Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Obair rannsachaidh SMO ga mhòr mholadh ann an sgrùdadh nàiseanta

12/2014

Chaidh toraidhean fhoillseachadh an-diugh (18 Dùbhlachd) bho sgrùdadh nàiseanta air obair rannsachaidh san Rìoghachd Aonaichte, agus fhuair obair sgoilearan an t-Sabhail Mhòr comharran fìor àrd mar phàirt de thagradh a chuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (OGE) a-steach.

Chuir OGE 81 neach-rannsachaidh air adhart airson an Fhrèam airson Sàr-mhathais ann an Rannsachadh (REF) le ochdnar ann an Ceiltis is Gàidhlig.  Bha seachdnar dhiubh sin bho Shabhal Mòr Ostaig le aon neach-rannsachaidh aig a’ phròiseict Soillse aig Colaisde a’ Chaisteil. Chaidh 61% den rannsachadh a mheas aig na h-ìrean as àirde, le 16% air a mheas aig ìre cho àrd ’s a gheibhear san t-saoghal agus 45% aig sàr ìre eadar-nàiseanta.  Bha 33% eile air a mheas fìor mhath.

’S iad na ceithir buidhnean maoineachaidh airson foghlam àrd-ìre san Rìoghachd Aonaichte a chuir na sgrùdaidhean air dòigh airson an REF agus bidh na buidhnean maoineachaidh sin a’ gabhail ealla ri toraidhean an REF nuair a bhios iad a’ toirt taic-airgid do dh’ionadan foghlaim àrd-ìre airson obair rannsachaidh bho 2015-16.

Seo dìreach an dàrna turas a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air obair rannsachaidh Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh Measadh air Rannsachadh (RAE) a chumail ann an 2008 agus chaidh ceathrar luchd-rannsachaidh bhon t-Sabhal Mhòr a chur air adhart an uair sin. Tha meud agus inbhe an rannsachaidh a thathar a’ dèanamh aig SMO air a dhol suas gu mòr bhon uair sin agus tha an àrainneachd rannsachaidh air a bhith air a neartachadh tro phròiseactan mòra nàiseanta mar Shoillse, Uinneag dhan Àird an Iar agus Faclair na Gàidhlig.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha na toraidhean seo air leth math agus nan dearbhadh air an adhartas a thathar air a dhèanamh ann an obair rannsachaidh is sgoilearachd bho àm an sgrùdaidh mu dheireadh. Còmhla ris na measaidhean a chaidh a dhèanamh air obair teagaisg na Colaiste nas tràithe air a’ bhliadhna, tha iad a’ sealltainn cho fìor mhath sa tha am foghlam a thathar a’ tairgse an seo agus na buannachdan a gheibh oileanaich bho bhith air an oideachadh le luchd-teagaisg is luchd-rannsachaidh a tha cho comasach.”

Thuirt Iain T. MacLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim: “Tha sinn air leth uasal às an luchd-rannsachaidh againn gu lèir agus tha piseach mhòr air tighinn air obair rannsachaidh fo stiùireadh an Dr Gillian Rothach, le taic bhon Oll. Richard Cox agus buill eile de chomataidhean rannsachaidh na Colaiste. Tha an com-pàirteachadh le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air leth cudromach agus tha e na adhbhar toileachais dhuinn uile gun robh toraidhean iomlan an REF aig OGE cho fìor mhath.”

Thuirt Iar-Stiùiriche an Fhoghlaim an Dr Gillian Rothach: “’S e aithneachadh fìor mhath a tha seo bho eòlaichean rannsachaidh nàiseanta air ar n-obair rannsachaidh. Bidh sinn a’ togail air na deagh thoraidhean seo airson an ath mheasadh nàiseanta ann an còig bliadhna eile. Tha sinn ag amas air taic dhar luchd-rannsachaidh a neartachadh, agus air ginealach ùr de luchd-rannsachaidh a thogail, aig OGE agus ann an Alba air fad. Bidh àite cudromach aig Soillse ann a bhith a’ coileanadh seo.”