Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Com-pàirteachas ùr le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba airson Òraid an t-Sabhail 2019

11/2019

 

Chaidh Òraid an t-Sabhail a chumail am-bliadhna aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann, Diardaoin 7 Samhain. B’ e tiotal na h-òraid, ‘Cuir eag anns a’ chasa-ceangal’: Gàidhlig ga cur gu feum

B’ i Òraid na bliadhna an 23as òraid san t-sreath chliùiteach seo, agus cuid dhe na daoine as ainmeile anns an t-saoghal phoblach, phoilitigeach agus chultarail air an òraid a lìbhrigeadh, nam measg; an t-eòlaiche eachdraidh is rannsachaidh, An Dr. Seumas Mac an t-Sealgair, a thug seachad a’ chiad òraid ann an 1990; Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon BPA; Gordon Brown BP; Dòmhnall Mac an Deòir BPA, nach maireann, agus Máire Mhic Róibín, a bha na Ceann-Suidhe Phoblachd na h-Èireann. 

Bha an Òraid stèidhichte air co-obrachadh ùr eadar Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus acadaimigich aig Sabhal Mòr Ostaig agus a’ leantainn air an taisbeanadh Fiadhaich is Glòrmhor – Seallaidhean Romansach de dh’ Alba, a bha ri fhaicinn aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, agus air an do dh’obraich an triùir a thug seachad an òraid – an Dr. Stuart Allan, Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, agus an t-Oll. Ùisdean Cheape is an Dr. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, bho Shabhal Mòr Ostaig. 

Bhruidhinn Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig, Dr. Gillian Rothach, mun Òraid: “‘S e tlachd agus urram a th’ air a bhith ann dha Sabhal Mòr Ostaig a bhith ag obair gu dlùth le Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air a’ chuspair seallaidhean nan Gàidheal air an linn Romansach. Bha an co-obrachadh san taisbeanadh nàiseanta Fiadhaich is Glòrmhor fìor shoirbheachail. San taisbeanadh, a tha dìreach air tighinn gu crìch, chualas guthan is beachdan nan Gàidheal a bha gu tric eadar-dhealaichte bho na guthan a chuala sinn roimhe ann an cunntasan is taisbeanaidhean nàiseanta is eadar-nàiseanta air an linn Romansach is na Gàidheil. Bha a’ Ghàidhlig sgrìobhte ri leughadh agus guthan nan Gàidheal rin cluinntinn san taisbeanadh gu lèir air panailean is teagsaichean air feadh an taisbeanaidh. Ann an Òraid an t-Sabhail, bha cothrom aig an Ollamh Cheape, Dr. Stiùbhairt is Dr. Allan meòrachadh air a’ cho-obrachadh, agus rinneadh co-dhùnadh gum bithear ag obair còmhla a-rithist, gu maith ar n-eòlais nàiseanta air sealladh nan Gàidheal air eachdraidh.” 

Thug an t-Oll Ùisdean Cheape seachad a bheachd air an òraid agus an taisbeanadh: “’S e deagh chothrom a th’ ann an Òraid an t-Sabhail a bhith a’ cur an cèill beachd air staid a’ chànain san latha an-diugh agus a bhith a’ meòrachadh air slighean air adhart ri obrachadh tro mheadhan na Gàidhlig anns an fharsaingeachd. ’S e cothrom sònraichte math a bh’ ann dhuinn am-bliadhna le tachartas ann an Dùn Èideann ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba far an tug triùir againn seachad òraid air cuspair taisbeanadh an Taigh-tasgaidh, Fiadhaich is Glòrmhor, mun Linn Romansach agus mar a chaidh a stèidheachadh ann am Breatainn agus air feadh an t-saoghail air cultar is cànan na Gàidhealtachd. Cha b’ e eadar-theangachadh a rinn muinntir an t-Sabhail air an Linn Romansach airson ‘taisbeanadh dà-chananach’ a thoirt gu buil ach cruthachadh de thionndadh ùr air eachdraidh nan Gàidheal agus sealladh aca fhèin air atharraichean tro na bliadhnaichean seo. Bha sinn a-mach air an t-seòrsa seo de dh’obair cho-obrachail agus air com-pàirteachas eadar colaiste agus taigh-tasgaidh, agus tha mi a’ creidsinn gun do chòrd an naidheachd mu oidhirp ùr-ghnàthaichte ris an luchd-èisteachd air an oidhche ud!”