Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Eachdraidh, dualchas agus an tìr uile gu bhith fon phrosbaig aig SMO le prògram ùr de dhreuchdan ealain air mhuinntireas

05/2014

Chaidh an ceathrar dhaoine a tha gu bhith sna dreuchdan ealain air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig OGE thairis air an ath bhliadhna ainmeachadh an-diugh (Dimàirt 20 Cèitean). Ann am prògram air leth farsaing agus ùidheil bithear a’ cleachdadh dràma, litreachas, ceòl, agus na h-ealain lèirsinne mar mheadhan gus coimhead air diofar thaobhan de dhualchas agus saoghal nan Gàidheal agus de dh’àrainneachd na Gàidhealtachd.

Bidh Blair Dùghlas, an neach-ciùil ainmeil às an Eilean Sgitheanach, na Cheòladair ùr aig a’ Cholaiste. Tha an neach-dràma Coinneach Lindsay gu bhith na Sgrìobhadair na Colaiste, agus bidh an luchd-ealain an Dr Kirsten Norrie agus Murray Robasdan nan luchd-ealain lèirsinne air mhuinntireas, dreuchd a tha air a thabhann ann an com-pàirt ri Acadamaidh Rìoghail na h-Alba.

A’ bruidhinn air an naidheachd, thuirt Oifigear Leasachaidh Ealain na Colaiste, Kath NicLeòid: “Tha a’ toirt toileachas mòr dhuinn fàilte a chur air ceathrar luchd-ealain ùra air mhuinntireas, agus tha beachdan sònraichte aig a h-uile duine aca a thaobh nam pròiseactan air am bi iad ag obair san ath 12 mìos. Bidh an sgrìobhadair, Coinneach Lindsay, gu h-àraidh ag obair air dealbhan-cluiche, agus e a’ togail air an obair a chaidh a dhèanamh o chionn beagan bhliadhnaichean aig a’ Cholaiste gus dràma Ghàidhlig a chur air adhart. Bidh an neach-ciùil iomraiteach, Blair Dùghlas, a’ cur pròiseact air dòigh stèidhichte air beatha shaighdeir bhon Chiad Chogadh, agus thèid a sgeulachd innse tro òrain, ceòl, bàrdachd agus dràma.

“Bidh dithis luchd-ealain againn mar neach-ealain lèirsinne air mhuinntireas, le gach duine a’ cur seachad sia mìosan san dreuchd. Bidh an Dr Kirsten Norrie, cleasaiche-ealain, ag obair air film ris am bi i a’ cur clàradh fuaime fa leth a chlàr i fhèin, agus mar phàirt de sin bidh i a’ cleachdadh agus a’ rannsachadh stuthan bho Leabharlann na Colaiste. Bidh Murray Robasdan, an neach-ealain is sàr chlò-chruthaichear, a’ sgrùdadh dà sgìre san Eilean Sgitheanach - An Cuiltheann agus Diùranais - a chaidh a chlàradh mar “fhiadh-thìr” o chionn ghoirid air mapa SNH, “Na Prìomh Sgìrean le Fiadh-thìr”. Tha Murray gu mòr airson bruidhinn ri sgrìobhadairean, bàird is luchd-ciùil Gàidhlig mun bheachd a th’ aca air a’ mhapa aig SNH agus tha e airson obair còmhla ri daoine aig a bheil ùidh sa ghnothach.”

Bha Blair Dùghlas air aon de na ciad bhuill den chòmhlan ainmeil, Runrig. Tha e air ainm a ghleidheadh dha fhèin mar neach-ciùil, air a’ bhogsa agus air a’ phiàna, agus mar sgrìobhadair ciùil thar nam bliadhnaichean, agus thug e a-mach a’ chiad albam leis fhèin ann an 1984, ‘Celtology’. Tha e air obair air grunn chlàran is pròiseactan bhon uair sin, leithid, ‘Skye: The Island’, ‘Beneath The Beret’, ‘Lasair Dhè’ agus gu leòr eile.

Thuirt Blair:  “Seo cothrom iongantach dhomh - chan e a-mhàin gum faigh mi cothrom pìos obrach ùr a chruthachadh, ach cuideachd bidh mi ag obair còmhla ris na h-oileanaich aig a’ Cholaiste air nithean cruthachail is ealanta. Bu thoil leam mo thaing a thoirt do SMO agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an ath- bhliadhna.”

