Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-oide Ciùil ùr – Griogair Labhruidh

09/2018

Tha SMO fìor thoilichte ainmeachadh gur e an ceòladair is seinneadair Gàidhlig, Griogair Labhraidh, Neach-oide ùr airson a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta.
 

Thuirt an Stiùiriche Cùrsa, Dr Decker Forrest: “’S e prògram air leth a th’ anns a’ chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta a chionn ‘s gu bheil e stèidhichte anns a’ chiad dol a-mach air luachan cultarail, dòighean ionnsachaidh agus mìneachadh ciùil tron chànan, eòlas nach gabh ionnsachadh gu ceart ach tro mheadhan na Gàidhlig.

Bidh Griogair a’ brosnachadh an dà chuid luchd-ionnsachaidh is luchd-ciùil na Gàidhlig. Tha e aig cridhe ath-bheòthachadh na Gàidhlig air sgàth a dhealais is meas air ceòl, eachdraidh, cànan is beul-aithris na Gàidhealtachd, agus tha an t-uabhas as urrainn do na h-oileanaich againn ionnsachadh bhuaithe. Bidh e a’ teagasg cuide ri luchd-obrach eile an t-Sabhail Mhòir, a leithid an t-seinneadair chliùitich, Christine Primrose MBE, cho math ri cuid den luchd-ciùil is na h-eòlaichean ciùil as fheàrr ann an saoghal ceòl na Gàidhlig a bhios a’ tadhal mar oidean air a’ chùrsa.

Thuirt Griogair:  “Tha SMO aig cridhe leasachadh na Gàidhlig aig ìre eadar-nàiseanta agus tha mi gam mheas fhèin glè fhortanach a bhith a’ dol an lùib sgioba proifeasanta, èasgaidh, dìleas a tha a’ toirt urram agus spèis don chànan agus don dualchas phrìseil againn.

‘S e cùrsa-ciùil an t-Sabhail Mhòir an aon chothrom a th’ ann airson ur sgilean a thoirt air aghaidh don ath-ìre tro mheadhan na Gàidhlig, far a bheil beum ga chuir air na trì nithean as cudromaiche gu cothromach; an ceòl, an cultar agus an cànan.  Cuiridh an cùrsa ciùil oileanach sam bith ceum air thoiseach air càch air an rathad gu fìor àrd ìre a ruigsinn len cuid sgilean ‘s len cuid eòlais agus tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr a bhith a’ toirt seachad na nithean lìonmhor, luachmhor a tha mi air ionnsachadh thar nam bliadhnaichean ann an dòigh ùr, meanmnach, cruthachail.”