Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Gairm Neach-ealain Gàidhlig

04/2016

Tha sinn a’ sireadh neach-ealain Gàidhlig (a’ toirt obair a-mach tro mheadhan sònraichte, no thar-mheadhan, eadar an e Sgrìobhadair/Bàrd/Neach-ealain Lèirsinneach/Neach Dràma Gàidhlig/Ceòladair) a ghabhas còmhnaidh greiseag air mhuinntireas-ealain ann an Dùthaich nam Basgach eadar 5 Cèitean – 10 Ògmhios 2016 airson obair a nochdadh an lùib:

TOSTA

- a tha na chom-pàirteachas eadar seachd coimhearsnachdan mion-chànanach Eòrpach (Alba, Èirinn, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Frìoslann, Dùthaich nam Basgach agus Gailìsia), gach tè dhiubh suidhichte air iomall a’ Chuain Siar agus dlùth-cheangailte ann an eachdraidh is dualchas ris an fhairge agus a’ dol an ceann a chèile gus “carago cultarach” a chruthachadh.

Tuarastal: 2,500 euros (£2,015 ) + cosgaisean-siubhail, àite-còmhnaidh, perdiem & buidseat airson stuthan

 

Cùl-fhiosrachadh

Tha Donostia/San Sebastian 2016 agus Sabhal Mòr Ostaig air a dhol còmhla ri chèile ann an co-bhoinn ri buidhnean cultarach air iomall a’ Chuain Siar san Roinn Eòrpa (Èirinn, Alba, Dùthaich nam Basgach, A’ Chuimrigh, A’ Chòrn, Frìoslann agus Gailìsia) sa phròiseact, TOSTA. Tha amaladh thoraidhean an lùib a’ phròiseict eadar beartachadh obair ealain, mothachadh air iomadachd chànain is chultair, rianachd chànan ann am pròiseact eadar-nàiseanta agus feumachadh modhan ùr-ghnàthach conaltraidh.

 

’S iad amasan àraidh a’ phròiseict, TOSTA

  • daoine a dhèanamh mothachail air iomadachd chànan san Roinn Eòrpa, gu sònraichte a thaobh mhìon-chànanan is chultaran;
  • cothroman a chruthachadh do luchd-ealain às na buidhnean cultarach seo a bhith ag obair aig ìre eadar-nàiseanta,  a’ co-obrachadh agus a’ toirt taic dha chèile.

Thèid greis-mhuinntiris a thabhachd air neach-ealain às gach ceàrn le buidhinn à ceàrn eile agus thèid a d(h)èanamh aithnichte dha muinntir an àite. Bidh “carago cultarach” ga chur a-mach ann am bucais mhòra nan soithichean container agus gach turas a thig an luchd ‘air tìr’ ann an tè de sgìrean TOSTA, bithear ga chomharrachadh le fèill dhà no trì làithean a thaisbeanas iomadachd chànain na Roinn Eòrpa, toradh a’ phròiseict DSS2016 agus saothair an luchd-ealain anns gach tè de na coimhearsnachdan cànain a tha an sàs sa phròiseact.

 

FÈISEAN

ÈIRINN – An Daingean, Fèile na Bealtaine, 28/04 – 02/05/2016 (N/A airson neach-ealain Gàidhlig)

A’CHORN – Falmouth International Sea Shanty Festival, 16 – 19/06/2016

A’CHUIMRIGH – Ceredigion, Theatr Felinfach, 23 – 26/06/2016

ALBA -  An t-Eilean Sgitheanach, 5 & 6 /07/2016, FÈIS AN EILEIN @ SABHAL MÒR OSTAIG

FRÌOSLANN – Dokkum, Dokkum fest, 1 - 4/09/2106

GAILÌSIA – Rianxo, Rock in Rian-Festas da Guadalupe, 16 -18 /09/2016

DÙTHAICH nam BASGACH – Errenteria Atlantikaldia, 23 – 26 /09/2016 (N.B. bidh cothrom aig neach-ealain Gàidhlig a bhith aig an Fhèis seo + cosgaisean-siubhail, àite-còmhnaidh, perdiem)

 