Tha Coinneach Lindsay, Sgrìobhadair na Colaiste, na chleasaiche agus bidh e a’ sgrìobhadh dhealbhan-cluiche ann an Gàidhlig is Beurla. Tha e air obair a dhèanamh mar chleasaiche le grunn chompanaidhean air feadh na h-Alba, nam measg Taigh-cluiche Pheairt, Am Brunton, Taigh-cluiche Mhuile, an Tron, am Pavilion ann an Comar nan Allt, Taigh-cluiche an Rìgh ann an Glaschu agus an Companaidh Dràma Ghàidhlig, Tosg. Cuideachd, dh’obraich e còmhla ri Theatre Hebrides air ‘Roghainn nan Daoine’ agus o chionn ghoirid bha e air chuairt le Stoirm Òg agus an dealbh-chluich aca, ‘The Idiot at the Wall’. Mar sgrìobhadair dhealbhan-cluiche, tha e air obair le Taigh-cluiche Mhuile, Grey Coast Theatre agus Taigh-cluiche Òigridh Pheairt. Am measg nan dealbhan-cluiche a tha e air a sgrìobhadh, tha ‘The Dogstone’, suidhichte san Òban, ‘Fon Choill’, a chaidh a shealltainn san Lanntair ann an 2009, agus ‘The Wrapping in the Hide’, a chaidh a shealltainn aig Oilthigh na Banrigh Mairead.

Tha an Dr Kirsten Norrie air a h-obair a thaisbeanadh air feadh na h-Eòrpa. Am measg nan taisbeanaidhean a tha air a bhith aice o chionn ghoirid tha ‘The Wolf in Winter’ a bha air chuairt ann an Sasainn far an do thadhail iad air Birmingham, Oxford agus Dorchester. Tha Kirsten ag iarraidh film a dhèanamh far am bi i a’ togail air cultar beothail is iomadach na Gàidhealtachd agus nan Gàidheal, agus tha i an dòchas tron obair gun ionnsaich i barrachd mu a sinnsearan Gàidhealach fhèin.

Thuirt i: “Tha an cothrom seo, gus film Gàidhlig is Gàidhealach a chruthachadh aig Sabhal Mòr Ostaig, coltach ri bhith fosgladh seòmar a bha roimhe glaiste san taigh agad. Seòmar far am faigh thu nithean iongantach agus bunaiteach, rudan air an robh thu ’s dòcha a’ faighinn sealladh ann an aisling ron sin. Dhòmhsa, tha mi dha-rìribh a’ tighinn dhachaigh le bhith tighinn gu SMO.”

Nuair a bhios na sia mìosan aig Kirsten seachad, tha Murray Robasdan gu bhith na neach-ealain lèirsinne aig a’ cholaiste. Tha esan air obair a shealltainn air feadh an t-saoghail thar nan 25 bliadhna a dh’fhalbh agus tha e air a bhith an sàs ann an grunn phrògraman air mhuinntireas agus prògraman co-obrachaidh a thug e gu dùthchannan leithid Iapan, a’ Ghearmailt, na h-Innseachan agus Meagsago. Ged a tha ùidh aige fhathast sna clò-ealain ghrinn thraidiseanta, agus e air a bhith ag obair còmhla ri Stiùidio Clò-ealain Ghlaschu fad iomadh bliadhna, tha e air tòrr obrach a dhèanamh ann a bhith rannsachadh, a’ leasachadh agus a’ cleachdadh teicneòlas ùr gus ealain a dhèanamh, gu h-àraidh ìomhaigheachd is clò-ealain dhidseatach.

Thuirt e: “’S e sgrùdadh saidheansail a th’ anns a’ mhapa aig SNH stèidhichte gu tur air dàta cruinn-eòlais a fhuaras bho dhealbhan saideil. Ach san t-saoghal fhèin chan eil ‘crìochan’ stèidhichte eadar na ‘prìomh fhiadh-sgìrean’ agus an còrr den tìr. Tha ùidh agamsa ann a bhith coimhead air na ‘crìochan’ agus na h-àiteachan far a bheil na tìrean seo a’ coinneachadh, gu h-àraidh a thaobh na tha daoine ionadail a’ smaoineachadh air na ‘prìomh fhiadh-sgìrean’ seo agus na beachdan a th’ aig daoine a bhios a’ tadhal orra mar luchd-turais no airson cur-seachadan.”

Tha na dreuchdan seo air am maoineachadh tron phrògram chòmhnaidheach, ‘Cinn-uidhe Chruthachail’ (no Creative Futures), aig Alba Chruthachail. Am prìomh phrògram aig Alba Chruthachail a bheir taic do dh’obair dhaoine cruthachail ann an Alba. Tha an com-pàirteachas eadar SMO agus Alba Chruthachail air a bhith leantainn grunn bhliadhnaichean gus litreachas, dràma, ceòl agus na h-ealain lèirsinne a chur air adhart aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.