Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Iar-Phrionnsapal aig Sabhal Mòr Ostaig

06/2018

Chaidh Dr. Marsaili NicLeòid ainmeachadh mar Iar-Phrionnsapal & Stiùiriche Foghlaim ùr an t -Sabhail Mhòir.

Tha Marsaili an-dràsta na h-Òraidiche ann an Eòlas Gàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain. Rinn i PhD tro Obar Dheathain cuideachd air ‘The meaning of Work in the Gaelic Labour Market in the Highlands and Islands of Scotland’.  Tha i na sàr neach-rannsachaidh (an sàs le SOILLSE cuideachd) agus na h-eachdraidh beatha bha i cuideachd an lùib stiùireadh leasachadh dùthchail.

“Tha sgilean math aig Marsaili ann an teagasg, rannsachadh, stiùireadh agus rianachd agus mar sin tha sinn cinnteach gun soirbhich leatha san dreuchd seo,” thuirt Aonghas MacLeòid, Cathraiche an t-Sabhail.   “Tha e na thoileachadh mhòr dhan Bhòrd cuideigin cho comasach ri Marsaili a lorg a leanas Iain Tormod a bha an seo còrr is 36 bliadhna.   Cuiridh i gu mòr ri sgioba an t-Sabhail.”

Bidh Marsaili a’ gluasad dhan Eilean agus a’ tòiseachadh san dreuchd as t-Fhoghar.