Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble 2016

11/2016

’S e Iain MacDhòmhnaill a bhios a’ toirt seachad an Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Noble am-bliadhna, agus e gu bhith bruidhinn air a’ chuspair, “Somhairle MacGill-Eain, sùil air ais”.

Chaidh an Òraid a stèidheachadh ceithir bhliadhna air ais le Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras an Eilein, dà bhuidhinn ris an robh dlùth cheangal aig Sir Iain fad iomadh bliadhna, mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn Sir Iain don cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.

B’ ann air sgàth lèirsinn agus oidhirpean Shir Iain a chaidh Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhonn ann an 1973.  Tha e nis na cholaiste Ghàidhlig a tha a’ tabhann ghrunn chùrsaichean aig ìre fo-cheum is for-cheum tro mheadhan a’ chànain. Choisinn Sir Iain cliù dha fhèin na bheatha mar bhancair, neach-gnothaich agus neach-gnìomhachais, ach air a’ Ghàidhealtachd ’s dòcha gur e as motha a bhios cuimhne aig daoine air, an obair a rinn e a thaobh na Gàidhlig.

Thèid an òraid a lìbhrigeadh air Diciadain 09mh an t-Samhain aig 7.30f ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha fàilte ron a h-uile duine agus tha e an-asgaidh. Thèid an òraid a thoirt seachad ann an Gàidhlig, ach bidh innealan eadar-theangachaidh ann do dhaoine aig nach eil Gàidhlig. Bidh ceòl ann cuideachd agus aoigheachd às dèidh làimh.