Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Mòd Ghlaschu 2019

10/2019

Bha bliadhna shoirbheachail eile aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bh’ air a chumail ann an Glaschu am-bliadhna. Tha a’ Ghàidhlig agus cultar nan Gàidheal aig teis-meadhan obair a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus is math gur ann an Glaschu a bha am Mòd an turas seo – am baile mòr anns a bheil an àireamh as motha de luchd-bruidhinn na Gàidhlig san t-saoghal. Bha sinn fhèin fìor thoilichte gun robh muinntir an t-Sabhail Mhòir an lùib chuirmean is cho-fharpaisean fad na seachdain.

‘S i Saffron Hanvidge, a tha na h-oileanach air an dàrna bliadhna den chùrsa BA (Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, a bha anns a’ chiad àite sa cho-fharpais Puirt-à-beul. Shoirbhich le Buidheann Dràma an t-Sabhail Mhòir cuideachd a choisinn ‘Dealbh-chluich As Fheàrr’ agus chaidh Coinneach Lindsay aithneachadh mar ‘Stiùiriche As Fheàrr’. Bha mòran de Sheann Oileanaich na Colaiste soirbheachail cuideachd. Choisinn Christin MacCoinnich, a cheumnaich le Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig, Bonn Òr an t-Seann Nòis, ghlèidh Calum MacColla, à Gearastan Loch Abair, an t-Aigeallan Airgid agus bha Màiri NicGilleBhràith às Ìle anns a’ chiad àite ann am farpais nan òran traidiseanta do luchd-ionnsachaidh.

Chaidh Sandy NicDhòmhnaill Jones, a tha na ball de Bhòrd Stiùiridh an t-Sabhail Mhòir, a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn, agus bhuilicheadh an tiotal Neach-ionnsachaidh na Bliadhna air Jenny NicilleDhuibh.