Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Neach-ciùil air leth air ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna aig SMO

07/2014

Chaidh Eilidh NicPhàidein, oileanach a tha a’ dèanamh ceum BA (le urram) ann an Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta, ainmeachadh mar Oileanach Fo-cheum na Bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig OGE.

’S ann à Eilean Thiriodh a tha Eilidh, agus tha i air a bhith na h-oileanach aig SMO airson trì bliadhna, far a bheil i na sàr thosgaire don Cholaiste agus don chùrsa aice. 

‘Se neach-ciùil air leth tàlantach a th’ ann an Eilidh agus bhon a thòisich i aig an t-Sabhal, tha i air buinn airgid is òr a bhuannachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail sna co-fharpaisean bocsa.  Airson grunn bhliadhnaichean a-nis, tha Eilidh cuideachd air a bhith a’ teagasg air Fèis Thiriodh, a’ toirt seachad an fhiosrachadh sna sgilean aice fhèin don ginealach as òige.  Tha i an-còmhnaidh deònach a dhol an lùib tachartais agus a bhith a’ stiùireadh ghnothaichean, mar eisimpleir, bha i gu mòr an sàs anns na tachartasan airson 40 den Cholaiste a chomharrachadh agus ‘s i a bha os cionn còmhlan pìoba an t-Sabhail air an Latha Stèidheachaidh.  Bidh i a’ cuideachadh ri bhith cur air dòigh tachartasan spòrsail airson an còrr de na h-oileanaich agus bidh i cuideachd a’ toirt taic, gu saor-thoileach, don Ionad Cùram Cloinne, Fàs Mòr, aig àm lòin no as dèidh nan clasaichean, far a bheil i a’ còrdadh gu mòr ris a’ chloinn. 

Thuirt Iain T. MacLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim: “Tha Eilidh air leth airidh air an duais seo a tha ag aithneachadh a cuid feartan pearsanta, comasan acadaimigeach agus cuideachd na h-obrach ionmholta a tha i a’ dèanamh às leth oileanaich an t-Sabhail Mhòir. Tha i na sàr thosgaire dhan Cholaiste, dha OGE agus dhan choimhearsnachd anns an do thogadh i.” 

Tha Eilidh na pàirt mhòr de bheatha na Colaiste agus coimhearsnachd sgìre Shlèite cuideachd.  Tha i an sàs ann an Comunn nan Oileanach is bidh i a’ cur mòran ùine is oidhirp a-staigh ann a bhith cur air dòigh tachartasan sòisealta is nithean eile, gu maith nan oileanach air fad.  Bha Eilidh a-measg an fheadhainn a chuir air dòigh Buidheann Dràma SMO a bha a’ farpais aig a’ Mhòd ann am Pàislig ann an 2013 agus a bha cuideachd an làthair aig Ceòl is Craic an Glaschu o chionn beagan mhìosan.  Tron bhliadhna seo, tha i air a bhith an lùib grunn rudan, mar an Fhèill Ghàidhlig, Seachdain Slàinte agus an carthannas Sports Relief.  Mar phàirt de phrògram thachartasan SMO@40, bha Eilidh cuideachd a’ cluich aig Fèis Celtic Connections, Lùchairt Holyrood, Pàrlamaid na h-Alba agus ath-chruinneachadh nan oileanach aig an t-Sabhal.

Thuirt An t-Oll Decker Forrest, Stiùiriche a’ Chùrsa aig Eilidh: “Tha an dealas a th' aig Eilidh airson ionnsachaidh agus airson taic a thoirt do dhaoine eile air leth, agus tha an t-oilthigh aice, agus eilean Thiriodh dom buin i, uabhasach moiteil às an liut is a' ghràdh a th' aice air ceòl. Chaidh Eilidh a thogail air croit mhòr, thrang, agus tha i a' dèanamh oidhirp mhòr air a h-uile nì anns a bheil i an sàs. Cha chreid mi gun do theagaisg mi a-riamh oileanach cho airidh air an duais seo 's a tha Eilidh.”

Thuirt Eilidh i fhèin mun duais:  “Tha mi air leth toilichte a bhith air m’ ainmeachadh mar Oileanach na Bliadhna Sabhal Mòr Ostaig.  Cha robh mi idir an dùil ris agus tha e na urram mhòr dhomh gun robh luchd-teagaisg an t-Sabhail a’ smaoineachadh gun robh mi airidh air.  Tha an ùine agam aig SMO air a bhith fiadhaich math gu ruige seo agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bliadhna eile!”

Aig toiseach na bliadhna mu dheireadh aice, bidh Eilidh a’ dol air iomlaid a dh’ Eireann, far an cuir i seachad beagan mhìosan aig Ionad Ciùil an t-Saoghail, aig Oilthigh Limerick.