Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Duais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite 2019

10/2019

B’ e dithis a bhuannaich Farpais Bàrdachd MhicDhòmhnaill Shlèite am-bliadhna – Flòraidh NicDhòmhnaill, a sgrìobh ‘An Duilleag’ agus Màrtainn Mac an t-Saoir leis an dàn ‘Slànachadh’.  Chaidh an fharpais, a tha air a ruith le Sabhal Mòr Ostaig ann an co-bhonn le Urras Oighreachd Chlann Dòmhnaill, a stèidheachadh leis an Ridire Iain MacDhòmhnaill Shlèite mar chuimhneachan air a nighinn, Deborah, a dh’eug aig aois glè òg.

Rugadh agus thogadh Flòraidh ann am Beinn na Faoghla le ceanglaichean eachdraidheil ri Clann ’ic Ailein.  Tha dachaigh aice an Uibhist a Tuath, far a bheil ceanglaichean aice ri Clann ’ic Dhòmhnaill Shlèite, ach tha i a’ fuireach ann an Glaschu.  B’ àbhaist dhi bhith ag obair aig an t-Sabhal air na Cùrsaichean Goirid airson grunn bhliadhnaichean agus b’ ann an uairsin a sgrìobh i a cuid bàrdachd mu chraobhan.

’S ann an Lèanaidh faisg air Glaschu a thogadh Màrtainn, agus bhuineadh athair do dh’Uibhist a Deas, ach tha e air a bhith a’ fuireach an Dùn Èideann fad còrr air 25 bliadhna.  Bha e na oileanach aig an t-Sabhal Mhòr eadar 1990 is 1992 agus bha e ag obair ann eadar 1998 is 2003 air a’ phròiseact Tobar an Dualchais.  B’ ann mun àm ud a sgrìobh e a’ chiad dàn ceart aige – ‘Canaigh’.

’S e cuspair co-cheangailte ri craobhan a tha aig an fharpais gach bliadhna agus b’ e cuspair na bliadhna seo, Craobh nan Ubhal.  Chaidh na dàin aig Màrtainn agus Flòraidh a thaghadh sa chiad àite leis na britheamhan, an t-Oll. Meg Bateman agus Mark Wringe, a tha le chèile nan òraidichean aig an t-Sabhal.

Tha ‘An Duilleag’ aig Flòraidh a’ samhlachadh beatha - duilleag na h-aonar a’ siubhal, uaireannan làn dòchais agus uaireannan eile an aghaidh an t-srutha.  Tha i a’ crìochnachadh le bhith a’ dol sìos agus a’ dol fodha dhan ùir.  Thagh na britheamhan i seo airson ’s gu robh na faclan a’ ruith gu siùbhlach. Tha cearcall na beatha san dàn agus tha an t-sìorraidheachd ga faicinn san ùir.

Bhruidhinn Flòraidh mu dheidhinn a bhith a’ faighinn na duais seo: “Bha mi làn toileachais air a chuala mi a naidheachd.  Bha mi faireachdainn spèis is urram dha na Dòmhnallaich, gu h-àraid do mo shinnsear, Aonghas MacDhòmhnaill, a sgrìobh The Clan Donald agus The MacDonald Collection of Gaelic Poetry; agus tè eile dhe mo chàirdean, Raonaid nan Òran.  Tha mi cho moiteil às na bàird à Uibhist a Deas; na Dòmhnallaich urramach - Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Banaich, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh agus Bàrd Phàislig – is tha mi ’n dòchas gun tug iad buaidh air choireigin air mo chuid sgrìobhaidh.  Bha mi taingeil is toilichte gu robh mi air ais ann an Slèite.  Bha mi a’ faireachdainn faisg air an àite, na craobhan, na Dòmhnallaich agus an àrainneachd àlainn.  Chaidil mi ann an seòmar "Flòraidh NicDhòmhnaill" is bha sinn le chèile an seo le ar smuaintean.  Thug e misneachd agus brosnachadh mòr dhomh an duais seo fhaighinn agus tha mi a‘ cur meal a naidheachd air Màrtainn cuideachd."

’S ann mu dheidhinn fulangas is leigheas a tha an dàn ‘Slànachadh’, a sgrìobh Màrtainn ùine ghoirid an dèidh dha mothachadh do bhoireannach òg a’ coiseachd tarsainn an rathaid is i a’ rànaich. Shaoil na britheamhan gun robh an dàn gu math annasach mar a tha e a’ toirt ìomhaigheachd cho arsaidh comhla ri ìomhaigh cho ùr ri fòn-làimhe.

Thuirt Màrtainn: “’S e urram is brosnachadh a th’ ann an duais seo a ghlèidheadh, a tha na cuimhneachan cruthachail, beò air Deborah, nach maireann.  Bha mi fìor thoilichte gun deach an dàn agam a chur co-ionnan sa chiad àite le Flòraidh Dhòmhnallach. Saoilidh mi gun tèid aig bàrdachd air grunn rudan a thoirt do dhiofar dhaoine – an dà chuid dhan fheadhainn a bhios ga sgrìobhadh, cho math ris an fheadhainn a bhios ga leughadh; ’s e tuigse nas doimhne air cràdh is fulangas aonan dhiubh sin, is faodaidh sin uaireannan cuideachadh le leigheas.”

Chaidh an duais a thoirt seachad do Fhlòraidh aig cruinneachadh aig Taigh-tasgaidh nan Eilean ann an Caisteal Armadail, Disathairne 28mh Sultain le Sir Iain MacDhòmhnaill, Cathraiche Bhòrd nan Urrasairean air Urras Oighreachd Chlann Dòmhnaill.  Cha b’ urrainn do Mhàrtainn a bhith an làthair.

A’ bruidhinn às leth an t-Sabhail Mhòir, thuirt na britheamhan gum bu mhath leotha tuilleadh fhaicinn a’ cur a-steach airson na co-fharpais seo agus gum bu chòir feuchainn ri am facal a sgaoileadh nas fhaide an ath-bhliadhna.