’S ann an cuideachd Euskaltzaleen Topagunea, ann an Donostia, a neadaicheas an neach-ealain muinntiris Gàidhlig. “’S e tionnsgnadh sòisealta a th’ ann an Euskaltzaleen Topagunea airson lìonra de bhailtean ceangailte ann an Dùthaich nam Basgach. Tha e ag iomain caochladh bhuidhnean-iomairt a tha airson àrainneachdan a chruthachadh a bheir cothrom na Fèinne dhan chànan Bhasgach agus airson a’ choimhearsnachd chànain a leasachadh. Bho chaidh an stèidheachadh an toiseach anns na 80an, tha na comainn seo air a bhith a’ toirt luchd-leanmhainn cànan is cultar nam Basgach còmhla ann an tachartasan a bheir an cànan am follais ann am farsaingeachd shuidheachaidhean. Cho math ri bhith na àite-coinneachaidh do dhaoine, tha Euskaltzaleen Topagunea, cuideachd, a’ stiùireadh thachartasan cultarach agus chur-seachadan, agus tha prògraman oideachaidh aca ann an labhairt agus anns na meadhanan. A thuilleadh air sin, tha iad a’ brosnachadh dhaoine gu an cànan Basgach a chur air am bilean am measg an t-sluaigh.

 

NÒSAN EALAIN

Ruigidh a’ ghairm seo air nòs ealain sam bith co-cheangailte ri facail/facail labhairteach/fuaimean no facail/ìomhaighean: tha sin a’ toirt leis obair chlaisteach/lèir-chlaisteach (bhideo, dealbhadaireachd bheò, filmichean goirid) agus ealain lèirsinne a’ gabhail a-steach dealbhadaireachd-mhìneachaidh, dealbhadaireachd-chamara, ealain ghrafaigeach (coimigean) mar eisimpleir; dràma no ceòl Gàidhlig.

Bhiodhte an comain nan com-pàirtichean a chleachdadh, no a bheireadh iomradh air, cànan an neach-ealain fhèin, na sgìre-muinntiris no a’ phròiseict, TOSTA, nan cuid fhoillseachaidhean.

 

RIATANASAN DO THAGRAICHEAN

Airson an dreuchd seo a lìonadh, dh’fheumte a bhith:

  • 18 bliadhna a dh’aois no nas sine;
  • fileanta sa Ghàidhlig.

 

SLATAN-TOMHAIS:

Bithear a’ measadh na leanas:

  • Farsaingeachd, luach, nuadhachd agus deagh-ghnè a’ mholaidh (50%)
  • An ceangal a th’ aig a’ phròiseact ri toraidhean iomairt TOSTA (mion-chànanan, beantainn ri cultar, dualchas an cois na mara...). (25%)
  • Ceanglaichean a dh’fhaodadh a bhith aig a’ phròiseact ris a’ choimhearsnachd sam bi e (taobhan àraidh den chultar, cothroman com-pàirteachaidh…) (25%)

Thèid iarraidh oirbh moladh goirid (suas ri 250 facal) ullachadh a mhìnicheas

  • na meadhanan tro bheil sibh ag obair agus ur modhan-obrach
  • na h-adhbharan agaibh a bhith nur pàirt den phroiseact seo agus carson a tha sibh gur meas fhèin freagarrach airson a’ ghreis-mhuinntiris seo a ghabhail
  • pròiseact no pìos obrach a bu toigh leibh cruthachadh fhad ’s a bhiodh sibh san dreuchd agus mar a thigeadh seo ri amasan a’ phròiseict, TOSTA
  • agus eisimpleirean de dh’obair a rinn sibh roimhe (m.e. tro  jpeg, pdf, MP3, MP4, .mov)

 

Bruth gu h-ìosal airson iarrtas a chuir a-steach:

submit

 

Gheibhear fiosrachadh mionaideach bho:

Kath NicLeòid

kl.smo@uhi.ac.uk

Fòn: 01471 888 461  / fòn làimh : 07818163481

 

Ceann-là do thagraidhean 20/04/16, 5f

(Tagradh 22/04/16 )    
 

Ceangal gu làrach-lìn TOSTA: http://tosta2016.eu/