Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cothrom do Sgrìobhadairean Gàidhlig Ùra

10/2019

Tha Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Brosnachaidh na h-Alba a’ sireadh dithis airson pàirt a ghabhail ann an sgeama leasachaidh do sgrìobhadairean Gàidhlig neo-fhoillsichte.

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020, a-nis fosgailte do thagraidhean. Fon sgeama brosnachaidh seo gheibh dà sgrìobhadair Gàidhlig ùr taic-airgid luach £2,000 agus stiùireadh sònraichte a thaobh an cuid obrach. Bidh cothrom ann comhairle fhaighinn bho sgrìobhadair stèidhichte no eòlaiche foillseachaidh, trèanadh ann am PR agus taisbeanadh, agus bidh seachdain aig Moniack Mhòr, Ionad Sgrìobhaidh Chruthachail na h-Alba, cuideachd mar phàirt dhen duais.

A-nis san 11mh bliadhna dhen cho-obrachadh shoirbheachail seo, tha an dà bhuidheann a’ cur fàilte air tagraidhean bho sgrìobhadairean nach eil air a bhith am follais gu ruige seo, ach a tha deiseil airson an ath cheum a ghabhail le an cuid obrach. Am measg na ghabh pàirt ann an Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra ron an seo tha Mòrag Anna NicNèill, Niall O’Gallagher agus Calum L. MacLeòid. ’S e sgrìobhadair eile a fhuair taic tron sgeama, Iain D. Urchardan, a choisinn Duais Dhòmhnaill Meek 2019 bho chionn ghoirid airson Turas, cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig.

Tha an sgeama fosgailte do sgrìobhadairean Gàidhlig neo-fhoillsichte a tha a’ fuireach an Alba agus nach eil an sàs ann an cùrsa foghlaim làn-thìde.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2020 bho Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh aig Comhairle nan Leabhraichean, no air làrach-lìn na Comhairle www.gaelicbooks.org. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro 5.00f air Dihaoine 8 Samhain 2019.