Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Leabhar eachdraidh mu Iomairt Sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann air a chur air bhog

02/2020

Chuir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Suaineach BPA, leabhar eachdraidh ùr air bhog Diluain a chaidh a sgrìobhadh leis an Dr Tim Armstrong, òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig. 

Tha an leabhar ùr seo, Às na Freumhan, a’ leantainn eachdraidh air iomairt na Sgoile Gàidhlig ann an Dùn Èideann, strì a bha fada agus, aig amannan, connspaideach agus a mhair ceithir bliadhna deug.  Chaidh a buannachadh, aig a’ cheann thall, le pàrantan agus iomairtichean Gàidhlig eile a chùm orra a’ strì fad na h-ùine sin, is a thug air Comhairle Bhaile Dhùn Èideann aontachadh ri Bun-Sgoil Taobh na Pàirce ann an 2011.

Bhruidhinn an Leas-Phrìomh Mhinistear mun leabhair: ““Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh an leabhar ùr seo le Tim Armstrong a chur air bhog, leabhar anns a bheil eachdraidh na ciad sgoil Gàidhlig ann an Dùn Èideann.

“Tha an ùidh a th’ aig muinntir Dhùn Èideann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhol am meud bho na 1980an gus an latha an-diugh.

“Tha Riaghaltas na h-Alba toilichte a chuid taic a chumail ris a’ Chomhairle agus ri pàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh agus tha fiughair againn ri bhith a’ co-obrachadh leothasan a tha airson a leudachadh.”

A bharrachd air an eachdraidh, tha Armstrong a’ coimhead air cuspair nan sgoiltean Gàidhlig ann an Alba, is e a’ dèanamh na h-argamaid gur e barrachd sgoiltean Gàidhlig, a’ gabhail àite nan ionadan Gàidhlig, an aon rud a nì cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig da-rìribh a’ cur ri glèidheadh a’ chànain ann an Alba.

“Tha mòran bhuannachdan an lùib nan sgoiltean Gàidhlig fa leth”, mhìnich Armstrong.  “Buannachdan foghlaim, sòisealta agus cànanach, ach ’s e am buannachd as motha a th’ aca an cothrom ethos làidir Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na sgoileadh.”

“Cha chleachd òigridh an cuid Gàidhlig ro thric taobh a-muigh na sgoileadh neo san àm ri teachd mura bi an cànan cudromach dhaibh gu pearsanta, mar phàirt den fhèin-aithne aca mar Ghàidheil òga.  Gus dàimh làidir a thogail eadar an cànan is am fèin-aithne, feumaidh tidsearan ethos làidir Gàidhlig a chur air adhart aig gach ìre ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, rud a tha fada nas fhasa a thoirt gu buil ann an sgoil Ghàidhlig na bhiodh e ann an ionad Gàidhlig neo ann an sgoil a tha air a roinn eadar a’ Bheurla ’s a’ Ghàidhlig.”