Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Ceithir bliadhna eile do luchd-ealain-lèirsinneach air Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig

02/2017

Tha Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan, Cultar is nan Ealain Gàidhlig, a' sireadh luchd-ealain-lèirsinneach eadar-nàiseanta airson na còigeamh bliadhna de Sgoilearachd Chòmhnaidheach Jon Schueler. Bidh an Sgoilearachd, a chaidh a chur air bhonn ann an 2013, a' leantainn fad ceithir bliadhna eile gu 2020, agus thathar a' sireadh iarrtasan a-nis airson greis chòmhnaidheach 2017.

’S e com-pàirteachas sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh airson beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich, eadar-nàiseanta agus a’ pheantair easchruthaich, Jon Schueler (1916-1992) a chomharrachadh agus a chuimhneachadh, agus airson aithne a thoirt dhan dlùth-chàirdeas a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich.

Tha an sgoilearachd fosgailte do luchd-ealain eadar-nàiseanta (a' gabhail a-steach Alba agus an RA) a tha an lùib obair aig sàr ìre tro mheadhan lèirsinneach sam bith agus aig a bheil ùidh shònraichte ann an cruth-tìre is an àrainneachd. Tha an sgoilearachd a' leigeil le neach-ealain a bhith stèidhichte fad trì mìosan anns an Stiùideo Ealain ann an Ionad Fàs airson nan Gnìomhachasan Cruthachail aig Sabhal Mòr Ostaig. Am bliadhna bidh an sgoilearachd a' dol eadar 25 Sultain agus 15 Dùbhlachd agus gheibhear cothrom na lùib a bhith a' rannsachadh, a' leasachadh agus a' cruthachadh obair ann an suidheachadh air leth os cionn Linne Shlèite am measg nan seallaidhean a thug buaidh air Schueler fhèin na chuid obrach.

Thuirt Kath NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig: "The na thoileachas mòr dhuinn gun lean an cothrom ealanta seo fad ceithir bliadhna eile le taic ar com-pàirtichean. 'S e pàirt chudromach den phrògram ealain aig an t-Sabhal Mhòr a th' ann agus tha e na chomharrachadh freagarrach air dìleab ealanta Jon Schueler. Tha cothrom aig luchd-ealain, oileanaich agus a' choimhearsnachd conaltradh a dhèanamh leis an luchd-ealain fhad 's a tha iad an seo tro thachartasan stiùideo, òraidean agus tachartasan com-pàirteachaidh airson beachdan-smuain ealanta a cho-roinn am measg a chèile. Tha an sgoilearachd seo a' cur ris a' phrògram ealain chòmhnaidheach do sgrìobhadairean, luchd-ciùil, luchd-dràma agus luchd-ealain a tha air a bhith a' dol fad iomadh bliadhna.

"Bidh sinn a' cumail oirnn agus a' sgaoileadh obair an luchd-ealain chòmhnaidhich againn an lùib thaisbeanaidhean ('s ann againne a bha a' chiad taisbeanadh san Rìoghachd Aonaichte de dh'obair an dealbhadair Iapanaich, Takeshi Shikama, ann an 2013). Rinn triùir den luchd-ealain taisbeanadh de an cuid obrach an-uiridh an lùib co-labhairt eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, AN LINNE, airson ceud bliadhna bhon a rugadh Schueler a chomharrachadh. Tha obair a rinneadh an seo leis an luchd-ealain a-nis ga taisbeanadh air feadh an t-saoghail ann an àiteachan a leithid Singapore, Galicia agus Iapan, is iad a' leudachadh luchd-amhairc airson obair ùr às a' Ghàidhealtachd stèidhichte air a' Ghàidhlig, a' chultar, an tìr agus an àrainneachd."

Tha am prògram sgoilearachd air còrr is 1100 iarrtas fhaighinn cheana às a h-uile ceàrnaidh den t-saoghal agus tha e a' cur ri stèidheachadh an Eilean Sgitheanaich agus na Gàidhealtachd mar àite air leth airson nuadh-ealain-lèirsinneach a leasachadh ann an Alba. Tha Takeshi Shikama às Iapan, an neach-ealain-fuaime Helmut Lemke às a' Ghearmailt, an neach-ealain-film Oliver Mezger às Alba agus Agathe de Bailliencourt à Paris agus a tha a-nis stèidhichte ann am Berlin, am measg an luchd-ealain a tha air sgoilearachd fhaighinn gu ruige seo.

“Being given the opportunity to work for three months in the unique context of Gaelic Culture and Language, based on the breathtakingly beautiful island of Skye and surrounded by supportive and engaging people has opened new routes in my work for me. This residency is absolutely one of the most stimulating I have ever been involved in.” Helmut Lemke

Airson an tuilleadh fiosrachaidh agus airson iarrtas chur thugainn: http://www.smo.uhi.ac.uk/en/ealain-is-cultar/jon-schueler/