Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Seiseanan an t-Sabhail

05/2018

Tha sinn a' sireadh na leanas: luchd-ciùil òg, seinneadairean, còmhlanan-ciùil, riochdairean, DJan, luchd-ealain fuaime, pod-chraoladairean, luchd-film agus sgrìobhadairean-ciùil! Ciamar a chòrdadh trì làithean an asgaidh riut is tu ag obair ann an stiùidio clàraidh cuide ri einnseanair fuaime no riochdaire proifeiseanta? Nan còrdadh, nach cuir thu do bheachd-smuain dha Seiseanan an t-Sabhail / Big Barn Sessions airson cothrom air 3 làithean de dh'ùine stiùidio an asgaidh fhaighinn aig Stiùidio Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.

Tha am pròiseact Seiseanan an t-Sabhail / Big Barn Sessions a' tairgsinn a' chiad sheisein clàraidh do dhaoine òga ann an stiùidio clàraidh proifeiseanta. Tha 6 seiseanan ri fhaighinn uile gu lèir agus gach seisean a' mairsinn 3 làithean is iad air am maoineachadh le Alba Chruthachail agus Youth Music Initiative agus le taic Stiùidio Ostaig / Shabhal Mòr Ostaig. Gabhar ri iarrtasan aig duine sam bith eadar 16-25 bliadhna a dh'aois a tha a' fuireach air a' Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan agus a tha na neach-ciùil no ann an còmhlan-ciùil nach do chlàraich sìan gu proifeiseanta gu ruige seo. Bithear a' meas an luchd-iarrtais a rèir an cuid cruthachalachd, chomasan, tùsalachd agus dealais, agus cuirear prìomhachas air daoine aig am biodh duilgheadas cothrom fhaighinn air stiùidio a chleachdadh gu h-àbhaisteach agus do dhaoine nach eil ann am foghlam làn-ùine. Tha taic airgid ri faighinn cuideachd a chumadh taic ri daoine nam biodh àite-fuirich agus còmhdhail a dhìth orra.

Tha 11 duine/chòmhlan air an cothrom seo a ghabhail bho 2014, a leithid:

- Ellen NicDhòmhnaill, a tha a' seinn anns a' chòmhlan Gàidhlig ainmeil, Dàimh

- Ros T, a tha na riochdaire òg às an Eilean Sgitheanach a mheasgaich òran san stiùidio, a chaidh sgaoileadh air Eton Messy à Lunnainn

- Rhuvaal, a chlàraich a' chiad òran singilte aca cuide rinn ann an 2017

Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.

 

Iarrtasan: 

Cuir post-d gu hec.macinnes@gmail.com agus 'BBS 2018' mar loidhne cuspair, agus freagair na ceistean a leanas:

Dè an t-ainm a th' ort / a th' air a' chòmhlan agad / air a' bhuidhinn agad?

A bheil còrr is aon duine ann, ma tha, dè an t-ainm a th' air na daoine eile a tha an sàs?

Dè an aois a tha thu?

Càit a bheil thu a' fuireach?

Innis dhuinn beagan mun cheòl /mun fhuaim / mun obair agad? Cò ris a tha e coltach?

Innis dhuinn mu na choisinn thu gu ruige seo.

Dè dhèanadh tu le 3 làithean san stiùidio?

An dèidh an t-seisein agad san stiùidio, dè nì thu leis na clàraidhean, leis a' cheòl agus leis na sgilean ùra agad?

Càit an cluinn sinn beagan den obair agad? A bheil làrach-lìn/Soundcloud agad? Am b' urrainn dhut òran a chlàradh dhuinn air a' fòn agad?

 

Ma tha ceist sam bith agad nach cuir thu post-d gu Hector MacAonghais aig  hec.macinnes@gmail.com no cuir fòn dha air 07747148465