Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Duais Sgrìobhaidh Ùr

02/2018

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur farpais sgrìobhaidh ùr air doigh, mar chuimhneachan air Niamh NicEanraig à Malaig, a dh’ eug gu h-aithghearr an-uiridh. Bha Niamh na h-oileanach air a’ chiad bliadhna aig a’ Cholaiste, à’ dèanamh Cùrsa Gàidhlig is Conaltradh. 
 
Bidh an fharpais fosgailte do dh’ oileanaich ann an colaiste no oilthigh sam bith ann an Alba, agus bidh dùil gun sgrìobh farpaisich sgeulachd ghoirid 1500-2000 a dh’ fhaid, air a’ chuspair dìomhaireachd. Gheibh an neach a bhuannaicheas £200, agus duais glainne air a thoirt seachad le teaghlach Niamh. Feumaidh sgeulachdan goirid airson na farpaise a bhith air an cur a-steach ro dheireadh a’ Ghiblein agus thèid an duais a thoirt seachd aig Ceumnachd na Colaiste anns an Dàmhair. 
 
Airson barrachd fiosrachadh mun fharpais, cuir fios gu Cairistiona NicCoinnich aig runaire@smo.uhi.ac.uk no air 01471 888 200. 
 

Gheibhear dreach PDF den a’ phostair gu h-ìosal.

  Postair Farpais Sgrìobhaidh