Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais

08/2021

Tha an neach-ealain Gàidhlig Màiri NicIllÌosa air tòiseachadh mar Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais (TAD) agus i gu bhith a’ rannsachadh agus a’ cruthachadh phìosan obrach ceangailte ri clàraidhean de bheul-aithris a tha ri chluinntinn air làrach-lìn TAD. ’S e seo an dàrna bliadhna a tha TAD air a bhith ag obair còmhla ris a’ bhuidheann ealain ATLAS Arts, a tha stèidhichte ann an sgìre Loch Aillse agus an Eilein Sgitheanaich, airson an cothrom inntinneach seo a thoirt gu buil.

Tha Ceum le Urram aig Màiri ann an Snaigheadh bho Cholaiste-ealain Dhùn Èideann cho math ri teisteanas ann an Gàrradaireachd, agus tha i dìreach air Ceum Maighstireachd a chrìochnachadh aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba ann an Ionnsachadh agus Teagasg Ealain Ghàidhlig. Chaidh an obair aice a thaisbeanadh fad is farsaing agus ann an 2019 ghlèidh i an duais ‘Critics Choice’ airson an taisbeanaidh aice, Grinneas nan Eilean. À Dùn Èideann bho thùs, tha Gàidhlig aig Màiri agus tha i an-diugh a’ fuireach ann an Leòdhas, far a bheil i an-dràsta a’ steidheachadh ionad ealain-lèirsinneach Gàidhlig.

Mar neach-ealain lèirsinneach a tha ag obair tro dhiofar mheadhanan, tha ùidh aig Màiri anns an dòigh anns a bheil na linntean, na daoine, na cànain agus an cultar uile air an snìomh ri chèile, agus an ceangal a th’ aca ris an àrainneachd. Bidh Màiri a’ coimhead air clàraidhean a rinneadh ann an Ùig Leòdhais, agus gu sònraichte air cunntasan pearsanta air àirighean, croitearachd agus beul-aithris ionadail eile.

Thuirt Màiri: “Tha mi air mo dhòigh glan gun deach mo thaghadh airson a’ chothruim seo agus gum bi ùine agam èisteachd ri clàraidhean bho sgìre Ùig. Ged a bha mi eòlach air TAD roimhe seo, cha chuala mi ach beagan chlàraidhean an siud ’s an seo, agus tha mi air leth toilichte gun tèid agam a-nis air rannsachadh a dhèanamh air a’ bheairteas seo de bheul-aithris. Tha mi ’n dòchas gun tèid agam air cuid dhe na sgeulachdan, òrain agus pìosan bàrdachd sgoinneil seo a chur air ais aig cridhe na coimhearsnachd bhon tàinig iad sa chiad àite.”

Mus do thòisich i mar Neach-ealain air Mhuinntireas, ghabh Màiri pàirt ann an cùrsa goirid TAD air an robh Ceanglaichean Cruthachail, a bha am measg cùrsaichean goirid an t-samhraidh aig Sabhal Mòr Ostaig. Bha an cùrsa trì-latha seo air a thabhann air dà sheachdain sreath a chèile agus ghabh 18 neach an cothrom ionnsachadh mu na clàraidhean a th’ air an làraich-lìn, na seanchaidhean agus na h-obraichean-raoin a rinn iad, agus an luach a th’ annta san latha an-diugh.

Chuir Stiùiriche TAD, Flòraidh Forrest, an cèill a cuid toileachais mu thimcheall a’ chom-pàirteachais seo. Thuirt i: “Bha e fìor mhath coinneachadh ri Màiri tron chùrsa againn, Ceanglaichean Cruthachail, agus bidh e sgoinneil toradh na h-obrach aice fhaicinn anns na beagan mhìosan a th’ air thoiseach oirnn. Tha e glè chudromach dhuinn a bhith ag obair còmhla ri daoine cruthachail ann an coimhearsnachdan ionadail agus bho thòisich na cùrsaichean againn, Ceanglaichean Cruthachail, tha sinn air coinneachadh ri mòran dhaoine a tha airson barrachd ionnsachadh mu na clàraidhean prìseil seo los gun urrainn dhaibh an obair chruthachail aca fhèin a leasachadh, co-dhiù ’s e luchd-ciùil, sgrìobhadairean, luchd-teagaisg a’ bhlàir a-muigh, no luchd-ealain lèirsinneach a th’ annta. ’S e toileachadh mòr a bhios ann dhomh a bhith a’ cumail taic ri Màiri tron ùine aice air mhuinntireas againn ann an com-pàirteachas le ATLAS Arts.”

Tha Heather Fulton, Riochdaire ATLAS Arts, cuideachd toilichte taic a chumail ris an iomairt seo agus a bhith ag obair còmhla ri Màiri. Thuirt i: “An dèidh mar a shoirbhich gu mòr leis an Neach-ealain air Mhuinntireas aig Tobar an Dualchais an-uiridh, tha sinn air leth toilichte gun urrainn dhuinn an cothrom seo a thabhann a-rithist, agus airson ùine nas fhaide an turas seo. Tha sinne aig ATLAS Arts gu mòr airson cothroman leithid seo a chruthachadh, far am faigh daoine bho air feadh na Gàidhealtachd an cothrom a bhith a’ rannsachadh, a’ gleidheadh, a’ brosnachadh, agus a’ smaointinn mu dheidhinn na Gàidhlig. Tha sinn air ar dòigh glan a bhith ag obair còmhla ri TAD agus Màiri, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ faicinn mar a thig an rannsachadh agus an obair aice gu ìre.”

Bidh Màiri ag obair pàirt-ùine thairis air na beagan mhìosan ri thighinn agus anns an ùine seo bidh an obair aice ri faicinn tro bhlogaichean agus na meadhanan-sòisealta. Faodaidh sibh cuideachd an obair as ùire aice fhaicinn le bhith a’ leantainn TAD air Facebook, Twitter agus Instagram.