Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig gu bhith air ainmeachadh air Sir Iain Nobail

01/2015

Tha a’ chiad togalach ann an Leasachadh na Cille Bige gu bhith air ainmeachadh air Sir Iain Nobail nach maireann, fear a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh na Colaiste o chionn còrr is 40 bliadhna. ’S e “Ionad Iain Nobail” a bhios air an togalach ùr a tha gu bhith na dhachaigh do luchd-obrach na colaiste, na ghoireas teagaisg agus rannsachaidh agus na ionad airson gnothachais.

Thubhairt am Morair Minginis, Cathraiche Bòrd Stiùiridh na Colaiste: “Tha e uile-gu-lèir iomchaidh gum biodh an togalach ùr a tha seo – a’ chiad cheum ann an leasachadh na Cille Bige – air ainmeachadh air Iain Nobail. Mura b’ e Iain cha bhiodh leithid de rud ri Sabhal Mòr Ostaig ann agus cha bhiodh dad dhen bhuannachd smuaineachail a tha air tighinn gu Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich an cois na Colaiste air tachairt. Ach tha e freagarrach ann an dòigh eile cuideachd. ’S ann mu dheidhinn ùrachadh, ath-bheothachadh agus adhartas a tha a’ Chill Bheag: na dearbh rudan dhan do choisrig Iain a bheatha nuair a thàinig e a Shlèite. Mar sin, bidh an togalach na shuaicheantas air an duine.”

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973, a tha a-nis na Cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s dòcha gur e as motha a bhios cuimhne aig daoine air, an obair a rinn e a thaobh na Gàidhlig.

Thuirt banntrach Shir Iain, a’ Bhaintighearna Lucilla Nobail: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh gur e Ionad Iain Nobail a bhios air a’ chiad togalach ann an Leasachadh na Cille Bige. Tha fios agam gum bi seo na adhbhar tlachd do charaidean Iain, an seo agus air feadh an t-saoghail. Bha aige ri aghaidh a chur ri iomadh dùbhlan ann a bhith stèidheachadh Sabhal Mòr Ostaig, agus bha e ag obair agus a’ strì gus cànan, dualchas is foghlam na Gàidhlig a thoirt air adhart fad a bheatha. Mar sin, tha e gu math iomchaidh gum mair ainm Iain mar phàirt den Cholaiste fhèin cho fad ’s a tha i ann. Guma fada a mhaireas Sabhal Mòr Ostaig!”

Thèid Ionad Iain Nobail fhosgladh gu h-oifigeil nas fhaide air a’ bhliadhna, fhuaras taic-airgid le cosgaisean £6.2m airson Ìre 1 den leasachadh aig a' Chill Bhig bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (Convergence) aig an Aonadh Eòrpach, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ gabhail a-steach Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann agus Urras na h-Aiseirigh.