Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Pròiseact co-obrachaidh a’ cur gu mòr ris a’ Ghàidhlig

09/2020

Tha pròiseact co-obrachaidh eadar Faclair na Gàidhlig agus Tobar an Dualchais (TAD) a’ cur gu mòr ri corpas Faclair na Gàidhlig.

Thòisich an dà bhuidheann ag obair còmhla air pròiseact dearbhaidh ann an 2018 agus lorg iad 1,200 facal is abairt Gàidhlig àraid bho chlàraidhean-fuaim a tha ri fhaotainn air làrach-lìn TAD www.tobarandualchais.co.uk Mar thoradh air sin, bha cuid de na clàraidhean anns an deach am briathrachas seo a lorg air an tar-sgrìobhadh le luchd-obrach TAD. Rinn sgioba Faclair na Gàidhlig sgrùdadh air na tar-sgrìobhaidhean seo gus measadh a dhèanamh air a’ bhriathrachas a dh’fhaodadh iad a chur ris an Fhaclair.

A’ bruidhinn air toraidhean a’ phròiseict, thuirt Alasdair Caimbeul, ball de sgioba Faclair na Gàidhlig: “Tha e gu math soilleir bhon obair a rinn sinn air na riochdan sgrìobhte de na clàraidhean aig Tobar an Dualchais gu bheil na sgrìobhaidhean seo a’ dol a chur gu mòr ri corpas Faclair na Gàidhlig, gu h-àraidh a thaobh na fianais a bhios againn air dualchainntean, gnàthasan-cainnt, ìrean-cainnte, cultar nan Gàidheal agus cuid a chuspairean nach bi a’ nochdadh ann an sgrìobhadh ro thric idir. Cha do choimhead sinn ach air taghadh car beag de chlàraidhean thuige seo, agus tha sinn mu thràth air faclan a lorg nach fhaighear sa chorpas againn no ann am faclairean an latha an-diugh. Cuideachd, fhuair sinn ciall ùr airson cuid a dh’fhaclan air a bheil sinn eòlach le ciall eile. Leis na clàraidhean agus sgrìobhaidhean seo, ’s urrainn dhuinn èisteachd ri agus sùil a thoirt air Gàidhlig bhrèagha, nàdarra ann an dualchainntean an luchd-labhairt fhad ’s a tha iad ag innse dhuinn an dà chuid mu chùisean àbhaisteach agus annasach. Nithear cinnteach leis a’ phròiseact seo gum bi faclan nan Gàidheal seo mar phàirt de Fhaclair na Gàidhlig.”

Bidh na 76 tar-sgrìobhaidhean ri fhaighinn air làrach-lìn Tobar an Dualchais agus cuideachd tron chorpas air-loidhne aig an Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig (DASG).

Thuirt Flòraidh Forrest, Stiùiriche TAD: “Tha sinn air ar dòigh gu bheil cothrom air a bhith againn a bhith ag obair le Faclair na Gàidhlig air a’ phròiseact seo. A bharrachd air a bhith a’ cur ri corpas Faclair na Gàidhlig, bidh na tar-sgrìobhaidhean na chuideachadh mòr do luchd-cleachdaidh làrach-lìn TAD. Bidh cothrom aca rannsachadh nas doimhne a dhèanamh leis na tar-sgrìobhaidhean, fhad ’s a tha iad ag èisteachd ri dualchainntean eadar-dhealaichte. Tha sinn a’ leasachadh làrach-lìn ùr an-dràsta agus cuiridh na tar-sgrìobhaidhean gu mòr ris an dòigh anns a bheil daoine ga cleachdadh. Tha sinn fada an comain Bòrd na Gàidhlig airson an taic a thug iad dhuinn gu ruige seo agus tha sinn air leth toilichte gu bheil am Bòrd air aontachadh taic a bharrachd a chur ris a’ phròiseact gus am bi comas againn cumail a’ dol leis an obair luachmhor seo.

Thuirt Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha co-obrachadh cho cudromach ann an saoghal na Gàidhlig  gus ar coimhearsnachd a bhrosnachadh is neartachadh agus tha sinn toilichte gu bheil Faclair na Gàidhlig agus Tobar an Dualchais air a thighinn còmhla gus am pròiseact sònraichte seo a lìbhrigeadh.  Cuiridh am pròiseact ri cànan, dualchas agus cultar agus fàgaidh e dìleab phrìseil do luchd-labhairt san àm ri teachd.”

Thathar an dùil gun tèid pàirt den Fhaclair fhoillseachadh air-loidhne ann an 2021.

Aig an ìre seo tha còrr is 43,000 clàradh air làrach-lìn TAD. Tha òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean agus beul-aithris ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla nam measg. Thathar an dùil gum bi an làrach-lìn ùr deiseil tràth ann an 2021, le tar-sgrìobhaidhean na luib. Ma tha sibh airson èisteachd ri clàraidhean bhon làraich a h-uile latha, leanaibh Tobar an Dualchais air Facebook agus Twitter.