Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cuirm Rìoghail shònraichte gus meal-a-naidheachd a chur air Sabhal Mòr Ostaig OGE

07/2013

Chaidh cuirm-fàilteachaidh shònraichte a chumail ann an Lùchairt Holyrood ann an Dùn Èideann an t-seachdain sa chaidh far an tàinig a Mhòrachd Rìoghail am Prionnsa Teàrlach, neo Diùc Baile Bhòid mar as ainm dha ann an Alba, agus luchd-obrach is càirdean Sabhal Mòr Ostaig OGE cruinn còmhla gus an 40mh ceann-bliadhna aig a’ cholaiste a chomharrachadh.

Tha an Diùc air a bhith na Neach-taice don cholaiste fad 28 bliadhna agus thug e cuireadh do Shabhal Mòr Ostaig agus aoighean sònraichte eile a thighinn gu Lùchairt Holyrood airson na bliadhna eachdraidheil seo don cholaiste a chomharrachadh. Am measg nan daoine a bha an làthair, bha Rùnaire an Fhoghlaim Mìcheal Russell bho Riaghaltas na h-Alba, Cathraiche Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, John McClelland agus Lucilla, bantrach Sir Iain Noble, fear a bha gu mòr air cùl stèidheachadh na colaiste. Rinn an Diùc moladh air obair an t-Sabhail Mhòir agus chuir e meal-a-naidheachd air a’ cholaiste agus gach neach a bha an sàs ann an soirbheachadh an ionaid fhoghlaim Ghàidhlig.

A’ bruidhinn às dèidh làimhe, thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha mòran chruinnichidhean is thachartasan againn tron bhliadhna airson 40mh bliadhna na Colaiste a chomharrachadh ach bha am fear seo buileach sònraichte.  Bhuilich a Mhòrachd Rìoghail urram mòr air an t-Sabhal le bhith a’ cur cuirm dhe leithid air dòigh ann an ionad cho eachdraidheil agus cho eireachdail agus chuir e an cèill na òraid an spèis a th’aige dhan obair a tha a’ Cholaiste a’ dèanamh às leth a’ chànain. Bhruidhinn an Diùc ris gach neach a bha air aoigheachd agus nochd e ùidh anns na ceanglaichean a bh’ aca ris an t-Sabhal.”

Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tional-airgid agus nan Ealain: “Tha Sabhal Mòr Ostaig air clach-mhìle shònraichte a ruighinn nar n-eachdraidh agus bha an Diùc mar Neach-taice dhan cholaiste gu mòr airson sin a chomharrachadh còmhla rinn. Tha e air a bhith air leth taiceil dha Sabhal Mòr Ostaig fad iomadach bliadhna agus the dealas aige airson mion-chànanan bho air feadh an t-saoghail agus airson an obair a tha ga dhèanamh gus an gleidheadh, an neartachadh agus an leasachadh. Bidh an Diùc a’ faighinn fiosrachadh gu cunbhalach air an adhartas a bhios sinn a’ dèanamh agus tha sinn gu mòr na chomain airson an ùidh a th’ aige nar n-obair agus an taic a bhios e a’ toirt dhuinn.”