Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Leabhran ùr mu Fhoghlam Gàidhlig

05/2018

Chaidh leabhran fiosrachaidh ùr mu Fhoghlam Gàidhlig fhoillseachadh o chionn ghoirid anns an Òlaind. Chaidh an leabhran no dossier a dheasachadh leis an Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal, Sabhal Mòr Ostaig, agus tha e mar phàirt de shreath de leabhrain fiosrachaidh mu mhion-chànanan air feadh na Roinn Eòrpa. ‘S e an t-Ionad Rannsachaidh Eòrpach, Mercator, stèidhichte anns an Acadamh Fryske ann an Leeuwarden san Tìr Ìosal a tha coimiseanadh nan leabhran bho eòlaichean anns gach dùthaich agus ‘s iad cuideachd a bhios gam foillseachadh.

Thubhairt an t-Ollamh Robasdan “Seo an dàrna eagran dhen dossier mu shuidheachadh na Gàidhlig ann am foghlam ann an Alba. Chaidh a’ chiad fhear fhoillseachadh ann an 2001 agus tha mòran air atharrachadh bhon àm sin. Thathar ag amas gum bi na leabhrain seo feumail do raon farsainn de dhaoine a tha an sàs ann am foghlam aig diofar ìre agus do dh’fheadhainn aig a bheil ùidh sa chuspair no a tha ri obair rannsachaidh no poileasaidh.”

Tha an dossier a’ còmhdach gach ìre foghlaim bho ro-sgoil is bun-sgoil gu àrd-sgoil agus bho fhoghlam leantainneach gu foghlam inbheach is àrd-fhòghlam.  Tha earrannan ann cuideachd air eachdraidh is suidheachadh a’ chànain san fharsaingeachd agus air rannsachadh foghlaim agus beachd air na dh’fhaodadh tachairt san àm ri teachd.

Gheibhear an dossier air làrach-lìn Mercator aig:- https://www.mercatorresearch.eu/en/knowledge-base/regional-dossiers/