Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air oileanach na bliadhna 2016 ainmeachadh

12/2016

Tha oileanach a tha dealasach airson eòlas-mara air ainmeachadh mar oileanach na bliadhna 2016 aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Cheumnaich Samuel Black (22), a tha à Dùn Bàrr ann an Lodainn an Ear, o Chomann Saidheans Mara na h-Alba UHI nas tràithe sa bhliadhna le ceum le urram sa chiad rang ann an saidheans mara agus eòlas na h-Artaig. Chaidh a thaghadh airson na duaise airson na h-obrach acadaimigich air leth a rinn e, cho dìorrasach ’s a bha e agus na rinn e airson Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI, na sgìre mun cuairt agus na coimhearsnachd aige fhèin.

A bharrachd air a bhi a’ faighinn comharran àrda fad nan ceithir bliadhna san ionad an Earra-Ghàidheal, fhuair e ùine club dàibhigidh a stèidheachadh, cuideachadh a bhith a’ teagasg do chlann mu dheidhinn na h-Artaig agus pàirt a ghabhail ann an dùbhlan air leth duilich airson carthannas aillse broillich.

`S e Polly Crooks, oifigear clàraidh agus taic oileanaich aig Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI, a chuir Sam air adhart airson na duaise. Chuir àireamh de bhuill eile den luchd-obrach molaidhean leis an tagradh, agus òraidichean Sam nam measg.

Mhìnich Polly, “Bha Sam na oileanach sgoinneil, dìcheallach a fhuair comharraidhean matha fhèin. Bha e anabarrach soilleir ri fhaicinn cho dìoghrasach ’s a bha e airson Saidheans na Mara, Comann Saidheans na Mara agus na sgìre mun cuairt air. Thagh e a bhith ag ionnsachadh ann an Svalbard san treas bliadhna agus bha e sònraichte math san àrainneachd sin; a bharrachd air a bhi dealasach air an achadh a-muigh thug an ùidh a bha aige ann an Saidheans na h-Artaig cuideachadh dha toraidhean matha fhèin fhaighinn.

“Bha Sam an còmhnaidh èasgaidh taic a chur le obair for-ruigheachd agus adhartachadh nam prògraman againn. Na bha e san Artaig rinn e ceangal ri sgoil ann an Dùn Bàrr airson agus gum bitheadh cothrom aig sgoilearan barrachd fhaighinn a-mach mu dheidhinn na h-Artaig. Chuir e cuideachd le beatha nan oileanach le bhi a’ ruith club dàibhidh airson SAMS UHI.

“Sa bhliadhna mu dheireadh air a chùrsa foghlaim, a’ bhliadhna a bu truime, chaidh Sam air iomairt far an do rinn e snàmh ann an Loch Sìldeag, agus far an deach e air turas baidhsagail agus maraton anns an robh aige ri a dhà de bheanntan an Rothaich a streap. Bha e air fear de na farpaisich a b’ òige ann an Celtman agus thog e na mìltean not airson carthannas.”

Agus e a’ bruidhinn air mar a chaidh oileanach na bliadhna a thoirt air le oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, thuirt Sam:  `S e urram uabhasach a tha ann an duais seo fhaighinn agus bu toil leam taing a thoirt do luchd-obrach agus co-oileanaich a thug seachad taic agus cuideachadh dhomh sa bhliadhna mu dheireadh. Tha mi a-nis ag ionnsachadh airson MSc ann an atharrachadh na gnàth-shìde aig oilthigh Copenhagen san Danmhairg, ach ’s e SAMS an t-oilthigh as dachaigh dhomh nam cheann agus na mo chridhe. Thig agad air Sam a thoirt a-mach à SAMS ach chan urrainn dhut SAMS a thoirt a-mach à Sam.

Thuirt an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, “Bha Sam na oileanach eisimpleireach agus airidh air duais oileanach na bliadhna 2016. Chan e a-mhàin gun d’fhuair e toraidhean acadaimigeach air leth ach ’s e cuideachd na rinn e san oilthigh agus sa choimhearsnachd. Fad ’s a bha e còmhla rinn choimhead e dhuinn gu robh e dìoghrasach agus dìcheallach sa h-uile rud a bha e a’ dèanamh. Bu toil leam meal-an-naidheachd a chur air Sam airson na rinn e, agus mi an dòchas gun tig dha gu math san àm ri teachd.

Bhuannaich Sam cuideachd an Duais Thrì-phàirteach airson Tràchdas le Fo-cheumnaiche, duais bhliadhnail san Rìoghachd Aonaichte bho Chomann Saidheans Mara Challenger, an Institiud airson Innleadaireachd, Saidheans agus Teicneolas na Mara agus an Comann airson Teicneolas fon Uisge airson a’ phròiseict a b’ fheàrr bho oileanach BSc ann an saidheans, innleadaireachd no teicneolas na mara.

Thuirt Stiùiriche Chomann Saidheans Mara na h-Alba UHI, an t-Àrd-ollamh Nicholas Owens: `S e bliadhna air leth a tha air a bhi ann do Sam agus an tràchdas aige air a thaghadh air an fhear a b’ fheàrr am measg oileanaich saidheans mara air feadh Bhreatainn. ’S ann glè ainneamh nar beatha a bhios oileanach sa bhliadhna mu dheireadh a’ buannachadh oileanach na bliadhna agus aig an aon àm a’ trèanadh airson euchd corporra cho aibheiseach. 

Mar oileanach na bliadhna, chaidh seic airson £400 a thoirt seachad do Sam aig cuirm-cheumnachaidh Chomann Saidheans Mara na h-Alba san Òban. An dèidh dha crìoch a chur air MSc, tha e an dòchas PhD a dhèanamh a bhitheas a’ coimhead air na rianan leis a bheil brat-deighe na h-Antartaig a’ tanachadh agus a’ tarraing air ais agus dè a’ bhuaidh a bhitheas air àirdead na fairge air feadh an t-saoghail.