Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Plana Pàrantachadh Corporra aig Sabhal Mòr Ostaig

04/2018

Tha Sabhal Mòr Ostaig UHI, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air Plana Gnìomh Pàrantachadh Corporra a sgrìobhadh, fo chùmhnantan Achd na Cloinne is nan Daoine Òga (Alba) 2014.  Mar phàirt den Achd seo (Pàirt 9), tha Sabhal Mòr Ostaig air a chomharrachadh mar Phàrant Corporra le dleastanasan reachdail a dh’fheumar a choileanadh a thaobh cloinne is dhaoine òga fo chùram agus feadhainn a b’ àbhaist a bhith fo chùram.

Bha aig colaistean, oilthighean is ionadan eile a tha nam Pàrantan Corporra, ri Plana Gnìomh a chruthachadh is fhoillseachadh agus tha e cuideachd na dhleastanas gun tèid Aithisg a dhèanamh gach trì bliadhna a tha a’ dèanamh measadh air a’ Phlana Gnìomh.

Tha luchd-stiùiridh is luchd-obrach na Colaiste ag aithneachadh nan dleastanasan an lùib Phàrantan Corporra, mar a tha iad a’ nochdadh san Achd, airson cothroman dhaoine òga, a tha air seirbheis cùraim fhaighinn, a neartachadh anns a h-uile dòigh.

Thuirt Eilidh NicPhàidein, Co-òrdanaiche Sheirbheisean Oileanach agus Oifigear Dìona SMO: "Tha a' Cholaiste a' cur fàilte air iarrtasan le daoine òga a tha air cùram fhaighinn agus tha i air ceuman taic a chur an sàs a leigeas le tagraichean am fiosrachadh seo a chur an cèill air iarrtasan. Tha a' Cholaiste a' cur roimhpe gun lìbhrig i àrainn ionnsachaidh is obrach do dh'oileanaich a tha air seirbheis cùraim fhaighinn a tha sàbhailte is taiceil agus a tha freagarrach do an cuid fheumalachdan is slàinte agus a leigeas leotha na tha comasach a choileanadh."

‘S e Buidheann Cùraim na Colaiste, a chaidh a chur air chois ann an 2016-17, a chuir am Plana Pàrantachadh Corporra ri chèile agus a bharrachd air a bhith a' sgrùdadh is a’ measadh a’ Phlana, ghabh buill na Buidhne pàirt ann an trèanadh aodainn ri aodainn air a lìbhrigeadh le Colleges Development Network (CDN) agus a’ bhuidheann Who Cares? Scotland.

Thuirt Iain Tormod MacLeòid, Iar-phrionnsapal agus Cathraiche na Buidhne Dìona aig Sabhal Mòr Ostaig: "Bidh trèanadh riatanach airson a h-uile neach-obrach na phrìomhachas airson na builean is gnìomhan co-cheangailte ris a' Phlana Phàrantachadh Chorporra a choileanadh. Feumar fiosrachadh a thoirt don luchd-obrach mu na dùbhlanan is duilgheadasan ro chloinn is ro dhaoine òga a tha air seirbheis cùraim fhaighinn agus thèid aig a' Cholaiste air taic a bharrachd a thoirt seachad mar thoradh air sin."