Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2019 aig Sabhal Mòr Ostaig air tòiseachadh

08/2019

Tha an neach-ealain Astràilianach, Kim Anderson, air tòiseachadh mar Neach-ealain ùr Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, fo Sgoilearachd Jon Schueler a tha air a bhith ruith son seachd bliadhna aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.

'S e com-pàirteachas gun samhail a th' anns an Sgoilearachd, eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Carthannach Jon Schueler, le taic Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh airson beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich, Jon Schueler (1916-1992), a chomharrachadh agus a chuimhneachadh, agus airson a dhàimh shònraichte le dreach tìre is mara agus àrainneachd Linne Shlèite aithneachadh.

Choisinn Kim, a bhuineas dha Ballarat, Victoria, ceum anns na h-Ealainean Finealta (le Urram) aig Oilthigh Bhallarat ann an Astràilia agus ann an 2007 choisinn i sgoilearachd airson ceum Maighstireil anns na h-Ealainean Finealta a dhèanamh aig Oilthigh Dhùn Dè ann an Alba. Tha i air greisean còmhnaidh a choileanadh bhon uair sin ann an grunn àiteachan a leithid Prògram Stiùidio Eadar-nàiseanta Chomhairle Astràilia aig Sgoil Bhreatannach na Ròimhe, ann an Echigo-Tsumari, Iapan, aig Taigh Hospitalfield ann an Obar Bhrothaig ann an Alba, agus aig DRAWinternational ann an Caylus sa Fhraing, a fhuair taic Urras Cultarail Ian Potter.

Choisinn Kim Tabhartas ArtStart le Comhairle Astràilia ann an 2010 agus tha i air pròiseactan a dhealbhadh is a ghleidheadh le taic Arts Victoria, Cathair Melbourne, agus Regional Arts Victoria. Tha Kim air taisbeanadh air feadh Astràilia is thall thairis agus tha i air àite a chosnadh anns na cuairtean-deireannach de dh'iomadh duais nàiseanta a leithid Duais Paul Guest, Duais Tarraing-dhealbhan Rick Amor agus Duais Ealain Hazelhurst. Tha na leanas am measg nam pròiseactan mòra taisbeanaidh leatha, I Am My Own Prisoner aig Colaiste Scotch Oakburn ann an Launceston, Tasmania, ann an 2013, agus The Space Between, taisbeanadh lèirsinneach/fuaime aig a' chiad White Night Ballarat anns a' Mhàrt 2017. Ann an 2018 bha Kim na prìomh neach-ealain aig Biennale Ealain Astràilia agus prìomh thaisbeanadh aonair aice aig Taigh-ealain Bhallarat.

A’ tòiseachadh a greis air mhuinntireas, thuirt Kim: “'S e fìor adhbhar toileachais is urraim a tha seo dhomh a bhith air Sgoilearachd Jon Schueler 2019.  Tha seo a' dearbhadh an rathaid a ghabh mi nam chuid obrach o chionn ghoirid – ga stèidheachadh air cuspairean caoidh is bròin mu atharrachadh na gnàth-shìde agus mu chron air an àrainneachd nach gabh leigheas. Tha fadachd orm a bhith a' leasachadh obair ùr, 's e sin sreath ùr de dhealbhan tarraingte mòra agus àrainnean-fuaime bonntaichte air òrain is bàrdachd na Gàidhlig agus àrainneachd àlainn an Eilein Sgitheanaich.  Bhon a thàinig mi gu Sabhal Mòr Ostaig tha mi air dà Chùrsa Goirid a dhèanamh, a tha air tuigse a bharrachd a thoirt dhomh mun bheartas chultair a tha mun cuairt orm agus an cothrom a thoirt dhomh a bhith an lùib a’ chultair sin bhon fhìor thoiseach.”

Thuirt Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig, Kath NicLeòid: “Tha sinn fìor thoilichte Kim Anderson a bhith againn mar an t-seachdamh neach-ealain lèirsinneach air Sgoilearachd Jon Schueler. Bidh na com-pàirteachasan leantainneach eadar luchd-ealain eadar-nàiseanta agus luchd-ealain Gàidhlig òg no stèidhichte ag adhbharachadh obair inntinneach an lùib a' phrògraim agus seo mar thoradh air Sabhal Mòr Ostaig mar ionad cruthachail is cultarail. Bidh luchd-ealain, oileanaich agus a' choimhearsnachd a' co-obrachadh le luchd-ealain Schueler fhad 's a tha iad an seo tro thachartasan stiùidio fosgailte, òraidean is tachartasan com-pàirteachaidh eile, agus beachdan-smuain à diofar chultaran gan aiseag eadar càch a chèile. Tha an sgoilearachd seo a' cur ri prògram còmhnaidh an t-Sabhail Mhòir do sgrìobhadairean, luchd-ciùil, luchd-dràma agus luchd-ealain a bhios a' leudachadh cothroman co-obrachaidh eadar gnèithean ealain do luchd-ealain Gàidhlig ann an 2020.”

Thuirt Neach-ealain Schueler 2018, Rachel Schmidt, a thaisbean pròiseact ealain beò aig Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh agus obair bhon ghreis chòmhnaidh aice aig taisbeanadh aonair am-bliadhna ann an Hamiltonian Gallery, Washington DC: ‘Thug Sgoilearachd Jon Schueler ùine agus àite dhomh airson ealain a chruthachadh, airson meòrachadh, airson cluich agus airson rudan ùra fheuchainn. Bu toigh leam mo thaing a thoirt dhuibh airson cothrom a thoirt dhomh eòlas a chur air sàr choimhearsnachd de sgoilearan, luchd-ealain, sgrìobhadairean agus luchd-cruthachail. Bidh mi ag innse do dhaoine gun robh a’ ghreis chòmhnaidh coltach ri bhith a’ buannachadh a’ Chrannchair Nàiseanta agus tha an ùine a chosg mi anns an Eilean Sgitheanach air m’ atharrachadh gu bràth agus air fìor dheagh bhuaidh a thoirt orm. Dhrùidh luchd-obrach, amasan is àrainn chruthachail na Colaiste orm agus bidh mi a-nis a’ sgaoileadh deagh sgeul Shabhal Mòr Ostaig fad is farsaing.’

Bithear a' gabhail ri iarrtasan airson greis chòmhnaidh Schueler 2020 bho 30 An Lùnastal 2019 agus bidh seo fosgailte gu Diluain 14 Dàmhair aig 17:00 GMT.  Bidh an greis chòmhnaidh a’ ruith bho Dhiluain 27 Iuchair gu Dihaoine 14 Dàmhair 2020. Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu iarrtasan aig http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/ealain-is-cultar/jon-schueler/