Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Dr Gillian Rothach aig stiùir an t-Sabhail Mhòir

03/2018

Chaidh an Dr Gillian Rothach ainmeachadh an-diugh mar Phrionnsapal ùr Sabhal Mòr Ostaig.  Tha Dr Rothach an-dràsta na h-Iar Stiùiriche an Fhoghlaim agus os cionn Rannsachaidh sa Cholaiste.  ’S ann fo a stiùir-sa a shoirbhich cho math leis a’ Cholaiste tron sgeama Sàr-Rannsachaidh Nàiseanta (Research Excellence Framework) le cuid de na toraidhean aig an ìre as àirde gu h-eadar-nàiseanta.   

“Tha sinn air leth toilichte an cothrom seo a thoirt do Gillian,” thuirt Aonghas MacLeòid, Cathraiche a’ Bhòrd-stiùiridh, “Bha sinn a’ sireadh, ann am Prionnsapal ùr, cuideigin a bha lèirsinneach, làn spionnaidh agus a bha dealasach, agus tha sinn air na feartan sin uile aithneachadh ann an Gillian a tha cho daingeann a thaobh còraichean a’ chànain agus na Colaiste, dìreach mar a bha an fheadhainn a chaidh romhpa”.

Fileanta ann an Gàidhlig agus a’ Bheurla-Ghallda, leis gun deach a togail san Ear-Thuath, bha ùidh is tuigse riamh aig Gillian ann am buaidh a’ chànain air cultar is dùthchas.  Le ceum Mhaighstireachd ann an Ceilteis agus PhD ann an Eitneòlas na h-Alba agus Antropeòlas Sòisealta, tha farsainneachd aice a dh’fhàgas gu math ullaichte i a bhith os cionn Ionad Nàiseanta Canan is Cultar na Gàidhlig.

“’S ann tron Ridire Iain Nobail a thàinig mise dhan Eilean Sgitheanach sa chiad àite, thuirt an Dr Rothach, “’s mi air mo bheò-ghlacadh leis an lèirsinn agus na h-amasan àrd-mhiannach a bh’ aige.  Nam bheachd-sa, ’s e sin a tha a’ fàgail sgioba a tha cho teann, cho comasach is lùthmhor aig an t-Sabhal Mhòr an-diugh - tha sinn uile a’ tarraing air an aon ràmh leis an dearbh amas a bh’ aige fhèin - ar cànan a neartachadh anns a h-uile raon is ceàrn.  Tha mi làn spèis airson cho prìseil is a tha eachdraidh agus cultar nan Gàidheal. Tha mi ga mheas mar urram is tlachd mhòr gu bheil cothrom air a bhith agam a bhith an sàs ann an leasachaidhean ann an saoghal na Gàidhlig bho 1984.”

Tha Gillian a’ fuireach san Eilean Sgitheanach le a dithis chloinne òg a tha fileanta sa Ghàidhlig cuideachd. Bidh i a’ tòiseachadh san dreuchd meadhan an Lùnastail 2018.