Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble & Neach Òg na Bliadhna 2018

10/2018

Chaidh an t-seachdamh Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Nobail a thoirt seachad le Murchadh Peutan às an Eilean Sgitheanach, aig Sabhal Mòr Ostaig air Diardaoin 11 Dàmhair agus b’ e an cuspair a bh’ aige, “Ann an làrach coise nan Gaisgeach”.

Chuir Urras an Eilein, anns a bheil Murchadh gu mòr an sàs, air dòigh ceithir turasan a dh’ ionnsaidh cladhan a’ Chiad Chogaidh, a’ cumail seirbhisean cuimhneachaidh anns a’ Ghàidhlig aig na làraich far an robh na Gaidheil an sàs. Thadhail iad cuideachd air St Valery-en-Caux anns an Fhraing far an deach na rèisimeidean Gàidhealach a ghlacadh anns a’ Chèitean 1940, a dh’ fhàg mòran nam prìosanaich cogaidh anns a’ Ghearmailt agus anns a’ Phòlainn fad còig bliadhna.

Thuirt Prionnsapal na Colaiste, an Dr Gillian Rothach: “Is e urram mòr a th’ ann a bhith ag obair le Urras an Eilein agus Fearann Eilean Iarmain, mar chuimhneachan air dìleab Gàidhlig Shir Iain.

B’ e urram sònraichte a bh’ ann gun deach an òraid am bliadhna a lìbhrigeadh le Murchadh Peutan, a bha cho eòlach air Sir Iain agus a bha ag obair, thar nam bliadhnaichean, còmhla ri Iain is Sgitheanaich eile, gus an t-urras a stèidheachadh agus a leasachadh, uile gu maith na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.

Anns an òraid aige, thug Murchadh dealbh air leth cumhachdach dhuinn air na seirbheisean cuimhneachaidh a chaidh an cumail, o cionn ghoirid, anns an Fhraing, le buidheann de Sgitheanaich. Sna seirbhisean cuimhneachaidh Gàidhlig seo, chuimhnich iad air na daoine às na h-eileanan a thug seachad am beatha air sgàth nan teaghlaichean, coimhearsnachdan is dùthaich aca.  Tha sinn moiteil, tro Òraid Shir Iain Noble, gun tug sinn urram is cuimhne dha na gaisgich, fireann is boireann, às na h-eileanan, a chuidich ann a bhith a’ toirt an Cogadh Mòr gu crìch”.

Bhruidhinn Murchadh mu chuspair na h-òraid, ag ràdh:  “Cho tiamhaidh sa bha na seirbhisean cuimhneachaidh agus cho garbh sa bha na tachartasan a bhathar a’ comharrachadh – mairidh iad sin ann an cuimhne an fheadhainn an bha an làthair fad am beatha.  Cha ghabh am bròn a tha sin a chuir ann am faclan.”

A bharrachd air an òraid, chaidh duais shònraichte a thoirt seachad air an oidhche le Urras an Eilein airson “Neach Òg na Bliadhna” agus b’ e Alasdair Dòmhnallach à Cilmoluag a ghlèidh an duais.

As dèidh dha an duais fhaighinn, thuirt Ally:  “Cha robh mi an dùil idir ris an duais seo.  ‘S e tlachd air leth a th’ann gun deach m’ ainm a chuir air adhart agus gu bheil a leithid de dhuais ann gus òigridh an-diugh a bhrosnachadh is a bhith moiteil as a’ chànan aca.”

Chrìochnaich an oidhche le ceòl na pìoba leis an Dr Aonghas Dòmhnallach, à Gleann Ùige, ‘s e a’ cluich port a rinn e fhèin as dèidh dha a bhith thall san Fhraing air aon de na turasan seo.

Tha an òraid seo, a chaidh a stèidheachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein - dà bhuidheann aig an robh dlùth cheangal le Sir Iain fad iomadh bliadhna - mar chuimhneachan air an obair mhòr a rinn e don Cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig.