Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

A 'Bhana-phrionnsa Rìoghail a' frithealadh seirbheis ceumnachaidh

07/2018

Thadhail a Mòrachd Rìoghail a 'Bhana-phrionnsa Rìoghail air Inbhir Pheofharain an-diugh airson a bhith os cionn seirbheis ceumnachaidh Colaiste Dhiadhachd na Gaidhealtachd UHI ann an Inbhir Pheofharain agus Eaglais Shaor Srath Pheofhair. Na dreuchd mar Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, thug HRH teisteanasan do na ceumnaichean agus rinn i òraid.Bhruidhinn an t-Urramach Stiùbhart Mac a’ Ghobhainn, ministear Eaglais na h-Alba ann an Geàrrloch agus Dùn Dòmhnaill aig an tachartas cuideachd.


Bha deannan dhuaisean sònraichte air an toirt seachad aig a’ cheumnachadh. Bhuilich an Oilthigh airson a’ chiad turas riamh Ollamhachd Urramach agus b’ i Eileen NicAoidh, a tha air a bhith na neach-taic dhan Oilthigh o chionn fhada, a fhuair i. Thogadh Eileen ann an Inbhir Pheofharain mus do thòisich i cùrsa-dreuchd cliùiteach anns an t-Seirbheis Chatharra. Bha dreuchdan aice ann an Ionmhas na Banrigh agus ann an Oifis a’ Chaibineit. An dèidh dhi a dreuchd a’ leigeil dhith, chuir i seachad a tìde ann an raon farsaing de dhreuchdan neo-ghnìomhach. Bha i na ball saor-thoileach neo-eisimeileach de chùirt an Oilthigh agus shuidh i air grunn chomataidhean den Oilthigh. Tha a h-Ollamhachd Urramach ag aithneachadh na sàr-obrach a rinn i don Oilthigh.

Cuideachd, chaidh Bonn Seansalair an Oilthigh a bhuileachadh air Iain Tormod MacLeòid, Iar-phrionnsapal agus Stiùiriche Foghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig UHI.  Tha Iain Tormod, a thàinig dhan Cholaiste Ghàidhlig ann an 1983 mar a’ chiad òraidiche, a’ dol a leigeil dheth a dhreuchd nas fhaide den bhliadhna. Tha an duais seo ag aithneachadh a’ phàirt aige ann an leasachadh foghlam adhartach agus àrd ìre tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ chùrsa-dhreuchd aige thar 35 bliadhna.



Chaidh duais Oileanach na Bliadhna Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI a thoirt do Raibeart MacNeacail à Cumbria. Chaidh Robert, a tha ag ionnsachadh air BA (Urr) an oilthigh ann an eòlas diadhachd, a mholadh airson cho aigneach, càirdeil, taiceil is a bha e. Fhuair e creideas cuideachd airson a’ chuideachaidh a bhios e a’ toirt tron dreuchd aige mar riochdaire oileanaich. Fhuair Raibeart teisteanas agus seic £100 agus thèid ainm a-nis a chur air adhart mar thagraiche airson duais Oileanach na Bliadhna Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Chaidh Duais Dìcheallachd Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI a thoirt do Cate Ramos. Tha an duais ag aithneachadh oileanaich a tha air dealas agus dìlseachd anabarrach a nochdadh anns an ionnsachadh aca a dh’aindeoin shuidheachaidhean dùbhlanach. Rinn Cate imrich às na Eileanan Filipineach a fhrithealadh cùrsa inntrigidh sa cholaiste ann an 2016, is tha i a-nis a’ leantainn BA (Urr) an oilthigh ann an eòlas diadhachd. Is ann tron treas cànain aice a tha i ag ionnsachadh, leis gun do dh’ionnsaich na cànainean ionadail is nàiseanta aice fhèin mun do dh’ionnsaich i Beurla. Bidh Cate cuideachd a’ toirt seachad ùine gu saor-thoileach mar riochdaire oileanaich agus mar cheann-suidhe Aonadh Crìostail Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thuirt Eachainn Moireastan, Prionnsapal Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI: “Tha an-diugh air a bhith na latha air leth sònraichte airson nan ceumnaichean agus nam buannaichean againn, airson nan teaghlaichean agus nan caraidean a chruinnich còmhla rinn, agus airson an Oilthigh agus na Colaiste.  Cuideachd, bha e na urram mòr dhuinn fàilte a chur air Seansalair an Oilthigh, A Mòrachd Rìoghail, a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail. Bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air gach ceumnaiche agus gach soirbheachadh a ghuidhe leotha airson an ath cheum nam beatha.”

Chuir Iar-sheansalair agus Prionnsapal Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland, ris an seo ag ràdh: “Is e mòr-thlachd a tha air a bhith ann a bhith a’ comharrachadh dìcheall nan ceumnaichean againn agus ag aithneachadh na h-obrach air leth luachmhor a rinn Eileen NicAoidh agus Iain Tormod MacLeòid. Tha an dithis air pàirt fìor chudromach a chluich ann an leasachadh an Oilthigh agus tha sinn a’ toirt taing mhòr dhaibh airson am bliadhnaichean mòra de sheirbheis.”

Thuirt Eileen NicAoidh: “Tha mi air mo ghluasad gu mòr leis an urram seo bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus gu sònraichte an seo sa bhaile agam fhìn, Inbhir Pheofharain. Tha e air a bhith na urram mòr dhomh pàirt a chluich ann an tràth-bhliadhnaichean an Oilthigh, a thèid bho neart gu neart anns na bliadhnaichean ri thighinn.”

Thuirt Iain Tormod: “Tha mi faireachdainn gu bheil urram mòr air a bhith air a chur orm le bhith faighinn na duaise seo bhon Oilthigh, agus tha mi gu sònraichte toilichte am bonn fhaighinn bho làimh A Mòrachd Rìoghail, a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail. Tha an t-Oilthigh agus a colaistean ann am com-pàirteachas air cruth-atharrachadh a thoirt air cothroman airson ionnsachadh agus obair tarsainn na Gàidhealtachd is nan Eilean. Agus, tha e cudromach gun tèid aithne a thoirt don phàirt a tha luchd-obrach, oileanaich, agus ceumnaichean a’ cluich ann an ath-bheothachadh eaconamach, cultarach, agus sòisealta ann an coimhearsnachdan ionadail agus anns an roinn air fad. Tha e air a bhith na onair agus na urram dhomh a bhith ag obair còmhla ri co-obraichean cho brosnachail aig Sabhal Mòr Ostaig agus air feadh com-pàirteachas an oilthigh. Agus, tha e air a bhith air leth taitneach pàirt a bhith agam ann an leudachadh agus leasachadh na Gàidhlig aig an treas ìre.”