Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Plana Cànain a’ cur ri inbhe na Gàidhlig aig Colaiste Ghàidhlig na h-Alba

12/2017

Chaidh dàrna Plana Cànain Sabhal Mòr Ostaig fhoillseachadh an-diugh (13 Dùbhlachd), plana a chuireas ri inbhe na Gàidhlig aig an Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig anns gach raon de dh’obair na colaiste.

’S e seo an dàrna Plana Gàidhlig aig a’ Cholaiste a chaidh a dheasachadh fo chùmhnantan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a tha a’ togail air an obair leasachadh cànain a chaidh a dhèanamh fo sgèth a’ chiad Phlana agus a-nis a’ gabhail ceum eile gus an cànan a thoirt air adhart an seo agus gu nàiseanta. Chaidh am plana a dheasachadh le Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste, Janni Diez, agus luchd-obrach eile a tha mion-eòlach air leasachadh is planadh cànain. Tha am plana a’ togail air Poileasaidh Cànain na Colaiste agus a’ neartachadh cleachdadh na Gàidhlig am measg oileanaich agus luchd-obrach an t-Sabhail. Tha am plana a’ cur ri inbhe na Gàidhlig a bha mu thràth làidir is daingeann aig a’ cholaiste, agus bheir e cothrom don t-Sabhal iomairtean sònraichte a chur air adhart a bheir inbhe nas àirde buileach don chànan.

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal na Colaiste: “Tha uallach sònraichte air Sabhal Mòr Ostaig, mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig, a bhith a’ cur air adhart adhbhar na Gàidhlig agus a bhith a’ sìor neartachadh suidheachadh a’ chànain.  Tha am Plana seo a’ togail air poileasaidh Gàidhlig na Colaiste a tha stèidhichte air feallsanachd agus prionnsapail planadh cànain. Tha àit-obrach is coimhearsnachd Ghàidhlig againn an seo le bun-structair iomchaidh airson rùintean a’ Phlana agus a’ phoileasaidh a chur an gnìomh.

“Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ creidsinn gu mòr ann an co-phàirteachadh agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis an Riaghaltas, le Bòrd na Gàidhlig agus le ionadan is buidhnean poblach eile gus amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh.”

Thuirt Janni Diez, Oifigear Leasachaidh Cànain na Colaiste: “Leis a’ phlana seo tha sinn air ceum eile a ghabhail ann an leasachadh cànain aig SMO agus bheir e ro-innleachd dhuinn sna 5 bliadhna a tha romhainn – plana a nì cinnteach gum bi sinn nar sàr eisimpleir de dh’iomairt cànain. Tha sinn gu sònraichte airson misneachd nan oileanach agus an luchd-obrach a thogail gus Gàidhlig a chleachdadh fad na h-ùine.”

Mairidh am plana còig bliadhna gus am feumar ùrachadh agus gheibhear leth-bhreac den phlana air làrach-lìn na Colaiste aig:

http://www.smo.uhi.ac.uk/files/PDFs/planaG-2017-22.pdf