Le bhith a' cleachdadh na làraich seo, tha thu a' gabhail ri criomagan.
Faic poileasaidh nan criomagan againn airson barrachd fiosrachaidh air dè na criomagan a chleachdas sinn agus ciamar.

Dùin seo

Home

Fuaim gu bhith aig cridhe an dàrna Sgoilearachd Jon Schueler airson neach-ealain air mhuinntireas aig SMO

06/2014

Tha an nuadh neach-ealain, Helmut Lemke, gu bhith tighinn gu Sabhal Mòr Ostaig OGE mar neach-ealain air mhuinntireas agus an dàrna Sgoilearachd Jon Schueler ga bhuileachadh air a’ Ghearmailteach iomraiteach. Tha Helmut air consairtean, taisbeanaidhean fuaime is ealain “shuidhichte” a chur air dòigh ann am iomadh àite is làrach fa leth is sònraichte bho thòisich e ag obair sna 1970an. Bho tallachan-ciùil gu margaidhean a-muigh, eadar gailearaidhean is taighean-tasgaidh, bho thaighean-seinnse gu fèisean mòra eadar-nàiseanta, tha daoine air obair a chluinntinn agus fhaicinn ann an iomadh ceàrnaidh den t-saoghal.

Thuirt Oifigear Leasachaidh Ealain na Colaiste, Kath NicLeòid: “Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil Helmut Lemke gu bhith againn mar an dàrna neach-ealain air mhuinntireas airson Sgoilearachd Jon Schueler, tha Helmut na nuadh neach-ealain air leth tàlantach agus inntinneach. Tha an sgoilearachd seo air a bhith air leth soirbheachail, agus mar fhianais air cho tarraingeach agus a tha i, fhuair sinn còrr math is trì ceud iarrtas am-bliadhna bho air feadh an t-saoghail. Tha mi cinnteach gum bi Helmut a’ sgrùdadh fuaim is cànan tro obair an seo, agus bidh sin glè ùidheil do dhaoine an seo sa Ghàidhealtachd agus ann an Alba.”

Tha fuaim aig cridhe obair Helmut agus bidh e ag obair còmhla ri luchd-ealain fuaime eile, luchd-ealain lèirsinne, ailtirean, bàird, arc-eòlaichean, luchd-ealain cleasachd agus maoir-dhùthcha. Bidh Helmut ag obair le fuaimean a tha cumanta, fuaimean a tha follaiseach, agus fuaimean a dh’fheumas e a lorg agus bidh na fuaimean sin agus meadhanan is obair-ealain eile gan toirt còmhla ann an iomadh dòigh sna taisbeanaidhean aige. Mar a tha e fhèin ag ràdh, tha e daonnan ag èisteachd.

A’ bruidhinn air an ùine a bhios aige aig Sabhal Mòr Ostaig, thuirt Helmut: “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ris na trì mìosan a bhios mi a’ cur seachad san Eilean Sgitheanach. Tha mi an dùil gum faigh mi brosnachadh mòr ann gus obair ùr a chruthachadh a bhios a’ togail air na fuaimean san àrainneachd agus air a’ Ghàidhlig fhèin.”

’S e com-pàirteachas sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus tha e a’ cur ris a’ phrògram air mhuinntireas a tha mar thà air a ruith le SMO agus Alba Chruthachail tron sgeama aca Creative Futures.

Thòisich an sgoilearachd ann an 2013 nuair a fhuair an neach-ealain ainmeil Iapanach Takeshi Shikama a’ chiad sgoilearachd, agus bidh e a’ ruith gu 2016, le neach-ealain ùr a’ tighinn gu SMO gach bliadhna.  Chaidh a stèidheachadh gus comharra a dhèanamh agus cuimhne a chumail air beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich, eadar-nàiseanta agus a’ pheantair eascruthaich, Jon Schueler (1916-1992), agus airson aithne a thoirt dhan dlùth-chàirdeas a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich.