Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

BBC Radio nan Gàidheal a craoladh beò bho SMO

04/2019

Airson a’ chiad uair riamh bidh BBC Radio nan Gàidheal a’ dèanamh latha craolaidh beò bhon Cholaiste Diardaoin 18mh den Ghiblean!

Bidh 4 prògraman a’ dol a-mach beò gu lèir, Program Choinnich le Coinneach MacÌomhair, Feasgar le Cathy NicDhòmhnaill, Siubhal gu Seachd le Derek Pluto Moireach agus Rapal le Emma NicLaomain.  Mar phàirt de Rapal, bidh 3 còmhlan a’ cluich beò dhuinn air an oidhche!

Program Choinnich – beò bho stiùidio Skyespace ann am Fàs

Feasgar – beò bho stiùidio Skyespace ann am Fàs

Siubhal gu Seachd le Pluto beò bho ACC eadar 17.30 – 19.00

Rapal le Emma NicLaomain beò bho ACC eadar 19.00 – 21.00

Bidh na còmhlan seo uile ann cuideachd a’ cluich beò ann an ACC:

Iain “Spanish” Mackay agus a chòmhlan

Anna Sweeney agus a còmhlan

Brown Bear

 

Bidh an oidhche a’ crìochnachadh le pàrtaidh san Talla Mhòr eadar 9f – 1m le DJ Gasta a’ cluich “Cheesy pop” le aoighean Emma NicLaomain is Derek Pluto.  Tha a h-uile rud saor an asgaidh.  Thigibh ann!