Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-ealain eadar-nàiseanta air ciad Sgoilearachd Jon Schueler aig Sabhal Mòr Ostaig

05/2013

Tha Sabhal Mòr Ostaig OGE air ciad Sgoilearachd Jon Schueler a bhuileachadh air an neach-ealain Iapanach Takeshi Shikama ann am pròiseact ùr, tarraingeach airson ealain air mhuinntireas, stèidhichte aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba.

Bha mòran ùidh sa phròiseict an dà chuid gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta agus chaidh Takeshi, a tha na shàr neach-ealain is dealbhadair, a thaghadh à còrr is dà cheud iarrtas bho air feadh an t-saoghail.  Thuirt Kath NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Ealain aig SMO:  “Bha sinn air ar dòigh leis an àireamh de shàr luchd-ealain lèirsinneach a chur a-steach air a shon à Alba, Breatainn, Ameireagaidh a Deas, Na Stàitean Aonaichte, Àisia, Astràilia agus an Roinn Eòrpa.  Tha sinn garbh fhèin toilichte fàilte a chur air Takeshi Shikama airson a’ chiad mhuinntireis a mhaireas trì mìosan.  Tron sgoilearachd, gheibh an neach-ealain an cothrom obair a chruthachadh suidhichte ‘san àrainneachd shònraichte an seo ann an Slèite agus air a’ Ghàidhealtachd air fad. 

“Bidh an cothrom aig Shikama obair a rannsachadh, a leasachadh agus a riochdachadh bhon Iuchar chun an Lùnastail agus bidh e ag obair bhon stiùidio ealain far am bi sealladh àlainn aige a’ coimhead a-mach thairis air an Linne Shlèitich, an t-àite a thug buaidh air obair Schueler fhèin gu mòr.  Tha stiùidio nan ealain lèirsinneach ri lorg ann an Ionad Fàs – an t-Ionad airson Ghnìomhachasan Cruthachail ‘s Cultarail an seo aig SMO – agus leis na th’ ann de dhiofar bhuidhnean ealain mun cuairt air, cha b’ urrainnear a bhith ann an àite na b’ fheàrr.  Bidh cothrom ann do luchd-ealain eile Takeshi a choinneachadh, an obair aige fhaicinn agus ‘s dòcha gun nochd beachdan inntinneach às a sin cuideachd.”

Bhruidhinn Takeshi Shikama mun obair:  “Dhòmhsa, chan e dìreach dealbh a tha ann an dealbhadaireachd.  Tha mi an dòchas dealbhadaireachd a chruthachadh mar nì.  Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ri daoine a choinneachadh agus a bhith ag ionnsachadh mu chultar na Gàidhlig.  Tha mi a’ creidsinn gu bheil na Gàidheil agus muinntir Iapàin coltach ri chèile a thaobh mothachaidh.” 

Thèid an sgoilearachd a thabhann gach bliadhna gu neach-ealain ùr agus bidh e a’ ruith bho 2013 gu 2016.  Chaidh a stèidheachadh gus comharra a dhèanamh agus cuimhne a chumail air beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich, eadar-nàiseanta agus a’ pheantair eascruthaich, Jon Schueler (1916-1992), agus airson aithne a thoirt dhan dlùth-chàirdeas a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich. 

‘Se com-pàirteachas sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus tha e a’ cur ris a’ phrògram air mhuinntireas a tha mar thà air a ruith le SMO agus Alba Chruthachail tron sgeama aca Creative Futures.

Thuirt Donaidh Rothach, An Stiùiriche aig Sabhal Mòr Ostaig airson Leasachaidh, Tionail-airgid agus nan Ealain:  “Tha e iomchaidh gun teagamh gun tèid Sgoilearachd an neach-ealain chliùitich Schueler a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig leis na chuir e seachad de dh’ ùine ag obair san stiùidio bheag aige a’ coimhead tarsainn air an Linne Shlèitich, agus gu seachd àraid gu ruith am prògram suas gu 2016, ceud bliadhna bhon rugadh e.  Thug an Linne Slèiteach buaidh làidir air, a bha follaiseach na obair, agus ‘se deagh dhòigh a th’ anns an sgoilearachd sin a chomharrachadh.”  

Aig deireadh nan trì mìosan, faodaidh Shikama an obair a chruthaich e ‘san ùine aige aig Sabhal Mòr a thaisbeanadh agus tha dòchas ann gun tèid taisbeanadh sònraichte, ‘Taisbeanadh Sgoilearachd Schueler air Mhuinntireas’ a thaisbeanadh aig deireadh nan ceithir bliadhna le taghadh de dh’ obair bho gach neach-ealain a fhuair an sgoilearachd.

Tha an sgoilearachd fosgailte do luchd-ealain eadar-nàiseanta, Albannach agus Breatannach a tha ag obair aig fìor àrd ìre phroifeiseanta anns na h-ealain lèirsinneach agus aig a bheil ùidh shònraichte ann an cruth-tìre agus an àrainneachd.  Thèid tagradh a sgaoileadh airson sgoilearachd na h-ath bhliadhna san Dàmhair 2013.  Airson tuilleadh fiosrachaidh:   http://www.smo.uhi.ac.uk/en/ealain-is-cultar/jon-schueler