Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Sabhal Mòr Ostaig agus Tobar an Dualchais a’ cur fàilte air luchd-rannsachaidh iar-cheumnach ùr

10/2020

 

Tha Sabhal Mòr Ostaig air fàilte a chur air dithis neach-rannsachaidh iar-cheumnach ùr ann an cànan agus dualchas na Gàidhlig.

Fhuair Liam Alasdair Crouse dreuchd leis a’ phròiseact cho-obrachail PhD eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Tobar an Dualchais, ’s e maoinichte le Sgoil Iar-cheumnaich na h-Alba airson Ealain agus Dhaonnachdan. Le seallaidhean ùra èitneografach cho math ri sgoileireachd ùr-nodha, bidh am pròiseact a’ coimhead air a’ bheairteas de bheul-aithris na Gàidhlig a tha ri fhaighinn air-loidhne ann an Tobar an Dualchais, an goireas didsiotach nàiseanta.

Stèidhichte a-nis ann an Uibhist, tha Liam le ceumannan-oilthigh ann an Sgrùdaidhean Ceilteach, Airceòlas, agus foillseachadh sa Ghàidhlig. Airson grunnan bhliadhnaichean tha e air obrachadh le Ceòlas Uibhist, a’ cuideachadh le glèidheadh, brosnachadh, agus rannsachadh dualchas Gàidhlig nan eilean. Nuair nach bi e ag obair, bidh e ri seòladh, ri pìobaireachd, agus ri bàrdachd.

Thuirt Liam: “B’ e adhbhar-toileachais dha-rìribh a bh’ ann dhomh nuair a chaidh an sgoilearachas a thairgse dhomh gus dualchas Gàidhlig Uibhist a rannsachadh aig ìre cho àrd leis a’ phròiseact PhD seo. Bho thàinig mi do na h-eileanan ann an 2015, tha mi dìreach a’ tòiseachadh a thuigsinn cho farsaing, domhainn, agus cudromach ’s a tha dìleab cultarach na coimhearsnachd seo. ’S e fìor dheagh chothrom a th’ ann na cuspairean a rannsachadh còmhla ri dà bhuidheann a tha cho cliùiteach san raon-eòlais seo.’

Thuirt an Dr Domhnall Uilleam Stiùbhart aig an t-Sabhal mu dhreuchd Liam: “Tha sinn fìor thoilichte fàilte a chur air Liam dha sgiobannan SMO agus TAD, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair taic a thoirt dha tron PhD thairis air na bliadhnaichean a tha romhainn. Ann a bhith a’ rannsachadh sgaoilteachd mhath de na h-òrain, na sgeulachdan, agus an eachdraidh a tha glèidhte ann an Tobar an Dualchais, cho math ri 170 bliadhnaichean de chlàraidhean beul-aithris, bheir Liam dìleab luachmhor nan eilean gu aire sgoilearan air feadh an t-saoghail. Cuideachd, bidh e ag obair còmhla ri coimhearsnachdan muinntir nan eilean fhèin a-thaobh dè na dòighean as fheàrr an dìleab seo a chumail agus a thoirt seachad gu slàn fallainn dhan ghinealach òg.”

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche Pròiseact TAD: “Tha sinn uabhasach toilichte mun naidheachd seo, agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Liam agus ri SMO. Leis an rannsachadh dotaireachd a tha Liam a’ gabhail os làimh, bidh tuigse nas doimhne againn mun chruinneachadh iongantach de chlàraidhean,  mun obair-raoin, agus gu dearbh mu na h-Uibhistich fhèin a dh’aithris, cho math ris na teaghlaichean aca. Bidh Liam ag obair gu dlùth còmhla ris na coimhearsnachdan sin, agus cuiridh e ris a’ phrògram craobh-sgaoilidh agus còmhraidh sa choimhearsnachd aig TAD, tro òraidean poblach, blogs, airteagalan anns na pàipearan ionadail, agus tro bhith a’ nochdadh air na meadhanan.”

’S i Isabelle Flower a’ chiad oileanach a thòisicheas air a’ cheum ùr Maighstireachd tro Rannsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh i ag obair air pròiseact a’ coimhead air misneachd am measg luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha ceum Gàidhlig agus Frainigis den chiad ìre aig Isabelle bho Oilthigh Ghlaschu. Bha i cuideachd aig Sabhal Mòr Ostaig, far an do choisinn i duais Oileanach na Bliadhna ann an 2018.

Canaidh i: “‘Mar sheann oileanach an t-Sabhail, tha mi uabhasach toilichte tilleadh dhan làrach am bliadhna gus ceum Maighstireachd a thòiseachadh, pròiseact rannsachaidh a sgrùdas beachdan cànain agus misneachd luchd-labhairt ann an saoghal na Gàidhlig. 'S e Ionad Nàiseanta na h-Alba airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig an t-àite as fheàrr gus an rannsachadh seo a dhèanamh, far am faigh mi cothroman agus eòlas nach fhaighinn ann an oilthighean eile.”

Thuirt an Dr Tim Armstrong aig Sabhal Mòr Ostaig, a bhios ag obair còmhla ri Isabelle mar a chuireas i air adhart am pròiseact aice: “’S e oileanach aig an ìre acaideimigich as àirde a th’ ann an Izzy, agus tha sinn ro thoilichte gu bheil i air thighinn air ais thugainn a dhèanamh rannsachadh còmhla ruinn. Tha am pròiseact-rannsachaidh aice gu math luachmhor aig ìre teòraidh agus gu pragtaigeach, gu sònraichte nuair a dh’fheuchas sinn ri misneachd a thoirt an dà chuid dha luchd-labhairt ùr agus dha luchd-labhairt dùthchasach ach an dèan iad feum den Ghàidhlig nam beatha làitheil.”

Chuir Abigail Burnyeat, Ceannard-Rannsachaidh an t-Sabhail, fàilte air an dithis oileanach-rannsachaidh ùr, ag ràdh: “Tha e a’ toirt togail mhòr dhuinn gu bheil sgoilearan òga sgoinneil gu bhith còmhla ruinn, agus gun toir Liam agus Isabelle na h-ath cheumannan anns na cùrsaichean acaideimigeach aca an seo aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh na pròiseactan anns am bi iad an sàs a’ cur gu mòr ris an rannsachadh againn mu chànan agus cultar nan Gàidheal, agus tha ar coimhearsnachd de luchd-rannsachaidh a’ dèanamh fiughair mhòr ri bhith ag obair còmhla riutha ’s iad a’ toirt a-mach nan ceumannan aca.”

Gheibhear barrachd fiosrachaidh mu cothorman for-cheuma aig Sabhal Mòr Ostaig an seo.