Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

SGOILEARACHD EALAIN JON SCHUELER GA TABHANN AIG SABHAL MÒR OSTAIG AIRSON AN TREAS UAIR

12/2014

Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, gu bhith tabhann sgoilearachd, eadar-nàiseanta airson nan ealain lèirsinne do neach-ealain a thig air mhuinntireas chun na colaiste agus seo a’ leantainn air a’ chiad sgoilearachd a chaidh a ghabhail le dealbhadair ainmeil à Iapan.

’S e com-pàirteachas air leth sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig ann an Alba is Urras Carthannais Jon Schueler ann an New York agus bidh e a’ cur ri toraidhean prògram an luchd-ealain air mhuinntireas aig SMO a tha faighinn taic bho Alba Chruthachail. Gach bliadhna, gheibh neach-ealain eadar-dhealaichte cothrom air an sgoilearachd a thèid a thabhann suas gu 2016. Chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich Jon Schueler (1916 – 1992), peantair eas-chruthach, expressionist agus mar chomharra air an dàimh làidir a bh’ aige ri cruth-tìre is àrainneachd na Linne Slèitich.

Thuirt Kath NicLeòid, an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig SMO: “Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith toirt Sgoilearachd John Schueler do neach-ealain eile air mhuinntireas am-bliadhna. An-uiridh chuir 344 neach-ealain lèirsinne bho Alba, an Rìoghachd Aonaichte agus bho air feadh an t-saoghail a-steach air a shon. Tha an uiread a chuir a-steach an turas mu dheireadh, cho sònraichte math agus a bha an obair aca, agus an t-eadar-dhealachadh san obair sin uile air ar misneachadh gu mòr agus tha e a’ sealltainn an spèis a th’ aig daoine don obair a rinn Jon Schueler. Tha an sgoilearachd a’ toirt cothrom do luchd-ealain beachdan is smaointean a roinn le càch ann an àrainneachd ealain Ghàidhlig an seo aig SMO, sa bheil diofar sheòrsaichean ealain agus cultar am pailteas, agus cothrom a bhith air an gluasad gu ealain san àrainneachd sin. Fhuair an neach-ealain ainmeil Takeshi Shikama a’ chiad sgoilearachd ann an 2013, chan e a-mhàin gun tug cruth-tìre an eilein buaidh air a obair fhad ’s a bha e an seo, ach cuideachd dhrùidh ceòl na Gàidhlig air mar neach-ealain, agus chaidh taisbeanadh de obair Takeshi a shealltainn aig SMO, a’ chiad turas a chaidh obair an Iapanaich a shealltainn san Rìoghachd Aonaichte.

Se Helmet Lemke, nuadh neach-ealain bhon Ghearmailt a fhuair an dàrna sgoilearachd ann an 2014. A' toirt a ghreis mar Neach-ealain Jon Schueler gu crìch, chur Helmut Lemke seachad blasaid den dòigh-obrach ealain is obair leantainneach aige ann an oidhche de fuaimean, ceòl is bàrdachd air a leantainn le taisbeanadh de dhealbhan a bha a’ riochdachadh a bheachdan air an fuaim mu àrainneachd an t-Sabhail is a crìochnachadh le bhith a cuir an leabhair aige “Cànan, Sreathan, Tuinn” air bhog.”

Thuirt Helmut: “  Being given the opportunity to work for three month in the unique context of Gaelic Culture and Language, based on the breathtaking beautifully island of Skye and surrounded by supportive and engaging people has opened new routes in my work for me. This residency is absolutely one of the most stimulating I have ever been involved in.  ”                                                                       

Tha an Sgoilearachd fosgailte do luchd-ealain eadar-nàiseanta, Albannach no bhon Rìoghachd Aonaichte a tha ag obair air ìre ealantais fìor àrd ann am meadhan lèirsinne agus aig a bheil ùidh gu sònraichte ann an seallaidhean tìre is mara agus an àrainneachd. Tron Sgoilearachd, faodaidh an neach-ealain a bhith stèidhichte fad mìosan an t-samhraidh is an fhoghair san Stiùidio Ealain aig SMO, a tha suidhichte ann am Fàs, an t-Ionad airson nan Gnìomhachasan Cruthachail is Cultarach.

Thathar a-nis a’ sireadh iarrtasan airson Sgoilearachd Jon Schueler airson nan Ealain Lèirsinne, 2015, agus mairidh ùine na Sgoilearachd eadar an t-Iuchar is an Dàmhair 2015. Bidh cothrom aig an neach a gheibh an sgoilearachd, a bhith rannsachadh agus a’ cur air adhart phròiseactan is ag obair fad 3 mìosan ann an stiùidio ealain air leth goireasach le sealladh iongantach air an Linne Shlèiteach, an caolas a thug uiread buaidhe air Schueler fhèin mar neach-ealain.

Aig deireadh na h-ùine còmhnaidh aca, bidh cothrom aig an neach-ealain taisbeanadh dhen obair aca a chur air dòigh aig Sabhal Mòr Ostaig, agus thathar an dòchas gun tèid taisbeanadh sònraichte de ‘Thoraidhean Sgoilearachdan Jon Schueler’ a chumail aig deireadh nan ceithir bliadhna le obair bhon luchd-ealain uile a fhuair sgoilearachd. Thèid co-labhairt a chumail a’ comharrachadh beatha’ obair is buaidh Schueler air an 27-29mh a Chèitean 2016 aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bu chòir iarrtasan airson Sgoilearachd Jon Schueler na bliadhna sa a bhith a-staigh ro 3 Gearan 2015. Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhlaibh air http://www.smo.uhi.ac.uk/en/ealain-is-cultar/jon-schueler