Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Farpais sgrìobhaidh 2019 mar chuimhneachan air Niamh NicEanraig

02/2019

Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cumail farpais sgrìobhaidh gach bliadhna, mar chuimhneachan air Niamh NicEanraig à Malaig, a dh’ eug gu h-aithghearr ann an 2017. Bha Niamh na h-oileanach air a’ chiad bliadhna aig a’ Cholaiste, a’ dèanamh Cùrsa Gàidhlig is Conaltradh.

Tha an fharpais fosgailte do dh’ oileanaich ann an colaiste no oilthigh sam bith ann an Alba, agus bidh dùil gun sgrìobh farpaisich sgeulachd ghoirid 500-2000 a dh’ fhaid, air a’ chuspair ‘uamhas’. Gheibh an neach a bhuannaicheas £200, agus duais glainne air a thoirt seachad le teaghlach Niamh. Feumaidh sgeulachdan goirid airson na farpaise a bhith air an cur a-steach ro dheireadh a’ Ghiblein agus thèid an duais a thoirt seachd aig Ceumnachd na Colaiste anns an Dàmhair.

 
Airson barrachd fiosrachadh mun fharpais, cuir fios gu Cairistiona NicCoinnich aig runaire@smo.uhi.ac.uk no air 01471 888 200. 
 

Gheibhear dreach PDF den a’ phostair gu h-ìosal.

Postair Farpais Sgrìobhaidh