Neach-ealain Dràma Ùr air Muinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig
07/2011
Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, air Neach-ealain Dràma ùr air Muinntireas fhastadh a bha e fhèin na oileanach ann aig aon àm. Rugadh Artair Dòmhnall ann an Tiriodh agus tha e air a bhith na chleasaiche phroifeiseanta airson fichead bliadhna. Tha e air nochdadh air an rèidio, an àrd-urlar, an telebhisean agus ann am filmichean agus 's ann mar an caractair Coinneach 'san dràma Gàidhlig Machair, a chluich e fad ochd bliadhna, as fheàrr a dh' aithnichear e.
B' àbhaist do Artair a bhith an sàs ann an leasachadh dràma agus a bhith ag obair na stiùiriche dhan chompanaidh dràma Gàidhlig, TOSG. O chionn ghoirid, 'se an Stiùiriche Ealain a bh' aig an Sgoil Shamhraidh Dhràma a th' air a ruith le Fèisean nan Gàidheal agus tha e cuideachd a' ruith pròiseactan dràma airson òigridh ann an Glaschu.
Tha Kath NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Ealain an t-Sabhail, ag ràdh,
' 'Se rud gu math mòr a tha seo dhuinn gu bheil Artair a' tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig. Bidh e ag obair le oileanaich agus luchd-obrach air an àrainn fhèin agus a-muigh anns a' choimhearsnachd, a' dèanamh ceanglaichean le na sgoiltean air a' Ghàidhealtachd agus 'sna bailtean mòra. 'Se cothrom mìorbhuileach a tha seo dhà a bhith ag obair làmh ri làimh leis an luchd-ealain eile a th' air muinntireas an seo, ann an àite far a bheil a' Ghàidhlig 's na h-ealain a' tighinn beò, agus cothrom dhà cuideachd a bhith a' leasachadh an obair aige fhèin, rud a nì feum dha dràma Gàidhlig ann an Alba 'san fharsaingeachd. Leis mar a chaidh Neach-ealain Com-pàirtiche Gàidhlig fhastadh le Taigh-cluiche Nàiseanta na h-Alba o chionn ghoirid, agus leis a h-uile oidhirp a th' air a dhèanamh le buidhnean mar Eden Court, Fèisean nan Gàidheal, MG Alba, Comunn na Dràma agus buidhnean dràma ionadail, 'se àm brosnachail a tha seo ann an leasachadh dràma Gàidhlig.'
Tha Sabhal Mòr Ostaig air taic-airgid luach £25,000 fhaighinn tron sgeama GLAIF (Gaelic Language Act Implementation Fund) airson a bhith a' leasachadh dràma Gàidhlig. Cruthaichidh seo cùrsa for-cheum do chleasaichean/daoine a tha an sàs ann an dràma, a
dh' fhaodadh iad fhèin an uairsin dràma Gàidhlig a theagasg 'sna sgoiltean 's anns na coimhearsnachdan; sia clasaichean do sgoiltean: trì dhiubh sin stèidhichte air a' Ghàidhealtachd agus na trì eile ann an Glaschu/Dun Eideann, le dà bhùth-obrach bhliadhnail a bhios air an ruith aig SMO agus an RSAMD.
Thuirt an t-Oll. Maggie Kinloch, Iar-phrionnsabal an RSAMD, '
Tha an RSAMD glè thoilichte a bhith a' dol an sàs 'sa phròiseact seo le Sabhal Mòr Ostaig. Tha sinn còmhla a' cur taic ri sreath de leasachaidhean roi-innleachdail a bheir buaidh air a' Ghàidhlig tro dhràma 's òrain. 'Se ceum mòr a th' ann dhuinn, le Artair Dòmhnall a' tighinn air bòrd, gum bi na sgilean 's na daoine ceart againn airson an obair a thoirt air adhart chun an ath h-ìre. Tha seo fìor chudromach airson Gàidhlig a bhrosnachadh 'son an ath ghinealach 's tha sinn moiteil a bhith mar phàirt dhe. '
Tha an dreuchd seo , còmhla ris an Neach-ealain Lèirsinneach, Sgrìobhadair agus Ceòladair air Muinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, air a mhaoineachadh le Alba Cruthachail.