Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Tobar an Dualchais/Kist o Riches a’ cur air bhog làrach-lìn ùr

06/2021

Tha an goireas cultarail nàiseanta, Tobar an Dualchais/Kist o Riches (TAD), air làrach-lìn ùr a chur air bhog a tha ag amas air barrachd dhaoine a thàladh agus a nì cinnteach gum bi susbaint na làraich-lìn ri fhaotainn san àm ri teachd. Chaidh a’ chiad làrach-lìn a chur air bhog ann an 2010 agus bha i làn de dh’òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean agus creideamhan ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla. Fhuair sgoilearan à Sgoil Dhalabroig cothrom a’ chiad sealladh den làraich fhaighinn agus iadsan ann an sgìre far an do chruinnich luchd-clàraidh cuid de na clàraidhean as tràithe agus as luachmhoire.

Am measg na tha ùr air an làraich-lìn, tha: tar-sgrìobhaidhean de chlàraidhean Gàidhlig; dealbhan agus eachdraidhean-beatha de chuid de na daoine as iomraitiche a tha a’ nochdadh air an làraich-lìn; blogaichean; agus goireasan Gàidhlig a leasaich TAD do sgoiltean agus sgoiltean-àraich.

A bharrachd air leasachadh na làraich-lìn, chaidh pròiseact eile a choileanadh aig an aon àm le Oilthigh Dhùn Èideann gus dàta TAD a ghluasad don phrògram thasglannaidh eadar-nàiseanta, ArchivesSpace. Nì an gluasad seo cinnteach gum bi na clàraidhean agus am fiosrachadh a tha nan cois ri fhaotainn air-loidhne airson iomadh bliadhna ri teachd.

A’ bruidhinn air an làraich-lìn ùir, thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil an dreach ùr de làrach-lìn TAD air a dhol beò, agus gur e sgoilearan Dhalabroig a chuir e gu feum an toiseach. Tha e snasail, tarraingeach, agus furasta a chleachdadh, agus tha sinn den a’ bheachd gun tàlaidh e daoine ùra do na clàraidhean prìseil seo agus gun còrd e nas fheàrr ris an luchd-chleachdaidh a th’ againn mar-thà. Tha sinn fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson taic-airgid a leig leinn an obair seo a choileanadh.

Tha fiosrachadh agus naidheachdan inntinneach air an làraich-lìn ùir mu chuid de na prìomh dhaoine a th’ air cùl nan cruinneachaidhean agus tha sinn cinnteach gum bi seo na thlachd do luchd-cleachdaidh na làraich. Bha sinn airson tar-sgrìobhaidhean a chur ris an làraich-lìn an dèidh fios fhaighinn air ais bhon luchd-chleachdaidh againn, agus tha sinn an dùil gum bi iad nan cuideachadh do chuid a dhaoine ann a bhith a’ leantainn agus a’ tuigsinn nan clàraidhean. Tha sinn toilichte gu bheil cha mhòr 700 tar-sgrìobhadh ri fhaotainn air an làraich-lìn ùir, a’ gabhail a-steach barrachd air 58 uairean an uaireadair de chlàraidhean agus mu 520,000 facal.”

Thuirt Donnie Munro, Cathraiche Buidheann Stiùiridh TAD: “’S e goireas cultarail air-loidhne a th’ ann an TAD a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta, agus tha e a’ toirt toileachadh mòr dhomh gu bheil e air a’ chlach-mhìle seo a ruighinn. Tha sgioba TAD rim moladh airson an cuid saothrach agus bu mhath leam taing a thoirt do na com-pàirtichean againn aig Oilthigh Dhùn Èideann airson taic-airgid agus airson an dàta a chur gu bunait theicnigeach ùr, a tha a’ ciallachadh gum bi na clàraidhean rim faighinn airson ùine mhòr fhathast.”

Tha Ceannard nan Cruinneachaidhean Sònraichte aig Oilthigh Dhùn Èideann, Daryl Green, cuideachd air a dhòigh le toradh a’ cho-obrachaidh seo. Thuirt e: “Le bhith ag obair còmhla air a’ ghoireas chultarail chudromach seo, tha sinn a’ cur romhainn gum bi susbaint làrach-lìn Tobar an Dualchais ri fhaotainn don mhòr-shluagh san àm ri teachd. Tha an co-obrachadh leantainneach a dh’ionnsaigh seasmhachd na làraich-lìn agus nan cruinneachaidhean a tha na cois na amas aig TAD agus aig an Oilthigh ann a bhith a’ gleidheadh agus ag àrdachadh cànain agus cultaran na h-Alba.”

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Shona NicIllFhinnein: “Tha Tobar an Dualchais cudromach ann a bhith a’ toirt ar cultar agus ar guthan fa chomhair an t-sluaigh, anns na coimhearsnachdan againn fhèin agus nas fhaide air falbh. Mar aithne, tha na tha sinn a’ toirt de mhaoineachadh don Tobar, agus a chuid chom-pàirtichean a tha an sàs ann an leasachadh na làraich-lìn, leantainneach. Tha an làrach-lìn ùr air leth tarraingeach agus tha sinn an dùil gun tig àrdachadh mòr anns an àireamh de dhaoine a tha ga cleachdadh, agus gun cuir an luchd-cleachdaidh a th’ ann mar-thà fàilte air a leithid de leasachadh air a’ ghoireas luachmhor seo.”

Chaidh an làrach-lìn ùr beò Dimàirt 15mh dhen Ògmhios. Thèid stuthan ùra a chur rithe gu tric, a’ gabhail a-steach chlàraidhean, thar-sgrìobhaidhean, eachdraidhean-beatha ùra agus bhlogaichean, agus cuirear fàilte air beachdan agus molaidhean bhon mhòr-shluagh.

 

Fo-thiotal & còraichean nan dealbhan:

1. Clann Sgoil Dhalabroig a’ dèanamh sgrùdadh air an làraich-lìn ùir. Dealbh le Mike Faint © An Solas Òir

2. Seo Liam Crouse, oileanach PhD aig TAD, còmhla ri clann Sgoil Dhalabroig le dealbhan de chuid de na phrìomh fhiosraichean sa sgìre.  Dealbh le Mike Faint © An Solas Òir

3. Seo dealbh de Aonghas MacIllFhialain à Uibhist a Deas, a tha a’nochdadh air an làraich airson a’ chiad uair. Tha cuid de na sgeulachadhan air an innse le Aonghas a’ dol air ais cha mhòr mìle blaidhna. Dealbh le Margaret Fay Shaw © Urras Nàiseanta na h-Alba