Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fàilte mhòr air oileanaich an t-Sabhail gu bliadhna ùr acadaimigeach

09/2019

Chuir Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, fàilte bhlàth air oileanaich ùra is leantainneach bho chionn ghoirid, is bliadhna ùr air tòiseachadh aig a’ Cholaiste.

Am bliadhna sa, thathas a’ cur fàilte air còrr is dà fhichead oileanach ùra, a’ mhòr chuid dhiubh sin a bhios a’ fuireach air làrach na Colaiste.  Tha iad seo air tighinn bho air feadh na dùthcha sa agus cho fada air falbh ri Ameireagadh, Canada, an t-Suain, a’ Ghearmailt agus Eilean Mhanainn.

Sa chiad seachdain, fhuair na h-oileanaich inntrigeadh bho luchd-obrach na Colaiste agus am measg na chaidh a chur air dòigh, bha oidhche An Tac an Teine leis an òraidiche, Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart; seisean ciùil, buidheann seinn; cothrom kayakadh, còmhradh inntinneach bho Alumnus na Colaiste agus preseantair na h-aimsir, Kirsteen NicDhòmhnaill agus dannsa leis an Cast Ewe Ceilidh Band airson an t-seachdain a thoirt gu crìoch.

A’ cur fàilte air a’ bhliadhna ùir seo, thuirt Prionnsapal na Colaiste, Dr Gillian Rothach:  “Tha e na thoileachas mhòr dhuinn fàilte bhlàth chridheil a chur air gach oileanach ùr agus oileanach leantainneach gu Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig – Sabhal Mòr Ostaig.  Tha e dha-rìrimh na thogail an uiread de dh’oileanaich fhaicinn agus an uiread de Ghàidhlig a chluinntinn air àrainn an t-Sabhail Mhòir. Tha na h-àireamhan de dh’ oileanaich air a dhol suas am bliadhna, an dà chuid air làrach na Colaiste agus air na cùrsaichean air loidhne, a’ ciallachadh gu bheil SMO a’ fosgladh tuilleadh chothroman gus Gàidhlig ionnsachadh is a cleachdadh gu duine sam bith, an àite sam bith, anns an t-saoghal. Tha sinn a’ guidhe bliadhna fìor shoirbheachail dhar n-oileanaich uile!”

Tha measgachadh de shlighean ann do dhaoine a tha airson Gàidhlig ionnsachadh tron a’ Cholaiste, eadar na Cùrsaichean Goirid agus am prògram air astar, An Cùrsa Inntrigidh.  Tha cuideachd cothroman eile a’ leudachadh gu mòr, mar a mhìnich Manaidsear Leasachaidh Foghlaim Adhartaich, Iain Fionnlagh MacLeòid; “Tha foghlam air astar air sgapadh buileach fad is farsaing am bliadhna seo, le tuilleadh is trì cheud neach bho air feadh an t-Saoghail a’ dèanamh oidhirp mhòr gus Gàidhlig ionnsachadh. Tha iad a’ tighinn bho iomadach ceàrnaidh dhen t-saoghal, a’ gabhail a-steach Shanghai, Sealain Nuadh, Nirrbhidh agus Slobhenia.  Tha e air togail mhòr a thoirt dhomh a bhith coimhead am fèill mhòr a th’ann bho air feadh an t-saoghail gus Gàidhlig ionnsachadh, agus an ùidh a th’aig daoine anns a’ chanàn agus a’ chultar.

Cuideachd tha na Preantasachdan ùra againn a’ tòiseachadh ann an Portrìgh, Inbhirnis agus Glaschu.  ‘S e Preantasachdan Bun-ìre a th’ annta, aig an aon ìre ri cùrsa Àrd-ìre na sgoile, agus tha an sgeama seo a’ toirt cothrom do sgoilearan obair phractigeach a dhèanamh ann an saoghal na meadhanan agus ann a bhith ag obair le clann agus daoine òga.”

Bidh Latha Fosgailte ga chumail aig a’ Cholaiste air 1 Samhain do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an cùrsa Gàidhlig agus gheibhear barrachd fiosrachaidh agus clàradh tro Eventbrite http://bit.ly/LathaFosgailte