Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seachdain nan Teaghlach spòrsail air a chumail air-loidhne le Sabhal Mòr Ostaig

08/2020

Chaidh Seachdain nan Teaghlach air leth soirbheachail a chumail air-loidhne bho chionn ghoirid, mar phàirt de Phrògram Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail.

‘S e tachartas ionnsachadh teaghlaich airson theaghlaichean le Gàidhlig a th’ ann agus bidh e a’ gabhail àite aig a’ cholaiste gach bliadhna.  Chaidh a thòiseachadh leis a’ Bhuidheann Ath-sgrùdaidh airson Gàidhlig aig Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd (CLADRG) agus tha e maoinichte le Bòrd na Gàidhlig.

Tha an tachartas fad seachdain seo fosgailte do theaghlaichean aig a bheil clann a tha a’ faighinn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e a’ toirt cothrom do phàrantan aon de chùrsaichean cànain na colaiste a fhrithealadh fhad ’s a tha an cuid-cloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadach cur-seachad spòrs, ealain agus eile tro mheadhan na Gàidhlig.

Air sgàth Covid-19 cha robh sin gu bhith comasach am bliadhna, ach a dh’ aindeoin sin ghabh 18 teaghlaichean (26 inbheach agus 28 duine-cloinne) pàirt ann.  Bha clasaichean Gàidhlig aig diofar ìrean ann do dh’ inbhich, beò air Zoom, bho Dhiluain gu Dihaoine, agus bha cuideachd bhideothan, taisbeanaidhean agus goireasan a dh’ fhaodadh iad luchdadh a-nuas as dèidh làimh a-rèir an cuid feumalachdan fhèin.

Airson na cloinne, bha measgachadh de sheiseanan beò agus feadhainn clàraichte, bhideothan spòrsail agus clasaichean leughaidh le Leugh le Linda.  Bidh na goireasan seo ann airson na teaghlaichean as dèidh làimh cuideachd gus am faod iad cumail orra leis an cuid ionnsachaidh.

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, a tha na Chathraiche air Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd:  “’S e tachartas cudromach a th’ ann an Seachdain nan Teaghlach do theaghlaichean tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e a’ toirt cothrom mhath dha rìribh dhaibh, pàrantan agus clann, an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.  Tha pàrantan a’ faighinn an cothrom piseach a thoirt air an cuid Gàidhlig fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ dol an sàs ann an tachartasan beòthail air loidhne le clann eile a tha ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.  ‘S e sàr eisimpleir a th’ ann an Seachdain nan Teaghlach de cho-obrachadh shoirbheachail eadar Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig, mar a tha air aontachadh anns am Meòrachadh Tuigse eatorra.”

Chaidh fòrum teaghlaich cuideachd a chur air dòigh gus cothrom a thoirt do phàrantan coinneachadh le chèile, gu sàbhailte agus gu dòigheil, air loidhne le dòchas gun lean seo sna mìosan is na bliadhnaichean a tha ri thighinn.