Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Kerry Nic a Phì, Lùth-chleasaiche a' Cho-fhlaitheis a' cur Farpais FILMG a Seachd air Bhog

09/2014

Tha FilmG, farpais nàiseanta filmichean goirid Gàidhlig aig MG ALBA a tha air a ruith le companaidh na colaiste Cànan, air a chur air bhog Dihaoine 5mh Sultain – leis an lùth-chleasaiche bho sgioba Alba, Kerry Nic a’ Phì an làthair airson cuspair na bliadhna-sa fhoillseachadh.

Chaidh an fharpais a chur air bhog aig Sgoil Lionacleit ann am Beinn nam Faoghla, far an do choinnich Kerry ri tidsearan agus sgoilearan. Chaidh Kerry fhèin tron fhoghlam ann an Sgoil Lionacleit agus ’s i a’ chiad neach às na h-Eileanan an Iar a bha riamh a’ farpais aig Geamannan a’ Cho-fhlaitheis.

Tha cuspair na bliadhna-sa, “Gealladh”, gu math iomchaidh do Kherry, ’s i air gealltainn a h-uile spàirn a dhèanamh gus a bhith cho math ’s as urrainn dhith anns an spòrs sa bheil i fhèin an sàs. Chleachd Kerry an cothrom a bhith aig Sgoil Lionacleit airson òigridh a mhisneachadh airson strì a dhèanamh, ge b’ e dè th’aca sam amharc.

Thuirt Kerry: “Nuair a dh’fhàg mise Uibhist an toiseach airson a dhol dhan oilthigh cha d’ thàinig e steach orm aon turas gum b’ urrainn dhomh leithid a rud a dhèanamh. Sin a tha gam fhàgail cho toilichte a bhith feuchainn ris a h-uile brosnachadh a thoirt do dh’ òigridh an latha an-diugh gus am bi misneachd aca rùn an cridhe a leantainn.

“Bu mhath leam taing  a thoirt do FilmG an cuireadh seo a thoirt  dhomh, tha na thogail cridhe a bhith an sàs ann am pròiseact brosnachail Gàidhlig do dh’ òigridh. ’S ann a bha mise ro thoilichte a bhith air fear de na postairean aca am bliadhna – tha mi a’ guidhe a h-uile soirbheachas dhan fheadhainn a bhios an sàs ann am farpais na bliadhna-sa.”

Bha Miller Dòmhnallach, ceannard Sgoil Lionacleit, air a dhòigh gun deach Sgoil Lionacleit a thaghadh airson cuspair na bliadhna-sa fhoillseachadh agus rinn e moladh mòr air Kerry leis cho soirbheachail ’s a tha i air a bhith o chionn ghoirid, “Tha i air sealltainn cho làidir, righinn agus cruthachail sa tha i. ’S e sin a tha ga fàgail far a bheil i an-diugh agus tha sinne gu math moiteil aiste.”

Bho thòisich e ann an 2008, tha FilmG air òigridh agus inbhich a mhisneachd na tàlantan a th’ aca a thoirt mu choinneamh a’ mhòr-shluaigh agus sin tro mheadhan na Gàidhlig. Tha FilmG ag iarraidh air daoine film goirid de eadar trì agus còig a mhionaidean a dhèanamh sa Ghàidhlig. Chan eil bacadh sam bith air luchd-ionnsachaidh ge-ta oir tha taic gu leòr ann do dhaoine nach eil cho misneachail sa chànan tro luchd-taic TàlantG.

Tha roinn ùr san fharpais am-bliadhna le duais sònraichte airson ‘Filmeadair(ean) Ùr Òg As Fheàrr’. Bidh an duais seo ga thabhann do bhuidheann no aon neach a rinn film leotha fhèin às aonais cuideachaidh bho phroifeiseantach sam bith.

Thuirt Flòraidh Forrest, Manaidsear Phròiseact FilmG: “Thairis air na dha no thrì bhliadhnaichean a dh’ fhalbh tha sinn air barrachd agus barrachd fhilmeadairean neo-eisimeileach fhaicinn agus tha sinn airson sin a bhrosnachadh cho mòr ’s as urrainn agus òigridh a bhrosnachadh gus na filmichean aca fhèin a thoirt gu buil bho thoiseach gu deireadh. Tha Kerry na deagh eisimpleir air cuideigin le spiorad neach-tionnsgain a tha air a h-uile oidhirp a dhèanamh airson sàr-inbhe a ruighinn. Tha sinne airson an aon spiorad sin a bhith ri fhaicinn ’s na meadhanan Gàidhlig.”

Cuideachd an làthair bha Iseabail Nic an t-Sagairt, Stiùiriche Leasachaidh agus Co-bhanntachdan aig MG ALBA. Thuirt ise: “Tha FilmG air a bhith air leth soirbheachail bho chaidh a chur air bhog an toiseach ann an 2008 agus tha sinn cinnteach gum bi an t-seachdamh farpais a cheart cho soirbheachail ann a bhith toirt tàlant ùr am bàrr tro bhith cruthachadh filmichean goirid ann an Gàidhlig.

Tha sinn fhìn agus na britheamhan air mothachadh gu bheil inbhe agus ìre nam filmichean air a dhol am meud thar nam bliadhnaichean gu ìre nach bithte an dùil aig toiseach gnothaich.

“Tha sinne a’ toirt a h-uile misneachd do dhaoine aig a bheil ùidh ann am filmeadaireachd – sean is òg, fileanta sa Ghàidhlig no nach biodh – pàirt a ghabhail san fharpais agus na goireasan a tha rim faotainn air làrach-lìn FilmG a chur gu làn chleachdadh agus na beachdan aca a thoirt am follais air an sgàilean mòr.”

Tha FilmG a-nis fosgailte gu Dihaoine 19 Dùbhlachd airson Farpais an Òigridh (12-17 bliadhna a dh’aois) agus gu Diluain 19 Faoilleach airson Farpais nan Inbheach (thairis air 18 no buidheann coimhearsnachd). Tha filmichean bho bhliadhnaichean eile rim faicinn air loidhne aig www.filmg.co.uk. Ma tha thu airson film a dhèanamh no barrachd fhaighinn a-mach mun fharpais, cuiribh fios thugainn aig fios@filmg.co.uk.