Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Lana Pheutan a’ bruidhinn mu a film goirid Gàidhlig a tha a’ dèiligeadh le gnothaichean tar-ghnèitheach.

02/2018

B’ e oidhche air leth soirbheachail, aig na Duaisean FilmG, a bh’ aig Lana Pheutan às an Eilean Sgitheanach. Rinn Lana an cùrsa Gàidhlig is Conaltradh aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn beagan bhliadhnaichean is a tha a-nise na h-oileanach aig Oilthigh Napier Dhùn Èideann.  Bhuannaich i dà dhuais – Cluiche As Fheàrr agus Film As Fheàrr le Oileanach – airson am film ‘Còig Puing a Trì’ agus nochd i air trì gheàrr liostaichean cuideachd.  Bhuannaich i cuideachd duais Roghainn an t-Sluaigh bho bhòtaichean a’ mhòr-shluaigh.

Alumni an t-Sabhail: Lana Pheutan (Gàidhlig is Conaltradh, ’14)

 

Innis dhuinn beagan mun fhilm agad, dè rinn thu fhèin ann agus carson a thagh thu an cuspair seo.

'S ann mu dheidhinn boireannach tar-ghnèitheach a tha am film, 's i ag ullachadh airson innse da piuthar mun a seo. Tha sinn a' faicinn thachartasan eadar-dhealaichte, le trì diofar dhaoine, 's mar a tha daoine a' dèiligeadh rithe. Sgrìobh, stiùirich agus chluich mi ann: caran self-indulgent! An-uiridh chunnaic mi iomadh dealbh-chluich a bha a' dèiligeadh ris a' chuspair seo, 's bha iad uile cumhachdach fhèin. Tha mi cho toilichte gu bheil na cuspairean seo air an riochdachadh gu mòr a-nise. Tha mi den bheachd gum bu chòir dhuinn a bhith a' bruidhinn mu chuspairean an latha an-diugh ann an Gàidhlig cuideachd.

A bheil thu den bheachd gum bu chòir tuilleadh chuspairean de leithid a bhith gan riochdachadh tro mheadhan na Gàidhlig?

Tha mi dha-rìribh den bheachd gum bu chòir dhuinn a bhith a' bruidhinn mun a leithid. Chan eil fhios againn cò tha dol tro na rudan seo, is tha e cudromach gu bheil fhios aig daoine, às bith cò iad no càite bheil iad, gu bheil daoine ann a tha a' toirt taic dhaibh.

Dè bu mhiann leat a dhèanamh san àm ri teachd?

Tha mi airson cumail orm ag obair ann an Gàidhlig agus Beurla. Tha mi airson cleasachd a dhèanamh sa chiad dol a-mach, ach nuair a tha mi air beagan a bharrachd eòlais fhaighinn air an t-saoghal, bidh barrachd misneachd agam a thaobh sgrìobhaidh. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil sin far a tha mi gam fhaicinn fhèin ann an deich no còig bliadhna deug.

A bheil comhairle agad do dhaoine òga aig a bheil ùidh ann am film/dràma?

Dìreach dèan e! Chan ionnsaich thu càil gun a bhith a' feuchainn air. Ma tha thu airson cleasachd a dhèanamh, cuir sin romhad fhèin. Tha an teicneòlas ann a-nis, fiù 's air fòn-làimh, a tha sgoinneil airson filmichean a dhèanamh. Thalla a-mach chun an tèatair is an cinema cho tric 's as urrainn, fiù 's mura h-eil na tha thu a' faicinn a' còrdadh riut, tha mi cinnteach gun ionnsaich thu rudeigin bhuapa.