Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Julie Fowlis a’ beachdachadh air cànan, ceòl agus cruth na tìre ann an Òraid an t-Sabhail

09/2017

’S i a’ bhana-sheinneadair is neach-ciùil ainmeil, Julie Fowlis à Uibhist a Tuath, a thug seachad Òraid an t-Sabhail am-bliadhna leis an tiotal, ‘Ceòl na h-Iarmailt’.

Thug Julie a h-òraid seachad, an 21mh Òraid an t-Sabhail, air Diardaoin 14 Sultain aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, far an do bhruidhinn i air mar as urrainn do cheòl, beul-aithris agus bàrdachd a bhith mar mheadhan gus an ceangal, no fiù ’s an sgaradh, eadar daoine agus an tìr is an iarmailt a dhaingneachadh. Le bhith a’ cnuasachd air an dàimh a th’ ann eadar daoine is an àrainneachd tha i air a dhol an sàs ann am pròiseactan ùra, agus aon dhiubh sin le triùir luchd-ciùil eile à Èirinn agus sheinn is chluich Julie còmhla riutha mar phàirt den òraid aice.

A’ bruidhinn air an òraid aice, thuirt Julie: “Chaidh iarraidh orm ann an 2015 le BBC Radio 4, cuide ri còignear sgrìobhadairean ciùil eile à Alba, Sasainn agus a’ Chuimrigh, pìos ciùil ùir a sgrìobhadh bonntaichte air an àrainneachd agus air an iarmailt. Chaidh iarraidh air an luchd-ciùil àrainneachd san sgìre aca fhèin a thaghadh agus sgrùdadh a dhèanamh air ciamar a tha an iarmailt agus an tìr a’ dol an coinneamh a chèile agus dè an coltas ciùil a bhiodh orra. ’S e fìor fhosgladh sùla a bh’ ann dhomh fhèin a thaobh iarmailt na Gàidhealtachd agus thug e orm beachdachadh air an dàimh eadar mi fhèin agus an àrainneachd anns a bheil mi a’ fuireach agus ciamar as urrainn do cheòl, beul-aithris agus bàrdachd an ceangal - no fiù ’s an sgaradh - eadar duine agus cruth na tìre a dhaingneachadh.

“Mar thoradh air seo tha mi air barrachd rannsachaidh a dhèanamh air ceòl leithid pròiseact ioma-chuspaireil air sgeulachdan, òrain agus mapadh cultarail ann an sgìre Loch Nis agus am pròiseact com-pàirteach ùr, cuide ri Éamon Doorley, Zoë Conway agus John McIntyre, a tha ag amas air ceòl a chruthachadh a chuireamaid ri seann bhàrdachd agus nuadh-bhàrdachd na Gàidhlig.”

Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan: “Tha mi air leth toilichte gur e tè a bha na h-oileanach aig an t-Sabhal a bha a’ liubhairt òraid na bliadhna seo. Tha Julie Fowlis air cliù a chosnadh dhi fhèin mar sheinneadair agus neach-ciùil barraichte a tha air dualchas na Gàidhlig a thaisbeanadh do luchd-èisteachd air feadh an t-saoghail. Tha sinne moiteil aiste agus às an obair ionmholta a tha i a’ dèanamh mar riochdaire is mar thosgaire ar cànain is ar cultair. Bha an òraid aig Julie eadar-dhealaichte bhon àbhaist leis gun robh i stèidhichte air ceòl is òrain is gun robh Julie agus a caraidean a’ cluich agus a’ seinn mar phàirt dhith. Tha Julie a’ leantainn dithis bhoireannach ainmeil, Nicola Sturgeon agus Rita Izsák, ann a bhith a’ liubhairt na h-òraid agus tha mise pròiseil gu bheil ban-Uibhisteach cho tàlantach air an aon rang riuthasan.”

’S e seinneadair cliùiteach a th’ ann an Julie Fowlis a tha air iomadh duais ciùil a chosnadh. Tha a togail ann an Uibhist a Tuath air buaidh mhòr a thoirt air a cuid ciùil. Choisinn i àite air a’ gheàrr-liosta airson ‘Seinneadair Traidiseanta na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta BBC Radio 2 ann an 2015, agus ‘An Neach-ciùil as Fheàrr’ aig Duaisean Ciùil na Cruinne ann an 2015. Tha Julie air a cuid ciùil a thaisbeanadh air feadh an t-saoghail, eadar tallachan-baile na Gàidhealtachd agus an t-àrd-ùrlar ann an New York, Philharmonie de Paris agus An Taigh-chluiche Globe ann an Lunnainn. O chionn ghoirid sheinn Julie aig a’ Festival of Voice ann an Cardiff agus aig a’ World Festival of Sacred Music ann am Fez, Morocco.

Tha Òraid an t-Sabhail air a bhith leantainn bho 1990 nuair a thug an Dr Seumas Mac an t-Sealgair seachad a’ chiad òraid. Bhon uair sin, tha leithid Máire Mhic Róibín, Ceann-Suidhe Poblachd na h-Èireann, Dòmhnall Mac an Deòir BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, Gordon Brown BP, a bha na Sheansalair aig an àm, Jack MacConaill BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, agus Nicola Sturgeon BPA, Prìomh Mhinistear na h-Alba, air an òraid a thoirt seachad.