Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Oileanach na Bliadhna

10/2019

Chaidh an duais airson Oileanach na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig a thoirt do Shannon NicIllEathain às Eilean Mhuile.  Rinn Shannon an cùrsa ceum BA Gàidhlig agus na Meadhanan airson trì bliadhna agus an uair sin rinn i an Dioplòma anns na Meadhanan Gàidhlig às a dhèidh.

'S ann à Tobar Mhoire a tha i ach ‘s ann à Taobh Siar Leòdhais a tha teaghlach a màthar.  Chaidh i dhan aonad Ghàidhlig ann am Bun-sgoil an t-Sàilein agus an uair sin gu Àrd-sgoil Thobair Mhoire.  Bha i a-riamh a' feuchainn ri Gàidhlig a bhrosnachadh san sgoil le bhith a’ stèidheachadh Seachdain Ghàidhlig agus a' cur tachartasan Gàidhlig air dòigh. Bha ùidh mhòr aice cuideachd ann a bhith a' cruthachadh fhilmichean agus ghabh i pàirt ann am FilmG trup no dhà leis an sgoil agus an uair sin mar fharpaiseach neo-eisimeileach.

Thàinig Shannon gu SMO às dèidh na sgoile airson Gàidhlig is Conaltradh a dhèanamh 's i an dùil a dhol gu Oilthigh Ghlaschu às dèidh bliadhna. Ged a fhuair i àite ann, cha b' urrainn dhi an t-àite agus na daoine laghach an seo fhàgail agus bha fhios aice nach fhaigheadh i coimhearsnachd Ghàidhlig na b' fheàrr ann an àite sam bith eile.

Thuirt Stiùiriche a’ chùrsa BA Gàidhlig agus na Meadhanan, Mòrag Stiùbhart: “Fhad’s a bha i a’ dèanamh a’ chùrsa cheuma, bha Shannon na h-oileanach dìcheallach; a’ cur a-steach a cuid obrach, a bha aig fìor àrd ìre, ann an ùine agus daonnan le deagh Ghàidhlig.”

As dèidh dhi am BA a dhèanamh, bha fhios aice gur e an ath cheum an Cùrsa Tbh a dhèanamh.  B’ i a’ bhliadhna a bu thrainge agus a bu chruaidhe a bh’ ann dhith, ach dh’ ionnsaich i an t-uabhas agus fhuair i cothroman sgoinneil a bhith ag obair le diofar dhaoine bhon ghnìomhachas fhèin.

Mar phàirt den chùrsa, chruthaich Shannon prògram aithriseach fad 10 mionaid mu dheidhinn Seònaid NicDhòmhnaill à Tobair Mhoire.  B’ àbhaist Seònaid a bhith na neach-teagaisg air na Cùrsaichean Air Astar aig an t-Sabhal agus tha i air an t-uabhas obair a dhèanamh airson na Gàidhlig, gu h-àraidh ann am Muile agus Idhe.

Thuirt Catrìona NicIain, Stiùiriche an Dioplòma: “Chùm Shannon oirre ag obair aig fìor àrd ìre air an Dioplòma agus fhuair i sàr mholadh bho gach òraidiche a bha ga teagasg.  Thog iad air an dòigh-obrach phroifeiseanta aice agus cho luath ‘s a ghreimich i air gach eileamaid dhen chùrsa.  Tha Shannon anbarrach math ann a bhith ag obair mar phàirt de sgioba; bhiodh na h-oileanaich eile an-còmhnaidh a’ dol thuice-se airson comhairle agus gach turas bha i deiseil airson an cuideachadh.  Tha i gu mòr airson a bhith soirbheachail agus a bhith a’ dèanamh cho math ‘s as urrainn dhi agus bhiodh companaidh sam bith fortanach a fastadh.”

Chaidh an duais agus an teisteanas, a tha a’ tighinn bho Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, a thoirt seachad leis an t-Àrd-Oll Niall Simco.

A’ bruidhinn mun duais aice, thuirt Shannon: “Tha mi air mo dhòigh gun deach mo thaghadh airson na duais seo. Tha an t-uabhas oileanaich dhìcheallach aig an t-Sabhal gach bliadhna agus mar sin, 's e urram mòr a th' ann a bhith air a cosnadh. Tha luchd-obrach an t-Sabhail air a bhith cho cuideachail dhomh thar nam bliadhnaichean agus tha mi airson mo thaing a ràdh gu h-àraidh do Chatrìona NicIain agus Mòrag Stiùbhart a tha air mo bhrosnachadh gun sgur. 'S e àite sònraichte a th' ann an SMO dha-rìribh agus tha mi cho fortanach gun d' fhuair mi an cothrom a thighinn ann!

Tha Shannon a-nis air an dàrna bliadhna den chùrsa is i air greis-ghnìomhachais airson deich mìosan. Anns an ùine seo, gheibh i measgachadh farsaing de dh’obair chraolaidh le diofar chompanaidhean far am bi i a’ cur an gnìomh na nithean a dh’ionnsaich i air a’ chùrsa.  Tha i an-dràsta ag obair air an dràma Ghàidhlig Bannan, às leth Young Films, ag ionnsachadh mu dheidhinn obair gearraidh agus às dèidh na Nollaig thèid i a Leòdhas airson tuilleadh gearraidh a dhèanamh còmhla ri MacTV.