Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Cuireadh gus na h-ealain a leasachadh

02/2015

Tha tagraidhean gan sireadh o luchd-ealain de gach seòrsa: luchd-ealain lèirsinneach, luchd-ciùil, sgrìobhadairean, dannsairean, cluicheadairean, luchd-film agus proifeiseantaich ealain

 

Tha na duaisean seo ann gus cothroman leasachaidh proifeiseanta a thoirt do luchd-ealain a rèir ’s mar a tha na feuman aig an neach-ealain ag atharrachadh tron dreuchd aca, eadar feadhainn a tha dìreach air tòiseachadh agus iad sin a tha air a bhith ris an obair aca fad iomadach bliadhna ’s a tha a’ sireadh, ’s dòcha, slighe ùr dhan obair aca.

 

Ann an 2014 thug an iomairt seo duaisean (eadar ochd ceud agus trì mìle not) do dh’ochdnar neach-ealain a bha ag èirigh suas anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse gus na sgilean aca a leasachadh agus obair ùr a chruthachadh.   Chaidh iarraidh air an luchd-ealain obair cuide ri com-pàirtichean na h-iomairt gus pròiseactan a thaisbeanadh san sgìr’ aca.

 

Chuir dithis dhen luchd-ealain sin, Kate Macmorrine agus Hector MacInnes, an obair aca air beulaibh a’ phobaill as t-samhradh 2014.  Bha The Replica Hearth stèidhte ann an ‘container’ ann am pàirc-chàraichean Àrois ann am Port Rìgh agus an uair sin ann an Armadal fo sgèith Fèis an Eilein.  ’S e bh’ anns an  Replica Hearth ach ath-chruthachadh de sheòmar-suidhe fhir Sgitheanaich - Eòghann “an Yeti” - a chaidh air chall as t-earrach 1984.  Bha measgachadh de rudan fìor agus rudan dèanta às ùr on dachaigh aige rim faicinn: na leabhraichean aige, le notaichean annta, na stuthan rannsachaidh aige air an robh e ag obair aig an àm agus rèidio annasach air fhàgail air frequency neo-aithnichte agus gnothaichean pearsanta eile.  Bhathar a’ smaoineachadh gun do thionndaidh Eòghann na yeti a bha a’ fuireach ann an coille, agus bha tuilleadh ri fhaicinn ann an Àros a leithid lorg-coise a fhuaireadh sa choille.

Seo aon eisimpleir de na molaidhean diofraichte a chaidh a thoirt gu buil agus an taic a fhuair dhà de na com-pàirtichean gus leigeil le luchd-ealain an obair aca a thaisbeanadh.

 

Bha Leighton Jones agus Emma Noble nan eisimpleirean de luchd-ealain a fhuair duaisean brath a ghabhail air cothroman leasachaidh nan dreuchd.  Tha Emma na printmaker agus rinn i bùth-obrach ann an screen-printing gus an obair aice a thoirt air slighe ùr.  Tha Leighton Jones na neach-piàna agus sgrìobhadair-ciùil a rinn cùrsa air stiùireadh-ciùil ann an Romàinia.  Thuirt Leighton,”…Being able to study in Romania gave me the personal confidence to lead an ensemble, no matter what shape or size. It has been particularly relevant to my latest show, a single release at Sloans in Glasgow with members of the Cairn String Quartet and Scottish Opera soprano Marie Claire Breen. It has been a very important personal development for me as an artist and is one which I will continue to build upon in future projects”.

 

Air a mhaoineachadh le Alba Cruthachail tha an iomairt seo a’ tabhann bhursaraidhean eadar dà agus trì mile not agus duaisean las lugha  - suas ri mìle not - airson meantaireachd agus leasachadh sgilean. Tha na duaisean seo gu h-àraid do luchd-ealain às an sgìre a tha ag èirigh suas an-dràsta.

 

Tha na co-obraichean - Seall, Àros, Sabhal Mòr Ostaig, Fèisean nan Gàidheal agus ATLAS Arts ann gus taic a thoirt dhan sgeama agus an luchd-tagraidh a tha soirbheachail.

 

Thuirt Rosie Somerville, stiùiriche na h-iomairt do ATLAS Arts, ” It has been very exciting seeing the work that has been produced by the artists that have already completed their projects. This second round of funding is another great opportunity for the wealth of emerging talent from this area. Applications are welcomed from; either residents of Skye and Lochalsh or those born here that also completed their secondary education in the area. The panel will also consider new proposals from artists who were successful in the first round but we recommend that they make contact to discuss their ideas first”.

 

’S e Dihaoine 20 Gearran ann latha mu dheireadh airson tagraidhean. Gheibhear foirmichean agus stiùireadh aig www.atlasarts.org.uk no cuir fios gu rosie@atlasarts.org.uk no cuir fòn gu 7787551847 airson tuilleadh fiosrachaidh.