Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Rathad ùr Baile na Cille Bige air ainmeachadh as dèidh seann Chathraiche an t-Sabhail Mhòir

06/2018

Chuir Bòrd Stiùiridh, Prionnsapal agus Sgioba Stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig fàilte mhòr an-diugh air ainmeachadh oifigeil a’ chiad rathaid ùir ann an Leasachadh Baile na Cille Bige.  Tha Rathad MhicGuaire air an làrach ri taobh Ionad Iain Nobail, a chaidh fhosgladh ann an 2015, agus a tha air ainmeachadh air Sir Iain Nobail a stèidhich a’ Cholaiste. 

Chaidh am fosgladh oifigeil a dhèanamh le Ceit Fhoirbeis BPA, far an deach moladh mòr a dhèanamh air far an deach moladh mòr a dhèanamh air Donnchadh MacGuaire, air a bheil an rathad ùr ainmeachadh, airson na rinn e thar nam bliadhnaichean, gu seachd àraid sna tràth bhliadhnaichean, mar aon de na chiad urrasairean aig a’ Cholaiste agus mar Chathraiche.

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ollamh Boyd Robasdan is e a’ dèanamh luaidh air an-diugh:  “’S e urram a tha seo do Dhonnchadh air a bheil e làn thoillteanach.  Tha e ag aithneachadh na h-obrach thar tomhais a rinn e gus a’ Cholaiste a leasachadh rè iomadh bliadhna agus na chuir e ri leasachadh a’ chànain is a’ chultair agus ri adhartas foghlam Gàidhlig agus foghlam tron Ghàidhlig, an dà chuid mar neach-teagaisg agus neach-sgrùdaidh.  

Cha bhiodh Sabhal Mòr Ostaig an-diugh mar Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig mura b’ e saothair àibheiseach Dhonnchaidh anns na tràth bhliadhnaichean, an dòigh chùramach san do stiùir e cùrsa mar Chathraiche le taic nan urrasairean agus an lèirsinn fad-sheallach is an dealas a nochd e san obair thùsail.  Tha gach neach a bhuannaich bhon àite iongantach agus bhrosnachail seo thar nam bliadhnaichean on uair ud fada na chomain agus ’s ann air an adhbhar sin a tha sinn a’ dèanamh co-ghàirdeachas cuide ris an-diugh.  Tha e cho iomchaidh mar sin gum bi ainm air a cheangal gu bràth ri Sabhal Mòr Ostaig agus ri leasachadh Baile na Cille Bige, coimhearsnachd Ghàidhealach ùr is sheasmhach le Gàidhlig agus a cultar aig a cridhe.”

Ann a bhith a’ stiùireadh na cuirme fosglaidh oifigeil, chuir Ceit Fhoirbeis BPA a meal-a-naidheachd phearsanta fhèin air Mgr MacGuaire ag ràdh: “Tha Donnchadh MacGuaire uile gu lèir airidh air an aithneachadh seo airson a bhliadhnaichean de dhealas às leth na Gàidhlig agus Sabhal Mòr Ostaig. Tha na cothroman a tha ri fhaighinn le ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig gu mòr an crochadh air na rinn daoine mar Donnchadh MacGuaire aig an robh de spionnadh, de lèirsinn agus de mheas air an cànan airson cumail a’ cothachadh. An-diugh, tha na cothroman foghlaim, fastaidh agus cultarach a’ leigeil le luchd-labhairt na Gàidhlig tighinn beò agus obrachadh sa chànan as fheàrr leotha ann an dòigh nach biodh air a bhith comasach gun spàirn Mhgr MhicGuaire.

