Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-ealain Jon Schueler 2017 air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig

07/2017

Chaidh an neach-ealain lèirsinneach David Lemm ainmeachadh mar an Neach-ealain Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig OGE fo Sgeama Còmhnaidh Jon Schueler, a tha air a bhith an sàs fad còig bliadhna aig an Ionad Nàiseanta airson na Gàidhlig is a Cultair anns an Eilean Sgitheanach.

Thathar a' sìneadh a' phrògraim fad ceithir bliadhna eile le taic Urras Carthannach Jon Schueler agus Acadamaidh Rìoghail na h-Alba an dèidh mar a shoirbhich leis na greisean còmhnaidh o chionn ceithir bliadhna agus leis an taisbeanadh AN LINNE a chaidh a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig an-uiridh airson ceud bliadhna bho rugadh Jon Schueler a chomharrachadh agus airson beatha, dealbhan agus buaidh Schueler a sgrùdadh. Tha còrr is 1200 luchd-ealain às a h-uile ceàrnaidh den t-saoghal air iarrtas a chur thugainn gu ruige seo. Tha am prògram a' cur ri prògram còmhnaidh luchd-ealain an t-Sabhail Mhòir airson Sgrìobhadairean, Luchd-dràma, Luchd-ciùil is Luchd-ealain Lèirsinneach Gàidhlig.

Tha Lemm stèidhichte ann an Dùn Èideann agus tha a dhòigh-obrach measgaichte a' toirt a-steach iomadh stoidhle is pròiseas a leithid obair-clò, meadhanan measgaichte agus ìomhaighean gluasadach. Rugadh e ann an Cathair Caladain agus rinn e ceum aig Colaiste Ealain Duncan of Jordanstone ann an Dùn Dè. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh seòrsa pròiseict tro ghreisean còmhnaidh, prògraman foghlaim agus coimiseanan, agus o chionn beagan bhliadhnaichean chùm e taisbeanaidhean aig Edinburgh Printmakers (Debris and Phenomena, 2015) agus House of Illustration, Dùn Èideann (Mapping King’s Cross, 2016).

Thuirt Kath NicLeòid, Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig:

“Tha sinn fìor thoilichte gur e neach-ealain a tha a' fuireach ann an Alba a choisinn an sgoilearachd ann an 2017 a' sealltainn gu bheil an luchd-ealain againn a cheart cho math ris an luchd-ealain ùr-nòsach as fheàrr san t-saoghal. Tha sinn cuideachd toilichte gu bheil sinn a' cur fàilte air agus taic do neach-ealain a tha a' neartachadh cheanglaichean leis a' Ghàidhlig agus na h-eileanan - rinn e obair anns an Eilean Sgitheanach cuide ri Atlas Arts agus ann an Eige far an do rinn e greis chòmhnaidh fad cola-deug le Oilthigh Dhùn Èideann an lùib The Bothy Project. Tha David cuideachd air clàradh air cùrsa goirid Gàidhlig fad seachdain aig an t-Sabhal Mhòr as t-samhradh mus tòisich a ghreis chòmhnaidh.”

Thuirt David Lemm:

“Tha mi air mo dhòigh glan gun do choisinn mi an sgoilearachd seo. 'S e cothrom air leth a th' ann dhomh airson mo chuid obrach a leasachadh agus tha mi an dòchas gum bi an t-eòlas an lùib na greis obrach seo ri fhaicinn nam obair fad iomadh bliadhna ri teachd. Rinn mi obair san Eilean Sgitheanach roimhe agus tha fadachd mhòr orm a bhith a' tilleadh go àrainn bhrosnachail airson greis nas fhaide gus an cuir mi barrachd eòlais air an àite.   

Tha suidheachadh an ionaid agus a chuid obrach leis a' Ghàidhlig a' toirt cothrom air leth dhomh airson cuspairean co-cheangailte ri cànan agus a bhuinteanas leis an àrainneachd a sgrùdadh. Tha mi cuideachd airson an ùine agam a chosg a' sgrùdadh phròiseasan ùra agus a' rannsachadh nan goireasan a th' aig Sabhal Mòr Ostaig fhad 's a chuireas mi eòlas air a' choimhearsnachd.”

Tha leasachadh na Cille Bige ri taobh na Colaiste, a' chiad bhaile ùir anns an eilean fad 100 bliadhna, air ùidh Lemm a ghlacadh.

“Tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ri bhith a' rannsachadh agus a' beachdachadh air na b' urrainnear a dhèanamh san àrainneachd mu thimcheall Sabhal Mòr Ostaig. Mar thaobh nas fharsainge dem chuid obrach, bu mhath leam an àrainn thogte agus nàdarra ath-sgrùdadh agus ath-dhealbhadh agus tha mi a' creidsinn gur e cothrom air leth dhomhsa a th' ann an seo airson na beachdan-smuain a leasachadh, fhad 's a bhios mi a' meòrachadh air ciamar a bhithear a' cruthachadh, a' tuigsinn agus a' riochdachadh àite."

Bidh a' ghrèis air mhuinntireas ann eadar 18 An t-Sultain agus 8 An Dùbhlachd. Bidh naidheachd air tachartasan co-cheangailte agus air an taisbeanadh aig deireadh a' phròiseict a' nochdadh air làrach-lìn an t-Sabhail Mhòir. www.smo.uhi.ac.uk

'S e com-pàirteachas eadar-nàiseanta àraid a tha ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Carthannach Jon Schueler, le taic Acadamaidh Rìoghail na h-Alba.