Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Oileanach SMO sa chuairt dheireannach de dh’ Fharpais Neach-ciùil Òg Traidiseanta na Bliadhna

01/2020

Tha Josie Duncan, a tha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, a-measg sianar neach-ciùil òg, tàlantach sa chuairt dheireannach de dh’ fharpais Neach-ciùil Òg Traidiseanta 2020 le BBC Radio Alba.

Buinidh Josie do Leòdhas agus thòisich i a’ seinn aig a’ Mhòd nuair a bha i air an dàrna bliadhna sa bhun-sgoil.  Tha i an-dràsta stèidhichte sa Eilean Sgitheanach si dèanamh a’ Chùrsa Comais, airson piseach a thoirt air a cuid Ghàidhlig, agus i cuideachd ag ionnsachadh òrain bho Christine Primrose, a tha teagasg air a’ chùrsa BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Na ceumnaiche bho Chonservatoire Rìoghail na h-Alba, tha i air seinn air feadh an t-saoghail agus tha i cuideachd air Duais Dùthchasach BBC Radio 2 a bhunnachadh roimhe.  Nuair a bhios i deiseil aig SMO, tha i airson obair fhaighinn far an tèid aice air a cuid Ghàidhlig a chleachdadh agus i cuideachd a’ cumail oirre a’ seinn aig fèisean agus cuirmean.

A’ bruidhinn mun Fharpais a ghabhas àite Latha na Sàbaid, thuirt i: “Tha mi coimhead air adhart gu mòr ris ach tha e beagan eagalach gum bi e beò air rèidio agus telebhisean! A dh'aindeoin sin, ‘se cothrom air leth a bhios ann Gàidhlig a bhrosnachadh am measg sàr luchd-ciùil aig Celtic Connections am bliadhna seo!”

Gheibh sinn a-mach mar a thèid dhaibh uile air feasgar na Sàbaid bho 5f air BBC Radio Alba agus air BBC Alba.