“Tha baile ùr na Cille Bige na phàirt dhen sgeul sin oir tha e deatamach nach bi a’ Ghàidhlig is a cultar cuingealaichte gu ionad foghlaim a-mhàin. ’S e cànan bheò is bheothail a th’ innte a bhios an urra san àm ri teachd ri oidhirpean a h-altram mar chànan coimhearsnachd. Chan urrainnear cudromachd a’ bhaile ùr àicheadh aig àm far a bheil uimhir a dh’ fhèill air taigheadas agus a tha daoine a’ faighinn duilgheadais àiteachan-fuirich aig prìs chuimseach a lorg. Chan eil nàire sam bith orm a ràdh gu bheil mi toirt taic do bhith a’ cur Gàidhlig aig teas-meadhan a’ bhaile ùir.  Is àbhaist prìomhachas a bhith aig a’ Bheurla anns gach taobh de ar beatha, agus bidh e mìorbhaileach a bhith a’ coiseachd sìos nan sràidean ùra sna bliadhnaichean ri tighinn agus a bhith cluinntinn na Gàidhlig ga bruidhinn.

“Tha mise air buannachd fhaighinn à tar-chur eadar-ghinealach na Gàidhlig tro bhith còmhradh ri luchd-labhairt Gàidhlig nas sine. Tha an eòlas-san air a’ chànain prìseil is cha bhi e mun cuairt gu bràth is, mar sin, tha e iomchaidh gu bheilear ag oidhirpeachadh air dàimh a thogail eatarra agus luchd-labhairt nas òige.”

A bharrachd air a’ chuirm ainmeachaidh oifigeil, choinnich Ceit ris a’ chiad dà theaghlach a tha a’ fuireach sa bhaile ùr agus bha i cuideachd toilichte a ràdh gun tèid an ath ìre de leasachadh na Cille Bige, airson taighean aig prìs chuimseach a thogail, a thòiseachadh a dh’ aithghearr, is planaichean an impis a dhol a-steach air an son.  

Thèid an dàrna ìre a thoirt gu buil tro chom-pàirteachas anns am bi Sabhal Mòr Ostaig, Urras Taigheadais Coimhearsnachdan Beaga na Gàidhealtachd, Comhairle na Gàidhealtachd agus an Roinn Phrìobhaideach an sàs agus bidh measgachadh de thaighean rin ceannach, flataichean air mhàl agus làraichean taighe ann.

Tha sinn ag amas cuideachd air seann dhaoine aig a bheil ùidh ann an taighean ùra a tha nas fhreagarraiche dha na feumalachdan aca fhèin.  

Tha cuideachd amas air seann daoine le Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an taighean ùra a tha nas fhreagarraiche dha na feumalachdan aca fhèin a dh’ fhaodadh a bhith mar phàirt dhen bhaile agus gum biodh dlùth cheangal eatorra agus oileanaich an t-Sabhail, gu maith a’ choimhearsnachd agus a’ chànain.

Thuirt Prionnsapal SMO, An t-Ollamh Boyd Robasdan:  “’S e cothrom dha-rìribh a tha seo sruth eadar-ghinealach a’ chànain agus an dualchas cultarach nas fharsainge a neartachadh, ann an dòigh glè mhisneachail a bhios gu buannachd gach ginealaich agus dh’iarramaid air neach sam bith aig a bheil ùidh ann a bhith a’ gabhail brath air a’ chothroim a tha an lùib na h-iomairt ùr-ghnàthasaich seo fios a chur thugainn gun dàil.”

Chuir Ceit Fhoirbeis BPA cuideachd fàilte air an naidheachd gu bheil planaichean airson ionad spòrs ùr air bhog, as dèidh co-chomhairleachadh choimhearsnachd agus sgrùdadh is plana gnìomhachais air a dhèanamh.  Bheir seo goireasan spòrs is slàinte don sgìre, air a bheil cruaidh fheum, agus cuiridh iad sin ri beatha oileanaich an t-Sabhail agus muinntir na coimhearsnachd air fad.  Tha an obair mu dheireadh ga dhèanamh airson an tagradh a thoirt gu ìre planaidh agus tha dòchas ann gun tòisich obair air an ionad spòrs as dèidh an dàrna ìre de thaigheadais.