Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite

04/2016

Thèid an dàrna farpais bàrdachd Gàidhlig airson Duais Bàrdachd MacDhòmhnaill Shlèite a chumail am-bliadhna.  Chaidh an fharpais a chur air chois leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill mar chuimhneachan air a nighinn, Deborah, a dh’eug a’ bhon-uiridh.   Bidh an fharpais air a ruith a-rithist le Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, anns an Eilean Sgitheanach. 

‘S e bàrdachd air cuspair co-cheangailte ri craobhan a thathar a’ sireadh agus thathar a’ toirt fiathachadh do neach sam bith a bhios ri bàrdachd no aig am biodh ùidh na leithid dàn a sgrìobhadh mu dheidhinn fiùran (sapling). Thèid na dàin am meas le pannal de luchd-litreachais agus bidh duais de £500 air a thoirt seachad airson an dàin a thèid a thaghadh leis a’ phannal.  Feumaidh dàin a bhith air an cur gu Cairistìona NicCoinnich, Rùnaire a’ Phrionnsapail, aig an t-seòladh post-d a leanas  ro 3 Ògmhìos:  runaire@smo.uhi.ac.uk

Thuirt an Ridire Iain MacDhòmhnaill ‘Tha mi faicinn na farpais seo mar dhòigh iomchaidh air na ceanglaichean teaghlaich leis a’ chànan is a’ chultar a thogail agus air cur ri dualchas bàrdachd na Gàidhlig agus a’ chinnidh.’

Thuirt Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, an t-Oll Boyd Robasdan,‘Tha e math gu bheil an cothrom seo aig bàird is bhan-bhàird na Gàidhlig gach bliadhna an sgilean a chur an sàs agus a thoirt am follais. Thug e togail dhuinn gun do ghabh uimhir pàirt san fharpais sa chiad bhliadhna agus bidh sinn an dòchas gun cuir a cheart uimhir no barrachd peann ri pàipear no corrag ri meur-chlàr an turas seo.’