus air cur ri dualchas bàrdachd na Gàidhlig agus a’ chinnidh. Tha cuspair na bliadhna seo a’ toirt cothroim do bhàird togail air eachdraidh is gnè ar dualchais is ar cultair.’

Thuirt Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, an t-Oll Boyd Robasdan, ‘Tha e math gu bheil an cothrom seo aig bàird is bana-bhàird na Gàidhlig gach bliadhna an sgilean a chur an sàs agus a thoirt am follais. Tha e na thogail gu bheilear air mu fhichead dàn fhaotainn airson na farpais gach bliadhna agus bidh sinn an dòchas gun cuir a cheart uimhir no barrachd peann ri pàipear no corrag ri meur-chlàr am-bliadhna.’

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig Ionad Chlann Dhòmhnaill air Disathairne 29 Sultain 2018.