Seiseanan Ceistean is Freagairtean (Cùrsaichean Fo-Cheum is For-Cheum)
12/2020
Dè tha romhad ann an 2021? A’ cur iarrtas gu UCAS? Am beachd tòiseachadh air cùrsa ùr làn-ùine no pàirt-ùine? Am bu toil leat Gàidhlig a dhèanamh no a bheil ùidh agad ann an dreuchd ann an teagasg, ceòl, cultar no na meadhanan?
Coimhead air na seiseanan cheistean againn beò air Facebook far am bi fiosrachadh mun cholaiste againn is mu na cothroman ionnsachaidh aig a’ cholaiste agus air astar; eadar bliadhnaichean bogaidh agus fo-cheuman is for-cheuman. Bidh na Stiùirichean Cùrsa againn ann airson ceist sam bith a th’ agad a fhreagairt mu na cùrsaichean, mu bheatha nan oileanach no mun phròiseas iarrtais. Thig nar cuideachd beò air Facebook aig na h-uairean a leanas:
Diluain 7 Dùbhlachd, 18:00
Gàidhlig is Conaltradh: Cùrsa Bogaidh do dh’Fhileantaich
Dimàirt 8 Dùbhlachd, 18:00
An Cùrsa Comais: Cùrsa Bogaidh do Luchd-ionnsachaidh Eadar-mheadhanach
Diciadain 9 Dùbhlachd, 18:00
BA Gàidhlig is Foghlam / PGDE: Foghlam Teagaisg
Diardaoin 10 Dùbhlachd, 18:00
BA Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta
Dihaoine 11 Dùbhlachd, 18:00
Cànan, Cultar is Leasachadh: Cùrsaichean Fo-cheum
Dimàirt 15 Dùbhlachd, 18:00
Cùrsa Inntrigidh / Adhartais: Cùrsaichean Air Astar
Diciadain 16 Dùbhlachd, 17:30
Dip HE anns na Meadhanan Gàidhlig
Diardaoin 21 Am Faoilleach, 18:00
Cùrsaichean is Rannsachadh For-cheuma
Bidh na seiseanan uile a’ gabhail àite beò air an duilleag Facebook againn.
Ma tha ceist sam bith agad, cuir thugainn e: margaideachd@smo.uhi.ac.uk