Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-ealain à Gàidhealtachd na h-Èireann na Sgoilear Jon Schueler 2020

02/2020

’S e an neach-ealain is cùradair Èireannach, Conor O’ Grady, an Neach-ealain ùr Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig fo Sgoilearachd Jon Schueler. ‘S i seo an ochdamh bliadhna den sgoilearachd chòmhnaidh a tha stèidhichte aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.

’S e com-pàirteachas gun samhail a th' anns an Sgoilearachd, eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Carthannach Jon Schueler, le taic Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh airson beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich, Jon Schueler (1916-1992), a chomharrachadh agus a chuimhneachadh, agus airson a dhàimh shònraichte le dreach tìre is mara agus àrainneachd Linne Shlèite aithneachadh.

Stèidhichte ann an Dùn nan Gall agus Maigh Eo, fhuair Conor oideachadh ann an Ealain aig Ionad Teicneòlais Bhaile Àtha Cliath agus aig Colaiste Nàiseanta Ealain is Dhealbhachaidh. Tha e air mòran obrach fhoillseachadh agus air grunn dhuaisean is choimiseanan fhaotainn, nam measg:  Neach-ealain air Mhuinntireas aig Siamsa Tíre, Tèatar Dùthchasach Nàiseanta na h-Èireann, Tràigh Lì (2018); Krems Neach-ealain air Mhuinntireas, Kunsthalle Krems, An Ostair (2017) agus Neach-ealain air Mhuinntireas le Stiùidio nan Ealain Didseatach, Beul Feirste (2017). Tha Conor air a chuid obrach a thaisbeanadh leis fhèin agus ann an taisbeanaidhean le daoine eile, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach Maigh Eo, An Ostaire, Baile Àtha Cliath, Tasmania, Melbourne agus Lunnainn. 

Tha Conor a’ cur dòighean sgrùdaidh is clàraidh is rannsachadh stuthach/lèirsinneach an sàs mar na prìomh dòighean-obrach aige nuair a bhios e ri cruthachadh. Tha deasbad, còmhradh agus conaltradh aig teis-meadhan a chuid obrach nuair a bhios e a’ cnuasachadh bheachdan-smuain. Bidh e a’ toirt iomradh air taobhan eadar-dhealaichte de dhòighean-rannsachaidh gnìomhach, a leithid nàdar shiostaman no, mar eisimpleir, nuair a bhios e a’ rannsachadh nan cànanan lèirsinneach an lùib naidheachdas sgrùdail, bidh e a’ cur mìneachadh às ùr air na meadhanan siùbhlach, geàrr-shaoghalach an cois còmhraidh mar ealain lèirsinneach ioma-chuspaireil agus gnìomhan connspaideach, is e ag ath-thaisbeanadh an eòlais aig buidhnean eadar-dhealaichte den chomann-shòisealta.

Tha seo air a chur an cèill tro dhealbhadaireachd leudaichte, dòighean snaidheadaireachd eadar-theachdail agus dealbhan gluasadach mar thoradh air cleachdaidhean lèirsinneach an latha an-diugh. Ach tha peantadh, tarraing dhealbhan is meadhanan traidiseanta eile cudromach na chuid obrach fhathast. Tha e fa-near do Chonor dòighean àiteachais is cleachdadh an fhearainn, anns an latha an-diugh agus o chionn fhada, a sgrùdadh agus bith-iomadachd an Eilein Sgitheanaich a rannsachadh cho math ri bhith a’ toirt beachd air a’ bhuaidh a th’ aig atharrachadh na gnàth-shìde air an eilean, a chruth-tìre agus na daoine a tha a’ fuireach is ag obair ann.

Tha Conor an dèidh crìoch a chur air greis chòmhnaidh aig Siamsa Tíre, Tèatar Dùthchasach Nàiseanta na h-Èireann, far an robh e an sàs ann am pròiseact rannsachaidh air craobh-eòlas agus bith-iomadachd suidheachadh bailteach an tèatair. Bu mhiann le Conor an t-eòlas aige air a’ choimhearsnachd Ghàidhlig seo a cheangal leis an dà fhreumh rannsachaidh ann an aon taisbeanadh a bhios a’ sgrùdadh bith-iomadachd an dà àite.

A’ bruidhinn mun Sgoilearachd, thuirt Conor: “Tha e na urram mòr gun deach mo thaghadh airson Sgoilearachd Jon Schueler 2020; agus na chothrom air leth leantainn air an luchd-ealain eile a chruthaich obair mun eilean seo. Tha ùidh agam ann an dualchas, ùirsgeulachd agus eachdraidh na h-Alba agus fadachd orm sgrùdadh a dhèanamh orra fhad ‘s a tha mi air mhuinntireas le Sabhal Mòr Ostaig. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri coinneachadh ri daoine, a bhith air a’ bhlàr a-muigh agus eòlas a chur air an àite gun samhail seo.”

Chuir neach-ealain na sgoilearachd an-uiridh, Kim Anderson, seachad ùine a’ sgrùdadh is a’ leasachadh a cuid dhealbhan tarraingte fhad ‘s a bha i air mhuinntireas, agus a bharrachd air a sin rinn i cuideachd dà chùrsa goirid a bha feumail dhi san obair sgrùdaidh aice.

“Bha mi air cur romham a bhith a’ sgrùdadh chuspairean caoidh is bròin mu atharrachadh na gnàth-shìde agus cron air an àrainneachd nach gabh leigheas, agus a bhith gan ceangal ri cleachdaidhean Gàidhlig mu thimcheall air caoidh. Rè ùine, chaidh mi a-steach dhan chuspair ann am barrachd doimhneachd agus thug sin buaidh mhòr air m’ obair.

B’ e aon de na rudan a b’ fheàrr gum b’ urrainn dhomh ùine a chosg san Leabharlann mhìorbhaileach aig Sabhal Mòr Ostaig agus gu robh e comasach dhomh fiosrachadh fhaighinn bho fìor eòlaichean aig a’ Cholaiste, mar Dr. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, an t-Oll. Ùisdean Cheape agus an t-Oll. Meg Bateman. Cuideachd fhuair mi cothrom stiùidio fosgailte a chumail airson oileanaich, luchd-obrach agus na choimhearsnachd a dh’adhbharaich còmhraidhean inntinneach dha-rìribh.”

Mairidh an Sgoilearachd airson trì bliadhna eile le taic-airgid bho Urras Charthannais Jon Schueler agus taic ga cumail le Acadamaidh Rìoghail na h-Alba.  Tha Sabhal Mòr a’ beachdachadh mu thaisbeanadh a chumail ann an 2023 airson obair  luchd-ealain Schueler gu lèir a shealltainn. Thèid obair a chaidh a chruthachadh nuair a bha Kim air mhuinntireas a shealltainn aig dà thaisbeanadh – Penny Contemporary ann an Hobart, san Dùbhlachd 2020 agus Gailearaidh Finders Lane ann am Melbourne ann an 2021.

 

Ìomhaigh agus creideas: Alison Laredo