Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Rapporteur bhon UN airson Cùisean Mhion-shlògh a’ toirt seachad Òraid an t-Sabhail

05/2014

Thug Rita Izsák, Rapporteur Sònraichte an UN air Cùisean Mhion-shlògh, Òraid an t-Sabhail seachad am-bliadhna far an do bhruidhinn i air an iomadh dòigh sa bheil mion-shlòigh is mion-chuideachdan air an comharrachadh - air sgàth creideimh, cinneadh, cànan agus eile - agus air an obair a rinneadh agus an reachdas a chaidh a stèidheachadh thar nam bliadhnaichean gus dìon a dhèanamh air daoine a bhuineas do mhion-shlòigh agus na còraichean aca.

San òraid aice an-dè (Diluain 12 Cèitean), thuirt i: “Tha Sabhal Mòr Ostaig uabhasach prìseil agus tha e a’ sealltainn don a h-uile coimhearsnachd chànain mar as urrainnear cànan is coimhearsnachd a chumail beò agus a chur am feabhas. Tha e na urram dhomh a bhith mar phàirt den choimhearsnachd agaibh, airson aon latha co-dhiù, agus a bhith ann an àite a tha cho brèagha agus cho càirdeil.

“Tha e cho cudromach an-diugh agus a bha e riamh ann an eachdraidh gum bi ar n-aire air mion-shlòigh agus na tha ag èirigh dhaibh. Ann an 2014, tha sinn a’ cuimhneachadh gu mì-fhortanach air an uabhas a bha tachairt ann an Rwanda o chionn fichead bliadhna, nuair a chaidh ceudan de mhìltean a mharbhadh ann am beagan mhìosan. Agus cuideachd am-bliadhna, tha Bliadhna Chuimhneachaidh ann airson an Holocaust san Ungair agus sinn a’ cuimhneachadh air mar a bhathar a’ toirt air falbh nan Iùdhach san Ungair gu campaichean bàis.”

Mhìnich Rita mar a thòisich còmhraidhean mu bhith cur dìon air mion-shlòigh às dèidh a’ Chiad Chogaidh taobh a-staigh Lìog nan Dùthchannan agus an uair sin às dèidh an Dàrna Cogaidh taobh a-staigh an UN, le diofar chòraichean gam buileachadh air mion-shlòigh is mion-chultaran mean air mhean tro bhliadhnaichean na ficheadamh linn. An uair sin bhruidhinn i air na diofar dhòighean sa bheilear a’ dèanamh dìon air mion-shlòigh san latha an-diugh agus thug i seachad grunn eisimpleirean nuair a tha diofar mhion-shlòigh air  sàrachadh, geur-leanmhainn is làmhachas-làidir fhulang.

Cuideachd san òraid aice, bhruidhinn Rita air mion-chànanan agus mion-shlòigh chànain agus air cho cudromach agus a tha e gun dèanar dìon orra.

Thuirt i: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil Gàidhlig ga h-ath-bheothachadh agus sin gu cinnteach ri linn na h-obrach cruaidh is dìcheallach a tha ga dèanamh sa cholaiste seo. Tha mi an dòchas gun lean cùisean mar a tha iad agus barrachd is barrachd dhaoine òga le ùidh ann a bhith bruidhinn is ag ionnsachadh Gàidhlig, agus gum faic sinn barrachd shoidhnichean dà-chànanach, agus prògraman sna meadhanan is tachartasan ann an Gàidhlig air feadh na dùthcha.”

Lean i oirre ag ràdh gun robh tòrr shlòigh aig a bheil mion-chànan fhathast feumach air dìon fon lagh agus cothrom ceart air foghlam sa chànan aca, agus ann an cuid a dhùthchannan tha an riaghaltas air coimhead air a’ mhion-chànan mar nì a tha cur aonadh na dùthcha an cunnart agus mar sin tha an cànan air a chasg. “Ma thathar a’ feuchainn ri casg a chur air daoine a bhith cleachdadh mion-chànan no an cànan sin a thoirmeasg, tha sin a’ bristeadh gu dubh còraichean a’ mhion-shluaigh sin.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan: “Thug Rita Izsák dhuinn sealladh air leth farsaing is geurchuiseach air cor mhion-shlògh air feadh an t-saoghail ann an òraid a bha bonntaichte air a fiosrachadh pearsanta de shuidhichidhean de chòmhstri mar ann an Nigeria agus san Ugràin far am bi i a’ coinneachadh ri riochdairean de na mion-shlòigh agus de gach ìre de riaghaltas anns gach dùthaich. Chuir i na dùbhlain a tha mu choinneamh na Gàidhlig ann an co-theacsa eadar-nàiseanta and mhol i na ceumannan a chaidh an gabhail gus an cànan ath-bheothachadh.”

Tha Òraid an t-Sabhail air a bhith leantainn bho 1990 nuair a thug an Dr Seumas Mac an t-Sealgair seachad a’ chiad òraid. Bhon uair sin, tha leithid Máire Mhic Róibín, Ceann-Suidhe Poblachd na h-Èireann, Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Gordon Brown BP, a bha na Sheansalair aig an àm, agus Jack MacConaill BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba air an òraid a thoirt seachad.

Chaidh Rita Izsák fhastadh na h-Eòlaiche Neo-eisimeileach air cùisean mhion-shlògh le Comhairle nan Còraichean Daonna agus thoisich i san dreuchd sin air 1 Lùnastal 2011. Chaidh a dreuchd ùrachadh mar Rapporteur Sònraichte sa Mhàrt 2014. ’S i an dàrna neach san dreuchd sin agus tha i neo-eisimeileach bho riaghaltas no buidheann sam bith. Tha dioplòma maighstireil ann an lagh aice bho Oilthigh Caitligeach Péter Pázmány, Budapest, An Ungair. Tha i air a bhith ag obair air còraichean daonna is mhion-shlògh fad deich bliadhna is i a’ cleachdadh an eòlais phearsanta a th’ aice fhèin air leth-bhreith is claon-bhreith - chaidh teaghlach a h-athar fhògradh air sàillibh an cinnidh Ungaraich anns na h-iomairtean fuadachaidh an dèidh an dàrna cogaidh eadar Seic-Slobhagia (Slobhagia san latha an-diugh) is an Ungair, agus tha a màthair de chinneadh Romàni.